FaclairDictionary EnglishGàidhlig

481: Reachdas Eilean Ì

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Reachdas Eilean Ì

Gaelic Gàidhlig

Tha ceist agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo. An ath-bhliadhna – ann an dà mhìle ’s a naoi (2009) – bithear a’ comharrachadh droch thachartas ann an eachdraidh nan Gàidheal ann an Alba. Tachartas a thug buille chruaidh dha-rìribh air na Gàidheil mar shluagh.

A bheil fios agaibh dè bh’ ann? Thachair e o chionn ceithir cheud bliadhna – an ath-bhliadhna – ann an sia ceud deug ’s a naoi (1609). ’S dòcha nach robh e cho cruaidh air na Gàidheil ann an taobh sear is meadhan na Gàidhealtachd ach bha e cruaidh orra air an taobh an iar. Rinn e cinnteach gur ann air an rathad sìos a bhiodh a’ Ghàidhlig ann an Alba, eadhon air a’ Ghàidhealtachd, bho sin a-mach. Dh’fhaodar a ràdh gu bheil sinn fhathast a’ fulang a bhuaidh.

Innsidh mi dhuibh dè bh’ ann. As t-samhradh sia ceud deug ’s a naoi (1609), chaidh Reachdas Eilean Ì a chur an sàs. Ann am Beurla thathar eòlach air mar The Statutes of Iona. An ath-bhliadhna bu chòir do na Gàidheil a bhith a’ foillseachadh dè dìreach a bh’ ann an Reachdas Ì oir lean faisg air ceithir cheud bliadhna de leth-bhreith leis an stàit an aghaidh ar cànain, ar cultair ’s ar dearbh-aithneachaidh.

Bha Seumas VI air an rìgh-chathair aig an àm. Bho fhuair e crùn Shasainn, a bharrachd air crùn na h-Alba, ann an sia ceud deug ’s a trì (1603), thòisich e air a bhith cruaidh air na Gàidheil. Bha an dubh-ghràin aige air muinntir na Gàidhlig anns an fharsaingeachd, ach gu seachd àraidh air na h-eileanaich. Ann an sia ceud deug ’s a naoi (1609), ghluais e gus fineachan an taobh an iar a chur fo a smachd.

Chaidh na cinn-chinnidh mar a leanas a chur an grèim le foill. À Ìle bha Aonghas Dòmhnallach. À Muile bha Eachann MacIlleathain às an Dubh-àird agus a bhràithrean Lachlann is Ailean, agus Lachlann MacIlleathain an Locha Bhuidhe. Às an Eilean Sgitheanach bha Dòmhnall Gorm Dòmhnallach à Slèite agus Ruairidh MacFhionghain às an t-Srath. À Uibhist bha Dòmhnall Dòmhnallach Chlann Raghnaill. A bharrachd air sin bha Ruairidh MacLeòid às Na Hearadh, Gilleasbaig MacGuaire à Ulbha agus Dòmhnall Mac-a-Phì à Colbhasa.

Chaidh na cinn-chinnidh sin a thoirt gu dàil, no co-labhairt, ann am Muile. Chaidh cuireadh a thoirt dhaibh dhol air bòrd soitheach anns am biodh Easbaig nan Eilean, Anndra Knox, a’ searmonachadh. Chaidh iad ann, gu neoichiontach, agus chaidh an cur an grèim. Dh’aontaich iad dhol gu dàil eile ann an Ì.

Choinnich iad ann an Ì anns an Iuchar sia ceud deug ’s a naoi (1609). Bha dusan earrann anns an reachdas. Seo feadhainn dhiubh:

1. Dh’fheumadh na cinn-chinnidh an taic a thoirt don Eaglais Phròstanaich agus am ministearan a phàigheadh.

2. Bhiodh spidealan no taighean-òsta air an stèidheachadh far am faigheadh daoine àite-fuirich.

3. Cha robh cead aig na cinn-chinnidh mòran uaislean a chumail san dachaigh aca tuilleadh.

4. Chan fhaodadh eileanach tuilleadh a bhith a’ ceannach fìon bho thall thairis, ged a bhiodh cead aca uisge-beatha a dhèanamh dhaibh fhèin.

5. Cha robh cead aig duine gunna a chleachdadh eadhon airson losgadh air fèidh, maighich no eòin.

Ach bha dà earrainn eile ann an Reachdas Ì a bha na bu mhiosa na gin dhiubh sin oir shàth iad sgian ann an cridhe nan Gàidheal air taobh an iar na h-Alba. Bheir sinn sùil orra sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: Reachdas Eilean Ì: The Statutes of Iona; rìgh-chathair: throne; dàil: meeting, convention (the Irish Parliament is the Dáil); gu neoichiontach: innocently; earrann: section.

Abairtean na Litreach: an ath-bhliadhna: next year; bithear a’ comharrachadh droch thachartas: a bad occurrence will be marked; a thug buille chruaidh dha-rìribh air X: which delivered a terrible blow to X; mar shluagh: as a people; bha e cruaidh orra air an taobh an iar: it was hard on them in the west; gur ann air an rathad sìos a bhiodh X: that X would be going downhill [“on the road down”]; fhathast a’ fulang a bhuaidh: still suffering [from] its influence; bha an dubh-ghràin aige air muinntir na Gàidhlig anns an fharsaingeachd: he absolutely hated the Gaelic people in general; gus fineachan an taobh an iar a chur fo a smachd: to put the clans of the west under his control; chaidh na cinn-chinnidh mar a leanas a chur an grèim le foill: the following clan chiefs were arrested by treachery; dhol air bòrd soitheach anns am biodh Easbaig nan Eilean a’ searmonachadh: to go on board a vessel in which the Bishop of the Isles would be preaching; bhiodh spidealan no taighean-òsta air an stèidheachadh: wayside accommodation or inns would be established; cha robh cead aig X mòran uaislean a chumail san dachaigh aca tuilleadh: X were no longer permitted to keep many gentlemen in their home; chan fhaodadh eileanach tuilleadh a bhith a’ ceannach fìon bho thall thairis: islanders could no longer buy wine from overseas; gunna a chleachdadh eadhon airson losgadh air fèidh, maighich no eòin: to use a gun, even to shoot deer, hares or birds; shàth iad sgian ann an cridhe nan Gàidheal: it thrust a knife into the heart[s] of the Gaels.

Puing-chànain na Litreach: ceithir cheud bliadhna deleth-bhreithleis an stàit an aghaidh arcànain, ar cultair ’s ar dearbh-aithneachaidh: four hundred years of discrimination by the state against our language, our culture and our identity. Leth-bhreith literally means “half judgement” ie “partiality” – supporting only one side of a particular argument. It has also come therefore to mean “discrimination” in more general terms. Leth is used in an enormous number of compounds, most commonly meaning “half” but also “one of a pair” eg leth-shùileach (one-eyed), leth-chasach (one-legged). For a good list of leth- compounds, see either Dwelly’s or Mark’s dictionaries.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ach gu seachd àraidh air na h-eileanaich: but particularly [on] the islanders.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 177

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean