menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Coire Bhreacain (4) (Litir 925)

Bha mi ag innse dhuibh mu mar a fhuair an cuairt-shruth ainmeil, Coire Bhreacain, ainm. Ach ciamar a chaidh a chruthachadh? Uill, tha cuid a’ cumail a-mach gur i a’ Chailleach – seann ban-dia a’ gheamhraidh – a chruthaich e. Bha i ag iarraidh àite far am biodh i a’ nighe a h-aodaich.

Ach, o chionn ghoirid, thàinig mi tarsainn air sgeulachd eile mu dheidhinn Choire Bhreacain agus mar a chaidh a chruthachadh. ʼS e Rìgh nan Iasg a chruthaich e le earball. Bha e a’ fàs fiadhaich mun chrùbaig a bha a’ gearan fad na h-ùine. Chan eil an sgeulachd ach goirid – agus seo i.

O chionn fhad an t-saoghail, bha a’ chrùbag cianail fhèin mòr. Aig an àm sin, bha a slige cruinn. Cha robh i rèidh mar a tha i an-diugh. Bha a’ chrùbag làidir agus misneachail. Thuirt i gum biodh i deònach an cruinne a thoirt timcheall air a druim. Bha na creutairean eile toilichte mu dheidhinn sin. Ach, mo chreach, bha an cruinne fada na bu mhotha ʼs na bu thruime na bhathar an dùil. Chaidh a’ chrùbag fhàsgadh le cuideam na cruinne agus dh’fhàs a slige rèidh is leathann mar a tha i an-diugh.

A bharrachd air sin, mus do dh’fhàs a slige rèidh, bhiodh an cruinne a’ tuiteam dhith agus ʼs e sin a thug air a’ chrùbaig a bhith a’ fiaradh nuair a tha i a’ coiseachd. Dh’fhàs a’ chrùbag seachd searbh sgìth dhen ghnothach, agus chaidh i a dh’iarraidh taic aig Rìgh nan Iasg.

‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich Rìgh nan Iasg.

‘Bidh an cruinne a’ sleamhnadh far mo shlige fad na h-ùine,’ thuirt a’ chrùbag. ‘Tha mi sgìth dheth.’

‘Uill, ʼs tu fhèin a bha ag iarraidh an cruinne a ghiùlan,’ thuirt Rìgh nan Iasg. ‘Ach, co-dhiù, bheir mi taic dhut.’

Aig an àm sin, bhiodh na sgreigeagan a’ snàmh gu saor sa mhuir. Cha robh iad mar a tha iad an-diugh. Mhìnich Rìgh nan Iasg an suidheachadh dhaibh, agus dh’iarr e orra gun a bhith a’ snàmh tuilleadh. Bha iad gu bhith air an acrachadh – cuid dhiubh ris na creagan, cuid dhiubh ris a’ chrùbaig.

Chuir na sgreigeagan air slige na crùbaig stad air a’ chruinne bho bhith a’ sleamhnadh dhith. Cha robh a’ chrùbag toilichte, ge-tà. Bha an cruinne ro throm dhi. Chaidh i gu Rìgh nan Iasg a-rithist agus rinn i gearain.

‘Dè tha a’ cur ort an turas seo?’ arsa Rìgh nan Iasg.

‘Tha an cruinne ro throm dhomh,’ thuirt a’ chrùbag.

Bha Rìgh nan Iasg a’ fàs sgìth de ghearan na crùbaig agus bhuail e grunnd na mara le earball. ‘Ceart gu leòr,’ thuirt e. ‘Gheibh sinn cuidhteas an cruinne uile-gu-lèir.’ Thilg e an cruinne suas chun na h-iarmailt gus nach biodh e a’ gabhail gnothach ris tuilleadh. Ach dhìochuimhnich e mu staid nan sgreigeagan. Chaidh am fàgail mar a bha iad – agus ʼs e sin as coireach nach bi iad a’ snàmh an-diugh, ach gu bheil iad ceangailte ris na creagan.

Chaidh a’ chrùbag an lughad oir cha robh i airidh air meudachd mhòr. Agus, nuair a bhuail Rìgh nan Iasg grunnd na mara le earball, agus e sgìth de ghearan na crùbaig, ʼs ann a chaidh Coire Bhreacain a chruthachadh. Agus ʼs ann linntean an dèidh sin a chaidh prionnsa Lochlannach a bhàthadh ann.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Coire Bhreacain: Corryvreckan; Rìgh nan Iasg:The King of the Fish; rèidh: flat; misneachail: confident.

Abairtean na Litreach: ciamar a chaidh a chruthachadh?: how was it formed?; seann ban-dia a’ gheamhraidh: the old winter goddess; àite far am biodh i a’ nighe a h-aodaich: a place where she would be washing her clothes; a’ fàs fiadhaich mun chrùbaig a bha a’ gearan fad na h-ùine: becoming angry about the crab that was complaining all the time; o chionn fhad an t-saoghail, bha a’ chrùbag cianail fhèin mòr: in ancient times, the crab was extremely large; bha a slige cruinn: its carapace was round; deònach an cruinne a thoirt timcheall air a druim: willing to carry the globe around on her back; fada na bu mhotha ʼs na bu thruime na bhathar an dùil: much bigger and heavier than was [had been] expected; ʼs e sin a thug air a’ chrùbaig a bhith a’ fiaradh: thatʼs what caused the crab to walk sideways; chaidh i a dh’iarraidh taic: she went to seek help; dè tha a’ cur ort?:whatʼs the problem?; a’ sleamhnadh far mo shlige fad na h-ùine:sliding off my carapace all the time; bheir mi taic dhut:I’ll help you; bhiodh na sgreigeagan a’ snàmh gu saor: the acorn barnacles would be swimming freely; dh’iarr e orra gun a bhith a’ snàmh tuilleadh: he asked them to cease swimming; air an acrachadh – cuid dhiubh ris na creagan: anchored –some of them on the rocks; bhuail e grunnd na mara le earball: he beat the seabed with his tail; gheibh sinn cuidhteas an cruinne uile-gu-lèir: we’ll get rid of the globe entirely; chaidh a’ chrùbag an lughad oir cha robh i airidh air meudachd mhòr: the crab diminished in size because she wasn’t worthy of a large size; ʼs ann linntean an dèidh sin a chaidh prionnsa Lochlannach a bhàthadh ann: itʼs centuries afterwards that a Scandinavian prince was drowned there.

Puing-chànain na Litreach: Chaidh a’ chrùbag fhàsgadh le cuideam na cruinne: the crab was compressed by the weight of the globe. Cruinne is an unusual word as it changes gender depending on case. In the nominative case it is masculine [ an cruinne] but in the genitive it becomes feminine [na cruinne ]. This is highly unusual – very few words demonstrate this behaviour ( talamh is another example).

Gnàthas-cainnt na Litreach: bhiodh an cruinne a’ tuiteam dhith: the globe would be falling off (the feminine form is used because slige is feminine).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 621

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word