FaclairDictionary EnglishGàidhlig

507: Croft-an-Righ

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Croft-an-Righ

Gaelic Gàidhlig

Anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha sinn ann an Sgìre an Ròid ann an Dùn Èideann, a’ coimhead air na h-ainmean-àite Arthur’s Seat agus Piper’s Walk. An t-seachdain seo, mus fhàg mi an sgìre sin, bu mhath leam sùil a thoirt air ainm Gàidhlig – no an ìre mhath Gàidhlig, co-dhiù. ’S e sin Croft-an-Rìgh. ’S ann mar sin a tha e a’ nochdadh air na soidhnichean. Croft-an-Rìgh. Chan e Croit an Rìgh mar a bhiodh dùil, ach Croft-an-Rìgh.

Tha an t-àite gu math faisg air Lùchairt an Ròid – dachaigh oifigeil na Banrigh ann an Alba. Nuair a chunnaic mi an soidhne, shaoil mi gur dòcha gur e seann ainm Gàidhlig a bh’ ann – a bhuineadh don linn, ochd ceud gu mìle bliadhna air ais, nuair a bha a’ Ghàidhlig beò mar chànan coimhearsnachd ann an Lodainn. Ach, nuair a dh’fhaighnich mi de Ghàidheil ionnsaichte, cha robh iad eòlach air an ainm. Agus bha e neònach dhomh gun robh an dreach Gàidhlig air a ghleidheadh cho fada ann an àite mar Dhùn Èideann.

Choisich mi sìos an rathad far an robh an soidhne gam stiùireadh. Agus chan fhaca mi croit. Leis an fhìrinn innse, cha robh mi ’n dùil coinneachadh ri croitear le bòtannan air, agus caoraich is crodh ag ionaltradh taobh a-muigh an taigh aige. ’S e croit Rìgh a bh’ ann! Bhiodh e na bu spaideile na croit air a’ Ghàidhealtachd!

Ach cha robh eadhon croit rìoghail spaideil ann. Bha seann taigh ann, ge-tà. Agus air a’ bhalla bha an soidhne – Croft-an-Rìgh. Buinidh an taigh don t-siathamh linn deug. Tha e gu math sean.

Chaidh mi don leabhar le Stiùbhart Harris nach maireann – The Place Names of Edinburgh. Agus tha e coltach nach e ainm Gàidhlig a th’ ann idir. Anns a’ chiad dol a-mach feumar cuimhneachadh gun tàinig am facal Gàidhlig croit bhon Bheurla croft. Agus anns an ochdamh is naoidheamh linn deug bha an t-ainm clàraichte mar Croftangry. Tha Harris ag innse dhuinn gur e ainm Beurla a bh’ ann a thàinig bho croft angr. Tha e a’ ciallachadh pàirc ionaltraidh le feansa mu a timcheall, a tha suidhichte taobh a-staigh fearann a’ bhaile – seach àite ionaltraidh taobh a-muigh a’ bhaile air a’ chùl-cinn.

Ciamar, ma tha, a fhuair e ainm Gàidhlig? Uill, tha Harris ag ràdh, tron naoidheamh linn deug, gun do dh’atharraich an t-ainm bho Croftangry gu Croftanry gu Croft an Rhi le r-h-i, agus mu dheireadh r-i-g-h. Tha e coltach gun deach an ceangal a dhèanamh eadar an t-àite agus Rìgh na h-Alba leis gu bheil e cho faisg air an lùchairt. Ach cha robh lùchairt aig na rìghrean an sin ro dheireadh a’ chòigeamh linn deug. Agus bha a’ Ghàidhlig air a bhith marbh fada ann an Lodainn aig an àm sin.

Chan eil Harris ag ràdh cò a bu choireach ri dreach Gàidhlig an ainm. Ach tha e ag ràdh gur e “Croft an Rye” an dòigh ’s a bheil mòran ga ràdh. Agus chuala mi sin bho neach ann an Dùn Èideann cuideachd. Tha Harris a’ dèanamh dheth gur e as coireach ris an fhuaimneachadh “rye” gun robh feadhainn a’ cur an aghaidh dreach fuadain Gàidhlig a chur air seann ainm a thàinig bhon Bheurla.

Co-dhiù no co-dheth, sin Croft-an-Rìgh. Gu math tric, bidh sinn a’ gearain gun deach dreach Beurla a chur air seann ainmean Gàidhlig. Uill, seo eisimpleir de dhreach Gàidhlig a’ dol air seann ainm Beurla – rud nach fhaicear cho tric.

Faclan na Litreach: Sgìre an Ròid: Holyrood; Lùchairt an Ròid: Holyrood Palace; croit: croft; fuaimneachadh: pronunciation.

Abairtean na Litreach: anns a’ cheala-deug a dh’fhalbh: in the last fortnight; no an ìre mhath Gàidhlig, co-dhiù: or pretty much Gaelic, anyway; ’s ann mar sin a tha e a’ nochdadh air na soidhnichean: that’s how it appears on the signs; mar a bhiodh dùil: as would be expected; shaoil mi gur dòcha: I thought that perhaps; mar chànan coimhearsnachd ann an Lodainn: as a community language in Lothian; nuair a dh’fhaighnich mi de Ghàidheil ionnsaichte: when I asked educated Gaels; gun robh an dreach Gàidhlig air a ghlèidheadh cho fada: that the Gaelic version was retained so long; far an robh an soidhne gam stiùireadh: where the sign was directing me; croitear le bòtannan air: a crofter with wellies on; agus caoraich is crodh ag ionaltradh: with sheep and cattle grazing; na bu spaideile: smarter; buinidh an taigh don t-siathamh linn deug: the house belongs to the 16th Century; feumar cuimhneachadh: it should be remembered; pàirc ionaltraidh le feansa mu a timcheall: fenced grazing; suidhichte taobh a-staigh fearann a’ bhaile: situated within the inbye land; air a’ chùl-cinn: in the common grazing ground outside the township; cha robh lùchairt aig na rìghrean an sin: the kings didn’t have a palace there; marbh fada ann an Lodainn: dead for a long time in Lothian; cò a bu choireach ri dreach Gàidhlig an ainm: who is responsible for the Gaelic appearance of the name; a’ cur an aghaidh dreach fuadain Gàidhlig a chur air seann ainm: rejecting giving an old name a false Gaelic appearance; co-dhiù no co-dheth: anyway; bidh sinn a’ gearain: we complain; nach fhaicear cho tric: that’s not seen too often.

Puing-chànain na Litreach: ro dheireadh a’ chòigeamh linn deug: before the end of the fifteenth century. Have you noticed that we don’t slenderise the ordinal numerical adjectives even in grammatical situations where (other) inflection occurs. So we say and write an còigeamh linn deug but deireadh a’ chòigeamh linn deug, not deireadh a’ chòigeimh linn deug. There is lenition but no slenderization. Similarly an seachdamh linn, but toiseach an t-seachdamh linn . The start of the word inflects, but not the end. The reason is that the adjective always precedes the noun. Other adjectives which precede the noun work similarly eg còta a’ phrìomh fhir, lachanaich an droch isein, linn nan deagh shamhraidhean – the end of the word does not inflect even if its qualified noun inflects, such as by slenderization.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha e neònach dhomh : it was strange to me.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 203

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean