FaclairDictionary EnglishGàidhlig

463: An Nighean a Reiceadh (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Nighean a Reiceadh (3)

Gaelic Gàidhlig

Dh’fhàg sinn “An Nighean a Reiceadh” anns an Litir mu dheireadh, agus an tuathanach a’ leughadh na litreach a bha i a’ toirt gu bràthair an duine a cheannaich i. Bha am bràthair a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Bha am fear a cheannaich i air gealltainn dhi gum faigheadh i oideachadh sgoile agus an uair sin gum pòsadh e i. Ach dè bha anns an litir ann an dha-rìreabh? Leugh an tuathanach an litir: “On a dh’fhàilnich ormsa cur às don chaileig seo, nuair a ruigeas i thu, croch i,” leugh e.

Bha an t-eagal air a’ chaileig dhol a Dhùn Èideann, ach bha an tuathanach seòlta. “Sgrìobhaidh mise litir dhut an àite na tè seo,” thuirt e, “air chor ’s gun gabh a bhràthair cùram dhìot.”

Seo na sgrìobh e: “Tha mi a’ cur litir thugad, a bhràthair. Tha mi ag earbsa na caileige seo riut agus gabhaidh tu cùram dhi. Is i a’ chaileag as fheàrr a shuidh air a h-aodach riamh. Chan eil a leithid eile ann.” Mhìnich e gun robh e ag iarraidh air a bhràthair foghlam a thoirt dhi agus gum biodh e ga pòsadh an ceann bliadhna.

An làrna-mhàireach, dh’fhàg a’ chaileag beannachd aig an tuathanach. Thug i buidheachas dha airson a choibhneis agus dh’fhalbh i a Dhùn Èideann. Nuair a ràinig i am baile, chaidh i gu taigh a’ bhràthar. Bha e na dhuine-uasal mòr. Nuair a chaidh i a-staigh, shìn i an litir do thè de a nigheanan. Dh’fhalbh an nighean leis an litir gu a h-athair. Leugh e i.

“O,” ars esan, “a-nuas a’ chaileag.” Thugadh a-nuas i, agus an t-aodach a b’ fheàrr a bha a-staigh, chuireadh uimpe e.

Chuireadh don sgoil i. Cha robh i fada innte nuair a bha i a’ toirt beatadh air a h-uile duine eile. Bha i na b’ fheàrr mar sgoilear na nigheanan a’ bhràthar. Chaidh a’ chaileag gu sgoil fhuaigheil agus gu sgoil dhannsaidh. Fhuair i fìor dheagh ionnsachadh.

An ceann na bliadhna, thàinig esan – am fear a cheannaich i. Bha e ann an Dùn Èideann airson a dhol gu bàl mòr. Nuair a bha e ann an taigh a bhràthar, dh’fhaighnich e dheth cà’ robh a nigheanan.

“Tha iad aig a’ bhàl,” thuirt e, “iad fhèin agus a’ bhean-uasal mhòr a chuir thu fhèin an seo.”

“Dè a’ bhean-uasal a bha sin?” ars am fear eile.

“An tè a chuir thu an seo o chionn bliadhna airson sgoil agus ionnsachadh,” ars a bhràthair.

“Ach chuir mi thugad i airson a crochadh!” thuirt am fear eile. “Crochaidh mise a-màireach i.”

Chaidh an dithis bhràithrean don bhàl. Agus cha robh boireannach aig a’ bhàl a bha na bu bhrèagha no na b’ fheàrr air dannsadh nan nighean.

Chuir esan brath oirre an làrna-mhàireach. Thàinig i far an robh e. “Seadh,” ars esan, “tha thu beò fhathast.”

“Tha,” fhreagair i. “Tha mi beò fhathast.”

“A bheil eagal ort,” dh’fhaighnich e, “gun croch mi thu?”

“Innsidh mise do luchd-lagha Dhùn Èideann dè rinn thu orm,” thuirt i ris. “Beiridh iad ort agus cuiridh iad don phrìosan thu. Chan eil bean-uasal ann an Dùn Èideann as fheàrr a fhuair ionnsachadh na mise, agus gabhaidh iad m’ fhacal.”

“Ist! Fuirich sàmhach,” ars esan. “Tha mi ag iarraidh mòran maitheanais ort. Bhithinn nad chomain nam pòsadh tu mi.”

“Tha eagal orm romhad,” ars ise.

“Bheir mi mo mhionnan dhut nach dèan mi càil ort,” ars esan.

Phòs iad, agus bha mòran de dh’uaislean Dhùn Èideann aig a’ bhanais. Cheannaich iad mòran thaighean agus bha glè bheag ann an Dùn Èideann a bha cho beartach riutha.

Faclan na Litreach: seòlta: cunning; bàl: ball (dance); banais: wedding.

Abairtean na Litreach: An Nighean an Reiceadh: The Lass who was Sold; agus an tuathanach a’ leughadh na litreach: with the farmer reading the letter; bràthair an duine a cheannaich i: the brother of the man who [had] bought her; gum faigheadh i oideachadh sgoile: that she would get an education; on a dh’fhàilnich ormsa cur às don chaileig seo: since I failed to kill this girl; croch i: hang her; an àite na tè seo: in place of this one; air chor ’s gun gabh a bhràthair cùram dhìot: so that his brother will look after you; ag earbsa na caileige seo riut: entrusting this lass to you; chan eil a leithid eile ann: there are no others like her; ga pòsadh an ceann bliadhna: marrying her in a year’s time; shìn i an litir do thè de a nigheanan: she handed the letter to one of the daughters; a-nuas a’ chaileag: bring the girl here [lit. down the girl]; an t-aodach a b’ fheàrr, chuireadh uimpe e: the best clothes, it was put on her; chuireadh don sgoil i: she was sent to school; a’ toirt beatadh air X: surpassing X; sgoil fhuaigheil: a needlework school; chuir mi thugad i airson a crochadh: I sent her to you for hanging; innsidh mise do luchd-lagha Dhùn Èideann dè rinn thu orm: I’ll tell the lawyers of Edinburgh what you did to me; beiridh iad ort: they’ll take you into custody; gabhaidh iad m’ fhacal: they’ll take my word; fuirich sàmhach: keep quiet; tha mi ag iarraidh mòran maitheanais ort: I’m asking you to forgive me; bhithinn nad chomain nam pòsadh tu mi: I’d be obliged if you’d marry me; tha eagal orm romhad: I’m scared of you; bheir mi mo mhionnan dhut nach dèan mi càil ort: I give you my oath I’ll never harm you.

Puing-chànain na Litreach: Thug i buidheachas dha airson a choibhneis: she thanked him for his kindness. I’d like to make a little plea this week for you to ensure the preservation of the wonderful word buidheachas in our language. You’ll still hear it used in phrases like “thug e buidheachas dha” (he thanked him), buidheachas do Dhia” (thanks be to God) and “buidheachas dhut a Dhè, ar n-Athair” (thanks be to you God, our Father). I can’t be sure if secularism or simple linguistic fashion is responsible, but it does seem to be much less used today by young Gaelic speakers (being replaced by “taing”). Here’s a way to encourage its use: If you’re writing Gaelic e-mails and want to say “many thanks”, why not write “taing is buidheachas”? It’s too nice a word to lose!

Gnàthas-cainnt na Litreach: Is i a’ chaileag as fheàrr a shuidh air a h-aodach riamh: she is the best lass that ever sat on her clothes ie she’s brilliant, wonderful!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 159

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean