FaclairDictionary EnglishGàidhlig

341: Geodha and Geo 341: Geodha is Geo

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Geodha is Geo

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an fhacal geodha no geo? Geodha ann an Gàidhlig, geo ann an Albais.Tha e pailt ann an ainmean-àite air costaichean ceann a tuath na h-Alba. Tha e gu sònraichte pailt ann an Gallaibh. Tha eisimpleir no dhà ann de dh’ainmean Gàidhlig ann an Gallaibh, leithid Geodha nam Fitheach. Ach tha dreach Albais no Lochlannach air a’ chuid as motha aca.

Tha am facal a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais gjá. Tha feadhainn furasta a thuigsinn, leithid Red Geo, Castle Geo agus Broad Geo. Chan eil leithid Fullie Geo, Selly Geo no Skippie Geo cho soilleir. Thàinig iadsan bhon t-Seann Lochlannais. Tha Fullie Geo a’ ciallachadh “geodha nan eun”. Tha Selly Geo a’ ciallachadh “geodha nan ròn”. Agus tha Skippie Geo a’ ciallachadh “geodha nan long”.

Seo na chanas Jim Miller anns an leabhar aige A Caithness Wordbook – “geo: narrow, usually cliff-bound, inlet of the sea, or chasm in a cliff.” Bha mi ann am bun-sgoiltean Ghallaibh o chionn ghoirid. Bha mi a’ dèanamh leasanan leis a’ chloinn air ainmean-àite. Chòrd e riutha gu mòr.

Bha mi a’ faighneachd dhen chloinn ciamar a chanadh iad am facal “g-e-o”. Bha cuid ag ràdh “geo” mar ann an geology no geography.Cha chreid mi nach e sin fuaimneachadh ùr. Bha cuid eile ag ràdh “gee-o” no “gyo”. Thuirt mi riutha gum b’ fheàrr leam “gyo”, ged a tha an dà chuid ceart gu leòr.

Ach bha cuid de sgoilearan ann an Inbhir Ùige ag ràdh “goe”. Agus, ceart gu leòr, tha sin ri fhaicinn ann an Whaligoe agus Girnigoe. Tha cuideachd dà bhaile bheag faisg air Inbhir Ùige air a bheil Staxigoe agus Papigoe. Thuirt mi ri clas a bha seo ann an Inbhir Ùige – “An urrainn do dhuine sam bith smaoineachadh air ainm-àite faisg air seo a tha a’ crìochnachadh le “goe”? Chuir balach òg a làmh suas.

“Yes, yes!” thuirt e.

“Seadh?” thuirt mise. “Dè an t-àite a th’ agads’ a tha a’ crìochnachadh le ‘goe’?” Bha mi an dùil gun canadh e “Staxigoe” no “Papigoe”. No ’s dòcha “Girnigoe”.

Ach chan e sin a thuirt e. Le gàire mhòr air aodann, agus e a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e freagairt cheart, thuirt e “Glasgow”!

Geodha and Geo

English Beurla

Do you know the word geodha or geo? Geodha in Gaelic, geo in Scots. It’s plentiful in place-names in the north of Scotland. It’s especially plentiful in Caithness. There are a few examples of Gaelic names in Caithness, such as Geodha nam Fitheach. But most of them have a Scots or Scandinavian form.

The word comes from the Old Norse gjá. Some are easy to understand, such as Red Geo, Castle Geo and Broad geo. Examples like Fullie Geo, Selly Geo and Skippie Geo are not as clear. They came from Old Norse. Fullie Geo means “the geo of the birds”. Selly Geo means “the geo of the seals”. And Skippie Geo means “the geo of the ships”.

This is what Jim Miller says in his book A Caithness Wordbook - “geo: narrow, usually cliff-bound, inlet of the sea, or chasm in a cliff.” I was in Caithness primary schools recently. I was doing lessons with the children on place-names. They really enjoyed it.

I was asking the children how they would pronounce the word “g-e-o”. Some were saying “geo” as in geology or geography. I think that’s a modern pronuncation. Some others were saying “gee-o” or “gyo”. I said I’d prefer “gyo”, but that both are okay.

But some pupils in Wick were saying “goe”. And, indeeed, that can be seen in Whaligoe and Girnigoe. There are also two villages near Wick which are called Staxigoe and Papigoe. I said to a particular class in Wick – “Can anybody think of a place-name near here that ends in ‘goe’?” A young lad put his hand up.

“Yes, yes!” he said.

“And?” I said, “What is your place that ends in ‘goe’?” I was expecting him to say “Taxigoe” or “Papigoe”. Or perhaps “Girnigoe”.

But that’s not what he said. With a big smile on his face, thinking that he’d got the correct answer, he said, “Glasgow!”

Geodha is Geo

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an fhacal geodha no geo? Geodha ann an Gàidhlig, geo ann an Albais.Tha e pailt ann an ainmean-àite air costaichean ceann a tuath na h-Alba. Tha e gu sònraichte pailt ann an Gallaibh. Tha eisimpleir no dhà ann de dh’ainmean Gàidhlig ann an Gallaibh, leithid Geodha nam Fitheach. Ach tha dreach Albais no Lochlannach air a’ chuid as motha aca.

Tha am facal a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais gjá. Tha feadhainn furasta a thuigsinn, leithid Red Geo, Castle Geo agus Broad Geo. Chan eil leithid Fullie Geo, Selly Geo no Skippie Geo cho soilleir. Thàinig iadsan bhon t-Seann Lochlannais. Tha Fullie Geo a’ ciallachadh “geodha nan eun”. Tha Selly Geo a’ ciallachadh “geodha nan ròn”. Agus tha Skippie Geo a’ ciallachadh “geodha nan long”.

Seo na chanas Jim Miller anns an leabhar aige A Caithness Wordbook – “geo: narrow, usually cliff-bound, inlet of the sea, or chasm in a cliff.” Bha mi ann am bun-sgoiltean Ghallaibh o chionn ghoirid. Bha mi a’ dèanamh leasanan leis a’ chloinn air ainmean-àite. Chòrd e riutha gu mòr.

Bha mi a’ faighneachd dhen chloinn ciamar a chanadh iad am facal “g-e-o”. Bha cuid ag ràdh “geo” mar ann an geology no geography.Cha chreid mi nach e sin fuaimneachadh ùr. Bha cuid eile ag ràdh “gee-o” no “gyo”. Thuirt mi riutha gum b’ fheàrr leam “gyo”, ged a tha an dà chuid ceart gu leòr.

Ach bha cuid de sgoilearan ann an Inbhir Ùige ag ràdh “goe”. Agus, ceart gu leòr, tha sin ri fhaicinn ann an Whaligoe agus Girnigoe. Tha cuideachd dà bhaile bheag faisg air Inbhir Ùige air a bheil Staxigoe agus Papigoe. Thuirt mi ri clas a bha seo ann an Inbhir Ùige – “An urrainn do dhuine sam bith smaoineachadh air ainm-àite faisg air seo a tha a’ crìochnachadh le “goe”? Chuir balach òg a làmh suas.

“Yes, yes!” thuirt e.

“Seadh?” thuirt mise. “Dè an t-àite a th’ agads’ a tha a’ crìochnachadh le ‘goe’?” Bha mi an dùil gun canadh e “Staxigoe” no “Papigoe”. No ’s dòcha “Girnigoe”.

Ach chan e sin a thuirt e. Le gàire mhòr air aodann, agus e a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e freagairt cheart, thuirt e “Glasgow”!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 645

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile