FaclairDictionary EnglishGàidhlig

61: The Great Fight of Wick (1) 61: Sabaid Mhòr Inbhir Ùige (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sabaid Mhòr Inbhir Ùige (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige” ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). ’S e gnothach uabhasach a bh’ ann. Bha Gàidheil is Goill a’ sabaid le chèile air sràidean Inbhir Ùige. Thòisich e le ubhal no ’s dòcha orainsear.

Bha na mìltean de Ghàidheil ann an Inbhir Ùige. Bha iad ann airson an iasgaich. ’S ann à Leòdhas a bha mòran aca. Thòisich sabaid air an àrd-shràid eadar dithis bhalach. ’S ann mu dheidhinn ubhal – no orainsear – a bha an t-sabaid. B’ iad an dithis gille à Inbhir Ùige agus fear òg à Leòdhas.

Bha gu leòr eile a-muigh air an t-sràid. Taobh a-staigh dà mhionaid bha na ceudan a’ sabaid. Thàinig na poilis. Chuir iad eileanach an grèim. Ach bha spàirn mhòr ann.

Chuairtich na h-eileanaich an togalach. Bha iad mì-thoilichte. Bha na poilis dhen bheachd gum b’ e an ceannard aca fear à Leòdhas, Raibeart Dòmhnallach. Thàinig na poilis a-mach. Thug iad Raibeart a-steach don togalach. Bha ùpraid ann. Chaill Raibeart a chuid aodaich anns an ùpraid.

Dh’fhàs a’ mhì-rian na bu mhiosa. Bha dà mhìle gu leth duine an làthair. Bha iad a’ dol a bhriseadh a-steach don togalach. Bha feadhainn a’ sadail chlachan. Chaidh trithead uinneag a bhriseadh ann an Talla a’ Bhaile. Chaidh bhruidhinn ris an t-sluagh ann an Gàidhlig is Beurla. Chaidh iarraidh orra dhol dhachaigh. Ach cha do dh’fhalbh iad.

Chuir an t-Àrd-chonstabal fios gu caiptean an t-soithich, am Princess Royal, a bha anns an sgìre. Bha e cuideachd a’ clàradh fir a’ bhaile mar chonstabalan sònraichte.

Bha dragh air na h-ùghdarrasan mu choinneamh-ùrnaigh faisg air làimh. Bha mìle gu leth duine aig a’ choinneimh-ùrnaigh. ’S e Gàidheil a bh’ annta. Chaidh brath a chur don mhinistear, Mgr MacAoidh. Dh’iarr esan air a’ choitheanal aige dhol dìreach dhachaigh. Chaidh a’ chuid a bu mhotha de na daoine dhachaigh.

Chaidh Mgr MacAoidh fhèin gu làrach na h-aimhreit. Bhruidhinn e ris an t-sluagh airson fichead mionaid. Bha e ag iarraidh orra dhol dhachaigh. Ach cha deach iad dhachaigh.

An uair sin leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit. Agus chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: Sabaid Mhòr Inbhir Ùige: The Great Fight of Wick; ’s e gnothach uabhasach a bh’ ann: it was a terrible affair: bha Gàidheil is Goill a’ sabaid le chèile: Gaels and non-Gaels were fighting each other; thòisich e le ubhal no ’s dòcha orainsear: it started with an apple or perhaps an orange; bha iad ann airson an iasgaich: they were there for the fishing; eadar dithis bhalach: between two lads; b’ iad an dithis gille à Inbhir Ùige agus fear òg à Leòdhas: the two were a lad from Wick and a youngster from Lewis; chuir iad eileanach an grèim: they arrested an islander; spàirn mhòr: a great struggle; chuairtich na h-eileanaich an togalach: the islanders surrounded the building; bha na poilis dhen bheachd gum b’ e an ceannard aca: the police reckoned their leader was; chaill Raibeart a chuid aodaich: Robert lost his clothes; bha iad a’ dol a bhriseadh a-steach don togalach: they were going to break into the building; bha feadhainn a’ sadail chlachan: some were throwing stones; chaidh trithead uinneag a bhriseadh ann an Talla a’ Bhaile: 30 windows were broken in the Town Hall; chaidh bruidhinn ris an t-sluagh:the assembly was addressed (spoken to); chaidh iarraidh orra dhol dhachaigh: they were asked to go home; cha do dh’fhalbh iad:they didn’t leave; chuir an t-Àrd-chonstabal fios gu caiptean an t-soithich:the Chief Constable sent information to the captain of the vessel; a’ clàradh fir a’ bhaile mar chonstabalan sònraichte:registering menfolk of the town as special constables; coinneamh-ùrnaigh: prayer meeting; chaidh brath a chur don mhinistear:a message was sent to the minister; dh’iarr esan air a’ choitheanal aige dhol dìreach dhachaigh:he asked his congregation to go straight home; chaidh Mgr MacAoidh gu làrach na h-aimhreit: Mr Mackay went to the site of the disturbance; leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit: the Sheriff read the Riot Act.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 365

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile