FaclairDictionary EnglishGàidhlig

123: Ar-a-mach nan Seumasach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ar-a-mach nan Seumasach

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, chuir mi ceist oirbh airson meòrachadh air. Dh’fhaighnich mi – dè a’ Ghàidhlig a th’ air kerfuffle? ’S dòcha gun do thagh sibh rudeigin mar “cur troimh-a-chèile”. Is iomadh turas a chaidh a’ Ghàidhealtachd a chur troimh-a-chèile na h-eachdraidh, agus tha mòran dhen bheachd gur e ar-a-mach nan Seumasach an t-àm a bu mhiosa dhi.

Agus tha ceist agam dhuibh mu dheidhinn an dearbh ghnothaich a tha sin. Cò loisg a’ chiad pheilear ann an ar-a-mach nan Seumasach ann am “Bliadhna a’ Phrionnsa” neo “Bliadhna Theàrlaich”? Tha fhios gum bi diofar bheachdan ann air sin ach a rèir beul-aithris à Earra-Ghàidheal, thachair e ann a sin, pìos beag gu tuath air an Òban.

Bha fear Stiùbhart, uachdaran na h-Apainn, a’ feuchainn ri nàbaidh aige, air an robh Caimbeul, is a bha na uachdaran ann am Barra Calltainn, a bhrosnachadh gus dhol còmhla ris ann an arm a’ Phrionnsa. Chaidh an Stiùbhartach tarsainn Loch Creurain ann am bàta, aig an Rubha Gharbh, airson bruidhinn ris a’ Chaimbeulach ach, mar a bhios fios agaibh, cha robh a’ chuid mhòr de na Caimbeulaich deònach dhol air taobh nan Seumasach, agus cha robh fear Bharra Challtainn airson a dhol an aghaidh a chinn-chinnidh.

Mar sin, dhiùlt e dhol ann. Ach, leis gu robh e fhèin is an Stiùbhartach a’ faighinn air adhart gu math còmhla mar charaidean is nàbaidhean, dh’aontaich e leigeil le fear na h-Apainn dhol am measg muinntir na h-oighreachd aige, feuch feadhainn aca a thàladh gu arm nan Seumasach. Dh’aontaich feadhainn dhol còmhla ris an Stiùbhartach, agus rinn iad deiseil airson falbh.

Chaidh an Caimbeulach cuide riutha don chladach airson soraidh slàn a leigeil leotha. Chaidh an Stiùbhartach a-steach do bhàta agus thuirt e na faclan seo: “Bàrr no faobhar, thig air aghaidh!” Bàrr no faobhar, thig air aghaidh. Bha e a’ brosnachadh chàich gus dhol a shabaid às leth a’ Phrionnsa.

Bha an Caimbeulach na sheasamh air creag os cionn a’ bhàt'-aiseig. Thog e a ghunna, agus loisg e e. An uair sin, thuirt e, “Tha an sin a’ chiad pheilear.” Agus bha muinntir an àite a-riamh dhen bheachd bhon uair sin gum b’ e sin a’ chiad pheilear a chaidh a losgadh anns an ar-a-mach, ged nach robh droch-rùn co-cheangailte ris. Gu mì-fhortanach, lean mòran pheilearan eile air an fhear sin.

A-nise seo stòiridh beag laghach dhuibh. Dh’fhaighnich gille a bha seo de nighinn, air an do ghabh e nòisean, cuin a rachadh i air chuairt leis. Bha esan taobh a-muigh an taigh aice agus bha i fhèin aig uinneig fhosgailte. Seo an fhreagairt a fhuair e:

‘Nuair a thogas mi an lìon, a leagas mi a’ ghlainne, agus a chuireas mi am marbh a thiodhlacadh a’ bheò, thig mi còmhla riut.’

Uill, smaoinich e airson mionaid. Nuair a thogadh i a lìon, nuair a leagadh i a’ ghlainne agus nuair a chuireadh i am marbh a thiodhlacadh a’ bheò, rachadh i còmhla ris. Bha sin ro fhada dha, shaoil e, ged a bha gràdh aige dhi, agus dh’fhalbh e gu tìrean cèin. An ceann trì bliadhna, thill e agus chuala e gu robh i a-nise pòsta aig fear eile. Chaidh e a choimhead oirre, agus mhìnich i a’ chùis dha leis na faclan seo: “Cho luath ’s a thogainn an t-anart far a’ bhùird, a dhùininn an uinneag agus a smàlainn an tèine, bha mi air a bhith deiseil dhut. Ach bha thu mì-fhoighidneach, agus dh’fhalbh thu.” Nuair a thuig e a mhearachd, tha fhios gu robh am fear bochd troimh-a-chèile buileach.

Faclan na Litreach: ar-a-mach nan Seumasach: the Jacobite rebellion; Bliadhna a’ Phrionnsa/Bliadhna Theàrlaich: the year of the Jacobite rebellion, 1745-6; beul-aithris: oral tradition; uachdaran na h-Apainn: landowner of Appin; Loch Creurain: Loch Creran; anart: linen (lìon also means linen as well as net or line); mì-fhoighidneach: impatient.

Abairtean na Litreach: is iomadh turas a chaidh a’ Ghàidhealtachd a chur troimh-a-chèile na h-eachdraidh: the Highlands were put topsy-turvy many times in its (her) history; mu dheidhinn an dearbh ghnothaich a tha sin: about that same matter; cò loisg a’ chiad pheilear?: who fired the first bullet?; cha robh fear Bharra Challtainn airson a dhol an aghaidh a chinn-chinnidh: the laird of Barcaldine did not want to go against his clan chief; airson soraidh slàn a leigeil leotha: to farewell them; bha e a’ brosnachadh chàich gus dhol a shabaid às leth a’ Phrionnsa: he was exhorting the others to go and fight for the Prince; bha an Caimbeulach na sheasamh air creag os cionn a’ bhàt'-aiseig: Campbell was standing on a rock above the ferry boat; ged nach robh droch-rùn co-cheangailte ris: though there was no malice associated with it; air an do ghabh e nòisean: whom he fancied; cuin a rachadh i air chuairt leis: when she would go out with him; nuair a chuireas mi am marbh a thiodhlacadh a’ bheò: when I put the dead to bury the living; chaidh e a’ choimhead oirre, agus mhìnich i a’ chùis dha: he went to see her and she explained the situation to him; cho luath ’s a thogainn an t-anart far a’ bhùird, a dhùininn an uinneag agus a smàlainn an teine: as soon as I would have lifted the linen off the table, closed the window and smoored the fire.

Puing-ghràmair na Litreach: dh’aontaich e leigeil le fear na h-Apainn dhol am measg muinntir na h-oighreachd aige, feuch feadhainn aca a thàladh gu arm nan Seumasach: he agreed to let Appin go among the people of his estate to see if he could attract some of them to the Jacobite army. The use of feuch in this idiomatic way, perhaps because it does not appear as a verbal noun (feuchainn) often frightens learners, who are unwilling to use it. It means “try” or “attempt” and is here an imperative which regularly appears in conversation as an equivalent to “to see” or “to find out”. It can be used in addressing individuals or groups – there is no distint plural form. Here are some other examples: fosgail an àmhainn, feuch a bheil am biadh teth (open the oven to see if the food is hot); tarraing an lìon, feuch a bheil iasg ann (pull in the net to see if there is a fish in it); fosglaibh ur drathairean, feuch a bheil peansail ann (open your drawers to see if there is a pencil there).

Seanfhacal na Litreach: bàrr no faobhar, thig air aghaidh!: (by the) point or edge (of the sword), advance! An exhortation to followers. Note that air aghaidh is the Argyll equivalent to air adhart as used in more northerly parts of the Gàidhealtachd.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean