FaclairDictionary EnglishGàidhlig

660: Am Brisgean (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Brisgean (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun bhrisgean, no silverweed, lus a tha pailt ann an àiteachan far a bheil gainmheach, leithid air machraichean nan eilean. Cha do lorg mi mòran ainmean-àite anns a bheil “brisgean”. Tha rubha ann an Rònaigh Beag faisg air Griomasaigh air a bheil Rubha nam Brisgean. Ach ’s dòcha gu bheil an lus ro phailt airson a bhith air ainmeachadh gu mòr.

Dh’fheuch mi am brisgean turas agus cha do shaoil mi cus dhen bhlas. Bha e rud beag coltach ris a’ churran-gheal, gun a bhith cho mhath ris. Tha na freumhan beag. Agus tha iad uaireann doirbh a bhuain, oir bidh iad a’ dol am measg freumhan lusan eile. Tha cunntas ann de dhaoine ann an Tiriodh is Colla, agus sna h-Eileanan A-muigh – a bhith a’ cur a leithid gu feum aig àm gorta, no as t-Earrach nuair a bha biadh gann. Ach cha bhiodh iad a’ cleachdadh a’ bhrisgein aig amannan eile, am bitheadh?

Uill, bha mi a’ leughadh mu na treubhan dùthchasach ann am Ameireagaidh a Tuath, air an taobh an iar, eadar Washington is Alasga. Bhiodh iad a’ fàs lus a tha dlùth-chàirdeach don bhrisgean againne. Bhiodh iad a’ cumail luibhean eile a-mach às an àite, agus bhiodh freumhan a’ bhrisgein a’ fàs an ìre mhath mòr. Bhiodh iad a’ buain a’ bhrisgein as t-fhoghar agus ga stòradh thairis air a’ gheamhradh. A rèir choltais, ’s ann as t-fhoghar as fheàrr a tha am blas.

Saoil an robh an aon rud fìor ann an Alba? Am biodh ar sinnsearan a’ fàs a’ bhrisgein a dh’aona-ghnothach, seach a bhith dìreach a’ spìonadh na bha a’ fàs gu nàdarrach? Agus ’s e an fhreagairt – bhitheadh. Ann an Carmina Gadelica, tha Alasdair MacIlleMhìcheil ag innse dhuinn, mus do nochd am buntàta air a’ Ghàidhealtachd, gum biodh daoine a’ fàs a’ bhrisgein agus gum biodh an lus a’ ruigsinn meudachd mhòr ann an suidheachadh mar sin. Seo mar a chuir e ann am Beurla e: “As certain places are noted for the cultivation of the potato, so certain places are remembered for the cultivation of silverweed”.

Tha e ag ainmeachadh àite ann am Paibeil ann an Uibhist a Tuath air an robh Lag nan Tanchasg. Anns an àite sin, b’ urrainn fear a chumail fhèin beò le bhith ag àiteachadh pìos beag fearainn ann an cumadh ceàrnaig, agus na taobhan cho fada ri àird an duine fhèin. Agus bha e beò air a’ bhrisgean! Uill, chan eil mi cinnteach mu dheidhinn sin. Saoilidh mi nach eil e uabhasach coltach.

Co-dhiù, tha MacIlleMhìcheil a’ dearbhadh gun robh na Gàidheil ga fhàs, dìreach mar a bha na tùsanaich Ameireaganach. Bha mi a’ coimhead air a’ mhapa airson Lag nan Tanchasg, agus cha do lorg mi e. ’S dòcha gun inns cuideigin à Uibhist a Tuath dhomh a bheilear ag aithneachadh an àite fhathast. Agus dè a’ chiall a th’ air Tanchasg? A bheil e a’ seasamh airson a’ bhrisgein fhèin – air a bheil uaireannan, ann am Beurla, tansy?

Tha sin gam thoirt gu dà ainm eile airson a’ bhrisgein – curran-earraich, ainm a tha follaiseach gu leòr, agus an seachdamh aran. “Brisgean beannaichte an Earraich, seachdamh aran a’ Ghàidheil”. Nam b’ e am brisgean an seachdamh aran, ge-tà, dè na sia eile a bh’ ann? Bheir sinn sùil air sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: brisgean: silverweed; gainmheach: sand; rubha: point, promontory; dlùth-chàirdeach: closely related; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael.

Abairtean na Litreach: leithid air machraichean nan eilean: such as on the island machairs; ro phailt airson a bhith air ainmeachadh gu mòr: too plentiful to be named much; coltach ris a’ churran-gheal, gun a bhith cho mhath ris: like the parsnip but not as good as it; doirbh a bhuain: difficult to harvest; am measg freumhan lusan eile: among the roots of other plants; ann an Tiriodh is Colla, agus sna h-Eileanan A-muigh: in Tiree and Coll, and in the Outer Isles; a bhith a’ cur a leithid gu feum aig àm gorta:using such things in time[s] of famine; a’ leughadh mu na treubhan dùthchasach ann am Ameireagaidh a Tuath: reading about the native tribes in North America; ga stòradh thairis air a’ gheamhradh: storing it over the winter; am biodh ar sinnsearan a’ fàs a’ bhrisgein a dh’aona-ghnothach?: would our ancestors deliberately grow the silverweed?; a’ ruigsinn meudachd mhòr: reaching a good size; b’ urrainn fear a chumail fhèin beò: a man could keep himself alive; ag àiteachadh pìos beag fearainn ann an cumadh ceàrnaig: cultivating a small piece of land in the shape of a square; agus na taobhan cho fada ri àird an duine fhèin: with the sides as long as the man’s own height; a bheilear ag aithneachadh an àite fhathast: is the place still recognised; tha sin gam thoirt gu dà ainm eile airson a’ bhrisgein: that brings me to two other names for the silverweed; brisgean beannaichte an Earraich, seachdamh aran a’ Ghàidheil: blessed silverweed of the spring, the seventh bread of the Gael; nam b’ e am brisgean an seachdamh aran, ge-tà: if the silverweed were the seventh bread, however.

Puing-chànain na Litreach: A rèir choltais, ’s ann as t-fhoghar as fheàrr a tha am blas: apparently,it’s in autumn that the flavour is best. Note the placing of as fheàrr in this construction. Here are some other examples. ’S e Iain Mac a’ Ghobhainn as motha air a bheil an t-uallach (it’s John Smith who has the greatest responsibility; ’s e Iseabail an tè as coltaiche a thèid a thaghadh (Ishbel is the most likely woman to be chosen); ’s ann anns an fhicheadamh linn a bu mhotha a dh’àrdaich teòthachd na Cruinne (it’s in the twentieth century that the Earth’s temperature rose the most).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Saoilidh mi nach eil e uabhasach coltach: I don’t think it’s very likely [to be true].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 356

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean