FaclairDictionary EnglishGàidhlig

904: New Zealand agus Luchd-imrich

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

New Zealand agus Luchd-imrich

Gaelic Gàidhlig

Tha leabhran air mo bheulaibh an-dràsta agus tha e gu math inntinneach. Chaidh a thoirt dhomh an-uiridh, an dearbh bhliadhna san deach a chlò-bhualadh às ùr. Ach chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn fhada – ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1872). ʼS e an tiotal a th’ air ‘Geàrr-chunntasan air New Zealand airson Feuma Luchd-imrich’. Leughaidh mi an còrr dhen duilleag-tiotail dhuibh (tha i ann an Gàidhlig an naoidheamh linn deug): ‘Leis an Urramach P. Barclay M.A. a bha roimh so ʼna mhinistear ʼan New Zealand, iar eadar-theangachadh gu Gaelic, Dunéideann aig 64 Drochaid a Deas, MacLachlainn agus Stiùbhard.

Tha e inntinneach gun robh uiread de Ghàidheil a’ beachdachadh air imrich a dhèanamh gu ruige New Zealand ʼs gum b’ fhiach leabhran fhoillseachadh dhaibh anns a’ chànan aca fhèin. Cuimhnicheamaid gun do nochd an leabhran anns an dearbh bhliadhna ʼs a chaidh Achd an Fhoghlaim tron phàrlamaid. Roimhe sin, bha mòran air a’ Ghàidhealtachd a’ faighinn foghlam dà-chànanach. Bha comas leughaidh ann an Gàidhlig aca. Nuair a ghabh an stàit foghlam na sgoile thairis, chaidh a’ Ghàidhlig – agus comas leughaidh sa chànan – a sguabadh às.

Chan eil fhios a’m cò rinn an t-eadar-theangachadh. Chanainn gun robh Gàidhlig na cùbaid aige. Tha sin iomchaidh gu leòr airson eadar-theangachadh a dhèanamh air teacsa a sgrìobh ministear.

Seo earrann bheag bhon leabhran. Tha mi air a’ Ghàidhlig a nuadhachadh an siud ʼs an seo. ‘Dh’fhaodte aire a thoirt do New Zealand mar fhearann a bha anabarrach falamh a dh’ainmhidhean gus an taobh a-staigh dhen cheud bliadhna mu dheireadh. Tha e glè choltach nach robh beò-ainmhidh a bhuineadh don dùthaich, ach radain bheaga dhan do chuir na radain Europeanach às ...’

Tha dà rud inntinneach mun earrainn sin. Feumaidh gun robh an t-eadar-theangair a’ cleachdadh ‘beò-ainmhidh’ airson ‘mammal’. ʼS e an rud eile gun do sgrìobh e ‘Europeanach’ airson ‘European’. An-diugh, chanamaid ‘Eòrpach’.

Tha an cunntas a’ leantainn: ‘... tha eòin glè lìonmhor, agus tha cuid dheth ann an cruthan gu math neònach. Chaidh às do sheòrs’ eòin athach, struth-chosmhail (ostrich-like) agus tha seòrsachan eile a’ teireachdainn gu bras mar a tha luchd-imrich a’ faotainn air adhart.’ Tha e inntinneach gun do chuir an t-eadar-theangair a’ Bheurla ‘ostrich-like’ ann. Bha e an dùil nach tuigeadh a h-uile duine an abairt ‘struth-chosmhail’ agus chanainn gun robh e ceart.

Tha an leabhran ag innse dhuinn gun robh cuid de dh’eòin – air am biodh daoine eòlach aig an taigh – air an slighe a dhèanamh gu New Zealand, le taic bho mhac-an-duine: ‘Fhuair a’ chuid as motha de dh’eòin cheòlmhor Bhreatainn gu ruige New Zealand; agus on a thugadh an ròcas ann o chionn ghoirid, bidh na h-ionadan-tàimh, gu h-àraidh a’ chuid a th’ air an cuairteachadh le craobhan, gu math coltach ri àrosan Breatannach. ʼS gann a tha adhbhar a bhith ag ainmeachadh gu bheil eòin-thaighe dhen a h-uile seòrs’ ann an New Zealand, ʼs gu bheil iad a’ cinneachadh gu h-anabarrach ann.’

Agus ainmichidh mi aon rud eile às a’ chunntas aig Mgr Barclay – mu dheidhinn nathraichean. ‘Gu fortanach,’ tha e ag ràdh, ‘chan eil nathraichean nimheil no biast dhochannach sam bith ann. Tha an tìr cho saor on leithidean ʼs a tha Èirinn fhèin.’ Agus tha sin fìor chun an latha an-diugh. Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: Drochaid a Deas: South Bridge; cuimhnicheamaid: let’s remember; iomchaidh: fitting; lìonmhor: abundant.

Abairtean na Litreach: an dearbh bhliadhna san deach a chlò-bhualadh às ùr: the same year it was printed anew; airson Feuma Luchd-imrich: for [the need of] emigrants; an còrr dhen duilleag-tiotail: the rest of the title page; gum b’ fhiach leabhran fhoillseachadh: that it was worth publishing a booklet; an dearbh bhliadhna ʼs a chaidh Achd an Fhoghlaim tron phàrlamaid:the same year that the Education Act went through the parliament; nuair a ghabh an stàit foghlam na sgoile thairis:when the state took over school education; chaidh comas leughaidh sa chànan a sguabadh às:the ability to read the language was swept aside; chanainn gun robh Gàidhlig na cùbaid aige:I’d say that he had minister’s Gaelic [high register]; tha mi air a’ Ghàidhlig a nuadhachadh an siud ʼs an seo: I’ve modernised the Gaelic here and there; anabarrach falamh a dh’ainmhidhean: incredibly empty of animals: an taobh a-staigh dhen cheud bliadhna mu dheireadh: within the last century; radain bheaga dhan do chuir na radain Europeanach às:small rats that the European rats caused to become extinct; chaidh às do sheòrs’ eòin athach: a timid sort of bird was made extinct ; a’ teireachdainn gu bras mar a tha luchd-imrich a’ faotainn air adhart: diminishing quickly as immigrants spread; nach tuigeadh a h-uile duine: that not everybody would understand; gun robh cuid de dh’eòin air an slighe a dhèanamh: that some birds had made their way; on a thugadh an ròcas ann o chionn ghoirid: since the rook was introduced recently; bidh na h-ionadan-tàimh coltach ri àrosan Breatannach: the residences are like British dwellings ; a’ cinneachadh gu h-anabarrach:breeding well; nathraichean nimheil no biast dhochannach: poisonous snakes or harmful beast; cho saor on leithidean ʼs a tha Èirinn: as free from such things as Ireland.

Puing-chànain na Litreach: iar eadar-theangachadh gu Gaelic: translated into Gaelic. ‘Iar’ is now represented by ‘air’ – it was coming to the end of its life as ‘iar’ in 1872 – and it means ‘after’ ie air eadar-theangachadh literally ‘after translating’. And it’s clear that this was disagreement about how to write ‘Gàidhlig’ at that time. Some wrote it as ‘Gàilig’ and some used the English spelling.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun robh uiread de Ghàidheil a’ beachdachadh air imrich a dhèanamh: that so many Gaels were considering emigrating.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 600

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean