FaclairDictionary EnglishGàidhlig

848: Deòrsa mac Iain Deòrsa (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Deòrsa mac Iain Deòrsa (1)

Gaelic Gàidhlig

Gu deas air Tairbeart Loch Fìne tha allt ann air a bheil Allt Beithe mar ainm. Chan eil mi eòlach air mi fhìn ach tha e a’ coimhead snog far a bheil e air na mapaichean. Agus tha e ainmeil ann am bàrdachd na Gàidhlig.

Rugadh am bàrd Gàidhlig Deòrsa mac Iain Deòrsa o chionn ceud bliadhna agus bu mhath leam a bheatha a chomharrachadh anns an Litir. Bha Allt an t-Siùcair aig Mac Mhaighstir Alasdair, agus bha an t-Allt Beithe aig Deòrsa mac Iain Deòrsa, no George Campbell Hay, mar a bh’ aca air ann am Beurla. Seo agaibh a’ chiad rann dhen dàn aige ‘Còmhradh an Alltain’.

Na h-aibhnichean mòra, ge mòrail, mall, leathann iad

Taimis is Tìobar, ’s an Nìl, ge aost’ a seanchas,

Na chunnaic mi nam thuras de shruthan mòra ’s meadhanach,

Hamìz agus Harrais is Safsaf Sgiogda eatarra,

Seabùs is Buidìma is Picentìno eabarach,

Meidearda Chruimìri, Forni, Irno ’s Sele leo,

Remel fo Chonstantìna, is Lìri a dhearg ar fleasgaichean –

Mas brèagh’ iad ’s fheudar dhaibh gèilleadh don Allt Bheithe sin,

Ge cian iad no ainmeil, is balbhain gun cheileir iad.

Cha chreid mi nach robh Deòrsa a’ togail air rudeigin a chomharraicheas uillt na Gàidhealtachd – cho fuaimneach ’s a tha iad. Uill, leis an uiread de dh’uisge a bhios againn, ’s beag an t-iongnadh, ’s dòcha! Cha robh anns na h-aibhnichean eile a dh’ainmich e ach ‘balbhain’.

Seo earrann eile dhen dàn:

Cha teirig cainnt no duain dha, ’s a’ ghrian ’s an cuan a’ solar dha,

Le ’n àlach neòil a’ cumail fileantachd am filidheachd a choilleagan –

Na neòil bheaga ’s na baidealan, le frasan a’ cur dheoch thuige…

Aidh, tha e math gu bheil sìde fhliuch againn, nach eil?!

Leis na dh’ainmich e de dh’aibhnichean, tuigidh sibh gun robh am bàrd air a bhith ann an grunn dùthchannan agus thig sinn gu eachdraidh a bheatha fhathast. Bhuineadh athair do Thairbeart Loch Fìne agus thogadh Deòrsa anns a’ bhaile sin, co-dhiù nuair nach robh e air falbh aig sgoil-chòmhnaidh. Dh’fhàs e eòlach air na sgìrean timcheall Loch Fìne, agus air na seann daoine aig an robh Gàidhlig na sgìre fhathast.

Mar a bha mi ag ràdh, rugadh Deòrsa ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915). Bha athair na mhinistear ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù aig an àm. Bha e air a bhith roimhe sin na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Lìonail ann an Nis ann an Leòdhas. Bha buntanas aig a bhean, màthair Dheòrsa, do dh’Ìle, Cnapadal agus Tairbeart Loch Fìne. Bha a h-athair-se na mhinistear anns an Eaglais Shaoir agus bha i fhèin leth-fhileanta ann an Gàidhlig.

Gu mì-fhortanach, chaochail athair Dheòrsa nuair a bha Deòrsa fhèin dìreach ceithir bliadhna a dh’aois. ’S iongantach mura tug sin buaidh mhòr air beatha Dheòrsa – agus thig sinn gu tuilleadh air sin an-ath-sheachdain.

Airson crìoch a chur air an Litir an t-seachdain sa, seo agaibh an rann mu dheireadh dhen dàn Còmhradh an Alltain:

Òran buan a’ teàrnadh, gach ràith às na coireachan,

Uair le dùrdan dùsail, uair le bùirich dhoineannaich;

Ag èigheach ’s a’ ceasnachadh, ’s ga fhreagairt fhèin na chonaltradh,

A’ brìodal chun na tràghad, a’ tàladh ’s a’ coiteachadh,

A’ tilleadh don mhuir chèir o a chèilidh aig na monaidhean,

Am beòshruth beag as fheàrr na gach sàr abhainn thostach leam.

Faclan na Litreach: Tairbeart Loch Fìne: Tarbert Loch Fyne; Allt Beithe: ‘birch burn’; mòrail: majestic; eabarach: muddy; sìde fhliuch: wet weather; sgoil-chòmhnaidh: boarding school; Siorrachd Rinn Friù: Renfrewshire; Cnapadal: Knapdale.

Abairtean na Litreach: Còmhradh an Alltain: The Conversation of the Wee Burn; Taimis is Tìobar, ’s an Nìl, ge aost’ a seanchas:Thames and Tiber, and the Nile, though aged be its story; na chunnaic mi nam thuras de shruthan mòra ’s meadhanach:all that I saw on my journey of great and middling streams; a dhearg ar fleasgaichean: that our youths made red; mas brèagh’ iad:though they are beautiful; ’s fheudar dhaibh gèilleadh do X: they must yield to X; ge cian iad no ainmeil: though they be distant or famous; is balbhain gun cheileir iad: they are voiceless creatures without melody; a’ togail air rudeigin a chomharraicheas uillt na Gàidhealtachd: is referring to something that characterizes the burns of the Gaidhealtachd; ’s beag an t-iongnadh:it is hardly surprising; cha teirig cainnt no duain dha: speech and songs will never fail it; ’s a’ ghrian ’s an cuan a’ solar dha:while the sun and ocean provide for it; le ’n àlach neòil a’ cumail fileantachd am filidheachd a choilleagan:with their brood of clouds keeping fluency in the poesy of its lays; gun robh am bàrd air a bhith ann an grunn dùthchannan:that the bard had been in a few countries; ’s iongantach mura tug sin buaidh mhòr air beatha Dheòrsa:it’s likely that that had a great effect on George’s life; òran buan a’ teàrnadh: an eternal song descending; uair le dùrdan dùsail:at times with a drowsy droning; uair le bùirich dhoineannaich: at times with a tempestuous roaring; a’ brìodal chun na tràghad:crooning to the shore; a’ tàladh ’s a’ coiteachadh: coaxing and enticing; am beòshruth beag as fheàrr na gach sàr abhainn thostach leam: the little living stream that I love better than all the grand silent rivers.

Puing-chànain na Litreach: A’ tilleadh don mhuir chèir o a chèilidh aig na monaidhean: returning to the dark sea from its ceilidh with the hills. Cèir is the slenderised form of ciar ‘dark’. The word is slenderised because it is qualifying the feminine noun muir in the definite dative singular case. Muir cannot slenderize, but ciar can, so it does.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha a h-athair-se na mhinistear: her father was a minister.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 544

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean