FaclairDictionary EnglishGàidhlig

241: Clach Mhic Mhìos 241: Clach Mhic Mhìos

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Clach Mhic Mhìos

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Bun Ilidh. Tha sin ann an Cataibh. Tha sinn a’ fuireach anns an sgìre sin an-diugh. Tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu rudeigin a thachair ann an Srath Chill Donain. Chan eil mi cinnteach cuin a thachair e. Tha e a’ tighinn bho bheul-aithris.

Cha robh na croitearan a’ cleachdadh gual anns na teintean aca. Bha iad a’ cleachdadh mòine. Bha iad a’ buain na mònach. Bha iad a’ cumail nam fàdan – na pìosan mònach tioram – ann an cruachan. Bha na cruachan faisg air na taighean aca.

Ach bha aon chroitear na mhèirleach. Bha e a’ goid nam fàdan bho na croitearan eile. Bha e seòlta, ge-tà. Cha robh e a’ goid bho na cruachan faisg air na taighean. Bha e a’ goid fhàdan dìreach bho na cruachan nach robh faisg air na taighean. Agus chan fhaca duine e.

Bha cuid de na croitearan a’ smaoineachadh gur e rud os-nàdarrach a bha ann. Bha iad a’ smaoineachadh gur iad na sìthichean a bha ri mèirle. Air sàillibh sin, cha do rinn iad dad mu dheidhinn.

Ach bha aon chroitear eadar-dhealaichte bho chàch. Cha robh esan a’ creidsinn gur e rud os-nàdarrach a bha ann. Bha esan dhen bheachd gur e cuideigin às an àite fhèin a bha ri mèirle. Chuir e plana an gnìomh. Bha e ag iarraidh faighinn a-mach cò bha ann.

Chaidh e don chruaich a b’ fhaide air falbh bhon taigh aige. Thug e a-mach grunn fhàdan. Thug e am meadhan a-mach às na fàdan. Chuir e fùdar-gunna anns na tuill. Chuir e na fàdan air ais anns a’ chruaich. Taobh a-staigh beagan làithean, mhothaich e gun robh cuid de na fàdan a dhìth. Bha am mèirleach air a bhith ann.

Air an oidhche sin, bha am mèirleach na shuidhe aig an teine. Thilg e fàd no dhà don teine. Bha spreadhadh mòr ann. Bha am mèirleach fortanach nach robh e air a mharbhadh. Bha e a’ smaoineachadh gur e “Breitheanas an Tighearna” a bha ann! Agus cha do ghoid e aon fhàd eile airson a chòrr de a bheatha!

Clach Mhic Mhìos

English Beurla

Last week we were in Helmsdale. That’s in [East] Sutherland. We’re staying in that area today. I want to tell you about something that happened in the Strath of Kildonan. I’m not sure when it happened. It comes from oral tradition.

The crofters weren’t using coal in their fires. They were using peat. They were cutting the peat. They were keeping the “peats” – the dry pieces of peat – in stacks. The stacks were near their houses.

But one crofter was a thief. He was stealing the peats from the other crofters. He was cunning, however. He wasn’t stealing from the stacks near the houses. He was stealing peats only from the stacks that were not near the houses. And nobody saw him.

Some of the crofters were thinking that it was a supernatural thing. They were thinking that it was the fairies that were thieving. Because of that, they didn’t do anything about it.

But one crofter was different from the others. He wasn’t believing that it was a supernatural thing. He was of the opinion that it was somebody from the place itself that was thieving. He put a plan into action. He was wanting to find out who it was.

He went to the stack furthest from his house. He took out several peats. He took the middle out of the peats. He put gunpowder in the holes. He put the peats back in the stack. Within a few days, he noticed that some of the peats were missing. The thief had been there.

That night, the thief was sitting by the fire. He threw a peat or two into the fire. There was a big explosion. The thief was lucky that he wasn’t killed. He was thinking that it was “The Judgement of the Lord”! And he never stole another peat for the rest of his life!

Clach Mhic Mhìos

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Bun Ilidh. Tha sin ann an Cataibh. Tha sinn a’ fuireach anns an sgìre sin an-diugh. Tha mi ag iarraidh innse dhuibh mu rudeigin a thachair ann an Srath Chill Donain. Chan eil mi cinnteach cuin a thachair e. Tha e a’ tighinn bho bheul-aithris.

Cha robh na croitearan a’ cleachdadh gual anns na teintean aca. Bha iad a’ cleachdadh mòine. Bha iad a’ buain na mònach. Bha iad a’ cumail nam fàdan – na pìosan mònach tioram – ann an cruachan. Bha na cruachan faisg air na taighean aca.

Ach bha aon chroitear na mhèirleach. Bha e a’ goid nam fàdan bho na croitearan eile. Bha e seòlta, ge-tà. Cha robh e a’ goid bho na cruachan faisg air na taighean. Bha e a’ goid fhàdan dìreach bho na cruachan nach robh faisg air na taighean. Agus chan fhaca duine e.

Bha cuid de na croitearan a’ smaoineachadh gur e rud os-nàdarrach a bha ann. Bha iad a’ smaoineachadh gur iad na sìthichean a bha ri mèirle. Air sàillibh sin, cha do rinn iad dad mu dheidhinn.

Ach bha aon chroitear eadar-dhealaichte bho chàch. Cha robh esan a’ creidsinn gur e rud os-nàdarrach a bha ann. Bha esan dhen bheachd gur e cuideigin às an àite fhèin a bha ri mèirle. Chuir e plana an gnìomh. Bha e ag iarraidh faighinn a-mach cò bha ann.

Chaidh e don chruaich a b’ fhaide air falbh bhon taigh aige. Thug e a-mach grunn fhàdan. Thug e am meadhan a-mach às na fàdan. Chuir e fùdar-gunna anns na tuill. Chuir e na fàdan air ais anns a’ chruaich. Taobh a-staigh beagan làithean, mhothaich e gun robh cuid de na fàdan a dhìth. Bha am mèirleach air a bhith ann.

Air an oidhche sin, bha am mèirleach na shuidhe aig an teine. Thilg e fàd no dhà don teine. Bha spreadhadh mòr ann. Bha am mèirleach fortanach nach robh e air a mharbhadh. Bha e a’ smaoineachadh gur e “Breitheanas an Tighearna” a bha ann! Agus cha do ghoid e aon fhàd eile airson a chòrr de a bheatha!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 545

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile