FaclairDictionary EnglishGàidhlig

76: Deirdre (5) 76: Deirdre (5)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Deirdre (5)

Gaelic Gàidhlig

Bha Clann Uisne – Naois, Deirdre, Aillean is Àrdan – a’ dol a thilleadh a dh’Alba. Cha robh Rìgh Uladh, Conachar, toilichte. Chaidh e gu draoidh. Dh’iarr e air an draoidh stad a chur orra. Chuir an draoidh coille thiugh ro Chlann Uisne. Ach chaidh iad tron choille gu furasta.

“Feuchaidh mi dòigh eile,” thuirt an draoidh. Chuir e muir mhòr air a’ mhachair ro Chlann Uisne. Ach cha do chuir sin stad orra.

“Feuchaidh mi dòigh eile airson stad a chur orra,” thuirt an draoidh. Agus reòdh e a’ mhuir. Bha i cruaidh, cnapach. Bha na cnapan geur agus puinnseanta. Thuirt Àrdan gun robh e a’ fàs fann.

“Suidh air mo ghualainn,” arsa Naois. Shuidh Àrdan air gualann Naois. Cha robh e ann fada, ge-tà, nuair a chaochail e.

Thuirt Aillean gun robh esan a’ fàs fann cuideachd. Dh’iarr Naois air Aillean grèim a chumail air. Ach thàinig laigse a’ bhàis air Aillean. Chaochail e. Chunnaic Naois gun robh a bhràithrean marbh. Leig e osna a’ bhàis. Agus chaochail e.

“Tha Clann Uisne marbh,” thuirt an draoidh ris an Rìgh.

“Tiormaich a’ mhuir,” thuirt an Rìgh, “gus am faic mi Deirdre.” Thiormaich an draoidh a’ mhuir. Bha triùir mhac Uisne nan laighe marbh. Bha Deirdre os an cionn a’ caoineadh.

Thug an Rìgh seachad òrdugh sloc a chladhach faisg air loch. Bha cuirp nam bràithrean air an cur ann.

Bha Deirdre na suidhe aig an uaigh. Leum i a-steach agus laigh i ri taobh Naois. Bha ise a-nise marbh cuideachd.

Dh’òrdaich an Rìgh corp Deirdre a thogail às an uaigh. Dh’òrdaich e a tiodhlacadh ann an sloc eile. Bha an sloc eile air taobh thall an locha.

Tro thìde phòs an Rìgh deagh bhean. Shìos aig an loch, dh’fhàs craobh ghiuthais às an uaigh aig Deirdre. Dh’fhàs craobh ghiuthais às an uaigh aig Naois. Chuir geugan an dà chraoibh snaidhm na chèile os cionn an locha.

Dh’òrdaich an Rìgh an dà chraoibh a ghearradh sìos. Ach dh’fhàs iad a-rithist. Chuir iad snaidhm na chèile os cionn an locha. A-rithist dh’òrdaich an Rìgh an dà chraoibh a ghearradh sìos. Ach a-rithist, dh’fhàs iad. Chuir iad snaidhm na chèile os cionn an locha. Bha an Rìgh a’ dol a dh’òrdachadh treas turas na craobhan a leagail. Ach chuir a bhean stad air. Cha do rinn e geur-leanmhainn air na mairbh tuilleadh.

Faclan is abairtean: Bha X a’ dol a thilleadh a dh’Alba: X were going to return to Scotland; Rìgh Uladh: The King of Ulster; dh’iarr e air an draoidh stad a chur orra: he asked the druid to stop them; chuir X coille thiugh ro Y: X put a thick forest in front of Y; tron choille gu furasta:through the forest easily; feuchaidh mi dòigh eile: I’ll try another way; chuir e muir mhòr air a’ mhachair: he put a big sea on the plain; reòdh e a’ mhuir: he froze the sea; cruaidh, cnapach: hard and lumpy; geur: sharp; puinnseanta: poisonous; gun robh e a’ fàs fann: that he was growing weak; suidh air mo ghualainn: sit on my shoulder; cha robh e ann fada, ge-tà, nuair a chaochail e: he wasn’t there long, however, when he died; dh’iarr Naois air Aillean grèim a chumail air:Naois asked Aillean to keep hold of him; thàinig laigse a’ bhàis air Aillean: the weakness of death came upon Aillean; chaochail e:he died (the expression means literally “he changed”); gun robh a bhràithrean marbh: that his brothers were dead; leig e osna a’ bhàis:he le out the sigh of death; tiormaich a’ mhuir: dry the sea; bha triùir mhac Uisne nan laighe marbh: the three sons of Uisne were lying dead; os an cionn a’ caoineadh: above them, weeping; Thug X seachad òrdugh sloc a chladhach: X gave an order to dig a pit; corp Deirdre a thogail às an uaigh: to lift Deirdre’s body from the grave; air taobh thall an locha:on the far side of the loch; phòs an Rìgh deagh bhean: the King married a good wife; dh’fhàs craobh ghiuthais às an uaigh:a pine tree grew from the grave; chuir geugan an dà chraoibh snaidhm na chèile: the branches of the two trees intertwined with each other; an dà chraoibh a ghearradh sìos: to cut down the two trees; bha an Rìgh a’ dol a dh’òrdachadh treas turas na craobhan a leagail: the King was going to order for a third time that the trees be felled; chuir a bhean stad air: his wife stopped him; cha do rinn e geur-leanmhainn air na mairbh tuilleadh: he persecuted the dead no longer.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 380

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile