FaclairDictionary EnglishGàidhlig

896: Eòghann Mac a’ Ghobhair (5)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eòghann Mac a’ Ghobhair (5)

Gaelic Gàidhlig

Bha Eòghann Mac a’ Ghobhair air a thoirt air beulaibh na banrigh – a mhàthair – far an do dh’aithnich a piuthar, Fionnghal, e. ‘Seo do mhac fhèin!’ thuirt Fionnghal ri a piuthar.

Bha feadhainn eile ag ràdh, ‘Seadh, tha e coltach ris an t-seann rìgh nach maireann, gun teagamh.’ Bha iad a’ gabhail ‘MacCoinnich Mòr’ air agus bha iad a’ dèanamh gàirdeachas. Cha robh a’ bhanrigh cinnteach. ‘Tha a thrusgan is a chlaidheamh coltach ri feadhainn a bh’ aig an duine agam nach maireann,’ thuirt i, ‘ach feumaidh mi a bhith cinnteach gur e seo mo mhac mus toir mi a’ chathair rìoghail dha.’

Thàinig Coinneach air adhart. ‘ʼS urrainn dhomh fhìn dearbhadh co-dhiù ʼs e seo Mac a’ Ghobhair. Nuair a bha e òg, agus sinn a’ fuireach ann an Àird Làir taobh Loch Ma-ruibhe, bha e a’ cluich leis an sgithinn agam. Gheàrr e a ghàirdean clì leatha. Ma tha an làrach ri a faicinn air a ghàirdean chlì, faodaidh sinn a bhith cinnteach gur e Eòghann Mac a’ Ghobhair a th’ ann.’ Choimhead e air an fhear òg. ‘Cuir do mhuinichill chlì suas,’ dh’òrdaich e.

Chuir Eòghann a mhuinichill suas agus bha làrach na tubaist ri a faicinn gu soilleir. Dh’èirich a’ bhanrigh agus chuir i a gàirdeanan timcheall a mic. Rinn a h-uile duine gàirdeachas. Bha Eòghann a-nise na rìgh orra.

Bha Eòghann ga ghiùlan fhèin le fèin-urram is uaisle fhad ʼs a bha seo a’ dol air adhart. ʼS e a’ chiad rud a rinn e mar rìgh ʼs gun do leig e na prìosanaich uile mu sgaoil. Mhìnich e do a mhàthair mar a bha Cailean Mòr air a thogail mar mhac, agus chaidh sìth a stèidheachadh eadar rìoghachd Chailein agus rìoghachd Eòghainn.

Chaidh Coinneach agus Fionnghal a dh’fhuireach ann an rìoghachd Eòghainn agus thug iad taic dha ann a bhith a’ riaghladh na dùthcha. Chuir e fios do a mhàthair, Oighrig, a bha a-nise gu math sean. Thàinig ise a dh’fhuireach còmhla riutha agus bha iad uile sona còmhla.

Agus Eòghann? Uill, cha robh rìgh na b’ fheàrr no na bu ghlice na esan. Bha gràdh aig an t-sluagh air. Ach dè mun t-seann fhàidheadaireachd – mìle bliadhna a dh’aois – a chuir eagal air Morair Caisteal Donnain? B’ e sin gum biodh fear air an robh ‘Mac a’ Ghobhair’ mar ainm a’ gabhail na dùthch’ aige thairis.

Uill, thachair e, ach tro phòsadh seach tro chogadh. Phòs Eòghann an aon nighean aig Morair Caisteal Donnain. Leis a sin, bha Eòghann a-nise mar uachdaran air rìoghachd mhòr a bha a’ dol tarsainn na Gàidhealtachd an Iar.

Thòisich mi air an sgeulachd seo aithris le bhith ag innse dhuibh mar a fhuair mi lorg air Uamh Mac an Rìgh taobh Loch Ma-ruibhe. Sin an t-àite far an robh Eòghann a’ fuireach nuair a bha e na leanabh, agus e beò air bainne gobhair, mus d’ fhuair Coinneach às Àird Làir lorg air.

Uill, an dèidh mo thurais, nuair a bha mi fhìn ʼs mo chompanaich a’ tilleadh don chàr, fhuair sinn sealladh math air trì gobhair fhiadhaich. Bha iad fhathast a’ fuireach anns an sgìre far an robh Earba – an gobhar a chùm Eòghann beò – a’ fuireach uaireigin. ʼS dòcha gun robh iad càirdeach dhi. Bha e furasta a bhith a’ creidsinn gun robh an sgeulachd fìor!

Faclan na Litreach: dh’òrdaich: ordered; sìth: peace; a’ riaghladh: governing; fàidheadaireachd: prophecy; phòs: married; uaireigin: at one time; càirdeach dhi: related to her.

Abairtean na Litreach: far an do dh’aithnich a piuthar e: where his sister recognised him; seo do mhac fhèin: this is your own son; coltach ris an t-seann rìgh nach maireann, gun teagamh: like the deceased old king, without doubt; tha a thrusgan is a chlaidheamh coltach ri: his apparel and sword are like; mus toir mi a’ chathair rìoghail dha: before I grant him the throne; ʼs urrainn dhomh fhìn dearbhadh co-dhiù ʼs e seo X: I can prove if this is X; a’ cluich leis an sgithinn agam:playing with my knife; gheàrr e a ghàirdean clì leatha: he cut his left arm with it; cuir do mhuinichill chlì suas: roll up your left sleeve; bha làrach na tubaist ri a faicinn gu soilleir: the mark of the accident was clearly seen; bha Eòghann a-nise na rìgh orra: Ewen was now their king; ga ghiùlan fhèin le fèin-urram is uaisle: carrying himself with dignity and gentility; fhad ʼs a bha seo a’ dol air adhart: while this was happening; leig e na prìosanaich uile mu sgaoil: he freed all the prisoners; mar a bha X air a thogail mar mhac: how X had raised him as a son ; thàinig ise a dh’fhuireach còmhla riutha: she came to live with them; na b’ fheàrr no na bu ghlice: better or wiser; bha gràdh aig an t-sluagh air: the people loved him; tro phòsadh seach tro chogadh: through marriage rather than through war; uachdaran air rìoghachd mhòr a bha a’ dol tarsainn na Gàidhealtachd an Iar:the leader of a big kingdom/territory that covered [much of] the West Highlands; thòisich mi air an sgeulachd seo aithris:I started to tell this story; agus e beò air bainne gobhair: living on goats’ milk; mus d’ fhuair Coinneach às Àird Làir lorg air: before Kenneth from Ardlair found him; fhuair sinn sealladh math air trì gobhair fhiadhaich: we got a good view of three wild goats.

Puing-chànain na Litreach: timcheall a mic: around her son. Timcheall, being a compound preposition, commands a noun in the genitive, certainly in the presence of an article. The possessive article (pronoun)‘a’ fulfils this purpose grammatically. Thus mac is inflected to its genitive singular form mic . There is no lenition because the possessive is the third person feminine. ‘Around his son’ would be timcheall a mhic, with lenition.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Rinn a h-uile duine gàirdeachas: everyone expressed happiness, celebrated.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 592

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean