FaclairDictionary EnglishGàidhlig

202: Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid, chuir mi seachad seachdain ann a bhith a’ coiseachd air slighe a tha a’ dol faisg air ceud mìle air taobh an iar na h-Alba. ’S e an t-ainm a th’ oirre “Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd” agus tha i a’ ruith eadar Muileann Dhaidh, air iomall Ghlaschu, agus an Gearasdan.

Bha mi fortanach oir bha an aimsir uabhasach fhèin math. Cha robh sgeul air uisge fad na seachdain, agus bha i blàth no teth a h-uile là, leis a’ ghrian a’ deàrrsadh à adhar gorm. Cha tug mi mo chòta, miotagan no ad a-mach às mo mhàileid eadar an toiseach agus an deireadh, agus cha robh mo gheansaidh orm ach airson fichead mionaid air aon là aig mullach cnuic far an robh a’ ghaoth ann. Tha sin iongantach ann am meadhan a’ Ghiblein.

Chòrd mo thuras rium agus thàinig mi tarsainn air mòran rudan co-cheangailte ri dualchas nan Gaidheal fhad ’s a bha mi a’ coiseachd bho dheas gu tuath. An-diugh, agus anns na seachdainean romhainn, bheir mi sùil air an dualchas co-cheangailte ris an dùthaich sin.

Tòisichidh mi aig toiseach mo shlighe. Tha cuid dhen bheachd gur e Muileann Dhaibhidh a th’ air “Milngavie” ann an Gàidhlig, is tha feadhainn eile a’ dèanamh a-mach gur e Muileann Gaoithe a th’ ann, ach tha mi a’ leantainn an litreachaidh aig Mìcheal Newton, sgoilear Aimeireaganach a rinn rannsachadh mòr air an sgìre – Muileann Dhaidh. Sgrìobh Mìcheal leabhar math mu dhualchas Gàidhlig na sgìre, air a bheil “Bho Chluaidh gu Calasraid”. Tha e dà-chànanach, tha e air fhoillseachadh le “Acair” agus mholainn gu mòr dhuibh e.

’S e an t-ainm Gàidhlig a th’ air an sgìre eadar Muileann Dhaidh agus ceann a tuath Loch Laomainn – Leamhnachd. Thathar a’ dèanamh dheth gu bheil ceangal eadar Leamhnachd agus an leamhan, a’ chraobh-leamhain – Ulmus glabra, ris an canar “elm” ann am Beurla. ’S ann à leamhan a thàinig ainm na h-aibhne a sruthas à Loch Laomainn – the River Leven, mar a chanar rithe ann am Beurla. A rèir an sgoileir, Uilleam MacBhàtair nach maireann, b’ e “elm-water” ciall an ainm bho thùs.

Anns an tuiseal ghinideach, tha leamhan ag atharrachadh gu an dà chuid, leamhain agus leamhna. ’S e Magh Leamhna a’ Ghàidhlig a th’ air Vale of Leven, an srath trom bi an abhainn a’ sruthadh. Agus gu h-inntinneach, ’s e an seann ainm a bh’ air Loch Laomainn – Loch Leamhain no Loch Leamhna.

Ciamar, ma-thà, a fhuair an loch an t-ainm Loch Laomainn? Uill, tha e furasta gu leòr a mhìneachadh. Tha beinn àrd faisg air an loch air a thaobh an ear air a bheil Beinn Laomainn. Tha laomainn a’ tighinn bho sheann fhreumh Ceilteach a tha a’ ciallachadh beacon. Ma choimheadas sibh ann am faclair Dwelly, chì sibh gu bheil laom a’ ciallachadh “blaze of fire”, agus bha a leithid de dh’fhacal ann o shean air bilean an t-sluaigh, an dà chuid ann an Gàidhlig agus anns an t-seann chànan Bhreatannach.

’S e Beinn Laomainn, ma-tha, Beacon Mountain, agus ’s e sin a’ chiall cuideachd a th’ air na cnuic ann am Fìobh air a bheil the Lomond Hills. Co-dhiù, chaidh ainm Loch Leamhna atharrachadh o chionn fhada gu Loch Laomainn. Ghabh an loch ainm na beinne air fhèin. Mura b’ e sin, tha fhios gur e Loch Leven a chanadh daoine ris ann am Beurla agus tha, mu thràth, dà loch eile air a bheil an t-ainm sin. An ath-sheachdain, bheir mi air chuairt sibh tro Leamhnachd agus bheir sinn sùil air beagan de dhualchas na Gàidhlig anns an sgìre.

Faclan na Litreach: Muileann Dhaidh: Milngavie; an Gearasdan: Fort William; fortanach: lucky; geansaidh: jumper; dà-chànanach:bilingual; Loch Laomainn: Loch Lomond; Beinn Laomainn: Ben Lomond; Leamhnachd: Lennox; leamhan, craobh-leamhain: elm tree; an dà chuid: both; freumh: root; cnuic: hills.

Abairtean na Litreach: chuir mi seachad seachdain: I spent a week; Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd: The West Highland Way; cha robh sgeul air uisge fad na seachdain: there was no sign of rain all week; leis a’ ghrian a’ deàrrsadh à adhar gorm: with the sun shining from a blue sky; cha tug mi mo chòta, miotagan no ad a-mach às mo mhàileid: I didn’t take my coat, gloves or hat out of my rucksack; aig mullach cnuic: on the top of a hill; chòrd mo thuras rium: I enjoyed my journey; Bho Chluaidh gu Calasraid: From the Clyde to Callander; mholainn gu mòr dhuibh e: I would heartily recommend it to you; mar a chanar rithe ann am Beurla: as it is called in English; a rèir an sgoileir, Uillean MacBhàtair nach maireann: according to the scholar, the late William (W J) Watson; ciall an ainm bho thùs:the original meaning of the name; faisg air an loch air a thaobh an ear: close to the loch on its east side; mura b’ e sin: if it weren’t for that.

Puing-ghràmair na Litreach: Sgrìobh Mìcheal leabhar math mu dhualchas Gàidhlig na sgìre: Michael wrote a good book about the Gaelic heritage of the area. I would like to make a point about the simple preposition mu when it is not followed by an article. It lenites a lenitable consonant in the following noun but any adjective following the noun does not have to be similarly qualified. Thus, with the masculine noun dualchas we get mu dhualchas Gàidhlig na sgìre, not mu dhualchas Ghàidhlig na sgìre.However, as the noun is in the dative or prepositional case following mu, when the article is included, as in the compound form mun, the adjective then lenites in a similar way to the noun (or as a lenitable noun would behave) according to grammatical rules. Thus we would say an cuala tu mun chìobair mhòr? (did you hear about the big shepherd?), not mun chìobair mòr. But note that we would say mun dualchas Ghàidhlig a th’ aig an sgìre. In this instance, the “d” does not lenite following the “n” in mun, but Gàidhlig is lenited, as required by the rules.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha an aimsir uabhasach fhèin math: the weather was fantastic. The fhèin here may seem strange, but it simply operates as an emphasising or strengthening element. You could simply say uabhasach math, but the fhèin strengthens it even more.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean