FaclairDictionary EnglishGàidhlig

384: Alasdair Fearghasdan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Alasdair Fearghasdan

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Baile Cheatharnach, faisg air Loch Nis. ’S e sin a chanadh mòran daoine anns an ochdamh linn deug ris an sgìre faisg air Abhainn Fharragaig.

Gu tric, gu h-àraidh an dèidh Blàr Chùil Lodair, bha fir à Baile Cheatharnach air an dìteadh airson crodh a ghoid. Ach chan e crodh a-mhàin. Ann an seachd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1753) nochd fear Alasdair Fearghasdan anns an taigh-chùirte ann an Inbhir Nis. Bha e fo chasaid gun do ghoid e muilt, uain agus clòimh bho Mhac an Tòisich, Fear an Tuilm. Fhuaireadh fear eile, Iain Friseal, ciontach de bhith a’ goid each. Thuirt na h-ùghdarrasan gun do dh’aidich e a chiont. Ach anns a’ chùirt chaidh a ràdh gur e nach robh Beurla aige fhèin is nach robh Gàidhlig na h-ùghdarrasan a bu choireach ris a’ “mhì-thuigse” sin.

Cha robh muinntir an àite fhèin saor bho eucoir. Chaidh each a ghoid turas bho thuathanach ann am Bail’ a’ Chreagain. Chaidh bliadhna seachad agus cha chualas guth air an each. An uair sin, aig a’ Bhliadhn’ Ùir, nochd an t-each aig an doras. Bha e a’ giùlain botail de dh’uisge-beatha. Tha e coltach gun robh e air a bhith a’ giùlain uisge-beatha eadar diofar sgìrean agus gun do theich e dhachaigh.

Tha am fiosrachadh seo a’ tighinn bho dhà leabhar – fear le Ailean B Lawson air a bheil A Country Called Stratherrick agus leabhran a chuireadh ri chèile leis an uachdaran, Niall Friseal-Tytler, anns na ficheadan dhen fhicheadamh linn. Bha sin gu mòr stèidhichte air fiosrachadh bho Sheumas Gobha. Rugadh Seumas ann an ochd ceud deug ’s a trì (1803), agus chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Bha cuimhne mhath aige chun an latha a chaochail e. ’S e am ministear ainmeil, an Dr Tòmas Sinton, Ministear Durais, a chruinnich mòran de na naidheachdan aige.

Bha athair Sheumais na threabhaiche ann am Baile an Lagain, faisg air Dùn Dearduil. Às dèidh Blàr Chùil Lodair, bha seanair Sheumais am falach ann an uamh airson trì seachdainean deug, fhad ’s a bha na saighdearan dearga a’ dèanamh sgrios thall ’s a-bhos. Bha còig balaich dheug còmhla anns an uaimh, oir bha muinntir an àite air cluinntinn gun robh na saighdearan a’ murt balaich, eadhon san leabaidh.

Bha sinn-seanmhair Sheumais na banntrach. Nuair a chuala i gun robh na saighdearan dearga a’ tighinn dlùth, dh’iarr i air buachaille na sia bà bainne aice a thoirt air falbh. Ach thachair am buachaille ris na saighdearan. Mharbh na saighdearan an crodh air fad.

Nuair a bha Seumas fhèin na ghille, fhuair e obair aig a’ Choirneal Lester, a bhiodh a’ tighinn a shealg ann an Srath Fharragaig. Bha oighreachd aig a’ Choirneal Lester ann an Ceant, agus bhiodh Seumas a’ dol ann gu tric. Ach, às dèidh greis, thill e don Ghàidhealtachd agus cha do dh’fhalbh e a-rithist. Bha e an sàs gu mòr ann an gnìomhachas an uisge-bheatha – ged nach robh cead laghail aige sin a dhèanamh!

Bha triùir bhràithrean aige agus, a dh’aindeoin na thachair leis na saighdearan dearga nan òige, chaidh iad uile don arm. Bha aon bhràthair na fhreiceadan aig uaigh Napoleon ann an St Helena fad còig bliadhna. Bhiodh e ag innse mar a chaith Napoleon snaoisean gu leòr – trì puinnd de chuideam dheth – fhad ’s a bha e a’ coimhead Blàr Bhatairliù, leis gu robh a’ ghaoth làidir ga shèideadh air falbh!

Faclan na Litreach: ciontach: guilty; Duras: Dores (village on Loch Ness); treabhaiche: ploughman; dlùth: close; Ceant: Kent; freiceadan: guard.

Abairtean na Litreach: Baile Cheatharnach: literally “township of freebooters”; Abhainn Fharragaig: River Farigaig; gu h-àraidh an dèidh Blàr Chùil Lodair:particularly following the Battle of Culloden; bha fir air an dìteadh: men were convicted; chan e crodh a-mhàin: not only cattle; fo chasaid gun do ghoid e muilt, uain agus clòimh: accused of stealing wedders, lambs and wool; gun do dh’aidich e a chiont: that he admitted his guilt; chaidh a ràdh gur e nach robh Beurla aige:it was said that it was [because] he did not speak English; a bu choireach ris a’ “mhì-thuigse”:that was responsible for the “misunderstanding”; saor bho eucoir: free from [suffering] crime; cha chualas guth air:nothing was heard of; a’ giùlain botail de dh’uisge-beatha: carrying bottles of whisky; leabhran a chuireadh ri chèile leis an uachdaran:a booklet that was compiled by the landlord; Seumas Gobha: James Gow; a chruinnich mòran de na naidheachdan aige:who collected many of his anecdotes; fhad ’s a bha na saighdearan dearga a’ dèanamh sgrios: while the redcoat soldiers were engaged in atrocities; bha sinn-seanmhair Sheumais na banntrach: James’s great-grandmother was a widow; dh’iarr i air buachaille na sia bà bainne aice a thoirt air falbh: she asked a herdsman to take her six milking cows away; ged nach robh cead laghail aige: although he did not have legal authority; a dh’aindeoin na thachair: despite what happened; mar a chaith Napoleon snaoisean: how Napoleon used snuff; trì puinnd de chuideam dheth: three pounds weight of it; Blàr Bhatairliù: the Battle of Waterloo; leis gu robh a’ ghaoth ga shèideadh air falbh: because the wind was blowing it away.

Puing-chànain na Litreach: bho Mhac an Tòisich, Fear an Tuilm : from Mackintosh, the laird of Holm (then just to the south of Inverness, now a suburb of the city). When you see Fear with a capital letter, followed by a name of a place in the genitive case, it traditionally means the “laird” or “landlord” (although it is rarely used for contemporary landlords.) Other examples are Fear na Comraich (the laird of Applecross in Wester Ross), Fear Thalaisgeir (the laird of Talisker in Skye) and Fear Chanaigh (the late laird of the Isle of Canna, John Lorne Campbell, who died in 1996).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha sin gu mòr stèidhichte air fiosrachadh bho Sheumas Gobha: that was largely based on information from James Gow.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 80

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean