FaclairDictionary EnglishGàidhlig

510: Rondane

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Rondane

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid bha mi ann an Nirribhidh airson sgìtheadh tro na beanntan eadar loidsichean. An turas seo bha mi anns an Rondane, sgìre a chaidh a dhèanamh na pàirc nàiseanta ann an naoi ceud deug, seasgad ’s a dhà (1962) – a’ chiad phàirc ann an Nirribhidh.

Tha an Rondane cudromach ann an iomadach dòigh. Mar eisimpleir, ’s e fear de na h-àiteachan far a bheil na fèidh mhòra – no fèidh an t-sneachda – a’ fuireach gun smachd aig mac an duine orra. Bidh fios agaibh gu bheil treudan mòra de dh’fhèidh ann an ceann a tuath nan dùthchannan Lochlannach, ach tha iad uile fo smachd nan Sàmi. Anns an Rondane, tha na fèidh fhathast a’ falbh am measg nam beann mar a thogras iad fhèin.

Chan fhaca mi gin eileirigean ann oir bha an dùthaich gu lèir còmhdaichte le sneachd. Ach tha e coltach gu bheil a leithid ann, far am biodh daoine a’ glacadh nam fiadh anns an t-seann aimsir – dìreach mar a bhiodh ar sinnsirean fhèin.

A’ stobadh a-mach às an t-sneachd, ge-tà, bha bothain bheaga. ’S e am facal a thathar a’ cleachdadh ann an Nirribhis san latha an-diugh airson a leithid – bu. Tha mi an dùil gu bheil sin ceangailte ris na faclan bùth is both ann an Gàidhlig agus, mar sin, ri bothy ann an Beurla – a thàinig bhon Ghàidhlig bothan. Gu tric, ’s e hytte a th’ aig na Nirribhich air togalaichean nas motha na bu. Tha sin ceangailte ris an fhacal Bheurla hut – ach gu tric tha hytte Nirribheach tòrr nas motha is nas spaideile na hut.

Co-dhiù, mhothaich mi gun robh mi ann an sgìre a bha ainmeil airson beul-aithris nuair a ràinig mi togalach beag cloiche aig bun nam beann air a bheil Peer Gynt Hytte. Aig amannan dhen bhliadhna, bidh e fosgailte mar chafaidh do sgìthearan. Tha e co-cheangailte ri caractar ainmeil ann an dualchas Nirribhidh – Peer Gynt.

B’ e Henrik Ibsen fear de na sgrìobhadairean dhealbhan-chluiche as ainmeile a bh’ ann riamh. Nuair a bha mi ann an Oslo, chaidh innse dhomh gur e Ibsen an dàrna sgrìobhadair as motha a fhuair a dhealbhan air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail. ’S e a’ chiad fhear Uilleam Shakespeare.

Co-dhiù, sgrìobh Ibsen an dealbh-chluich Peer Gynt stèidhichte gu ìre air beul-aithris agus caractar a chuireas seachad ùine anns na beanntan, am measg nan trolls is eile. Chuir Edvard Grieg ceòl ris – ceòl a tha gu math ainmeil an-diugh. Ach dè an ceangal a th’ ann eadar am bothan cloiche ann am beanntan an Rondane, air a bheil Peer Gynt Hytte, agus an dealbh-chluich? Uill, a rèir choltais, chuir am fear-cruinneachaidh sgeulachdan, Peter Christian Asbjørnsen, oidhche seachad ann am bothan anns an dearbh àite sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Chruinnich e sgeulachdan mu shealg nam fiadh mòra agus marcachd air muin ghobhar – rudan a bha ann an inntinn Henrik Ibsen nuair a sgrìobh e Peer Gynt.

Às dèidh dhomh an Rondane fhàgail, chaidh mi a-bhàn don ghleann gu baile Otta, far a bheil stèisean-rèile. Agus ann an sin, chuala mi stòiridh a tha a’ ceangal na sgìre sin do dh’Alba. Gu mì-fhortanach, chan e deagh stòiridh a th’ ann oir bha batail ann eadar Albannaich agus Nirribhich.

Tha sinn cleachdte ri bhith a’ cluinntinn mu fheachdan Lochlannach ann an Alba. Ach, an ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu fheachd Albannach a chaidh a-steach gu dùthaich Pheer Ghynt, agus mar a dh’fhuiling iad gu dubh.

Faclan na Litreach: Nirribhidh: Norway; loidsichean: lodges; eileirigean: deer traps; dealbh-chluich: [stage] play; stèisean-rèile: railway station.

Abairtean na Litreach: sgìre a chaidh a dhèanamh na pàirc nàiseanta: an area that was made a national park; far a bheil na fèidh mhòra a’ fuireach gun smachd aig mac an duine orra: where the reindeer live wild [without man’s control on them]; ceann a tuath nan dùthchannan Lochlannach: the north of Scandinavia; fo smachd nan Sàmi: under the control of the Saami; mar a thogras iad fhèin: as they themselves wish; gu bheil a leithid ann: that such things do exist; dìreach mar a bhiodh ar sinnsirean fhèin: just as our own ancestors would do; a’ stobadh a-mach às an t-sneachd, ge-tà: sticking out of the snow, however; ’s e hytte a th’ aig na Nirribhich air togalaichean nas motha na bu: the Norwegians call a building bigger than a “bu” a “hytte”; fosgailte mar chafaidh do sgìthearan: open as a cafe for skiers; co-cheangailte ri caractar ainmeil: linked to a famous character; dè an ceangal a th’ ann eadar am bothan cloiche agus an dealbh-chluich?: what’s the link between the stone bothy and the play?; mu shealg nam fiadh mòra agus marcachd air muin ghobhar: about the hunting of the reindeer and riding on the backs of goats; chan e deagh stòiridh a th’ ann oir bha batail ann: it’s not a good story because there was a battle; cleachdte ri bhith a’ cluinntinn mu fheachdan Lochlannach ann an Alba: used to hearing about fighting groups of Vikings in Scotland; mar a dh’fhuiling iad gu dubh: how they suffered badly.

Puing-chànain na Litreach: chaidh mia-bhàndon ghleann: I went down to the glen.MacBain tells us that a-bhàn comes from a(n) bh-fàn, meaning “into declivity”. But today it is an adverb meaning “down, downwards”, used in much the same way as sìos eg chaidh mi a-bhàn don chladach (I went down to the shore), shuidh mi a-bhàn (I sat down). It is more commonly encountered today in mainland dialects than in the islands but is known throughout the Gàidhealtachd from lines in songs such as suidhidh sinn a-bhàn gu socair (we will sit down at our ease).

Gnàthas-cainnt na Litreach: an dàrna sgrìobhadair as motha a fhuair a dhealbhan air an àrd-ùrlar: the second most performed playwright.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 206

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean