FaclairDictionary EnglishGàidhlig

918: Mar a Fhuair Fionn Bran (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mar a Fhuair Fionn Bran (1)

Gaelic Gàidhlig

Dè cho eòlach ʼs a tha sibh air sgeulachdan na Fèinne? An aithne dhuibh, mar eisimpleir, ainm cù Fhinn MhicCumhail? Bha uair ann, agus fios aig a h-uile leanabh Gàidhealach eadar Corcaigh is Gallaibh air sin!

Bran. B’ e sin ainm a’ choin. Bha e cho cumhachdach ʼs gum b’ urrainn dha stad a chur air trì batalianean de nàimhdean, gun taic. Bha e cho treun is cho glic is cho uasal mar chù ʼs a bha Fionn mar dhuine. Bha measgachadh de dhathan air. Bha a spògan buidhe agus a bhrù bàn. Bha sliasaidean dubha aige, druim uaine agus cluasan a bha dearg agus biorach.

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a fhuair Fionn Bran. Latha a bha seo, bha Fionn sa mhonadh leis fhèin. Thàinig fear thuige. ‘Cò th’ agam an seo agus cà ’l thu a’ dol?’ dh’fhaighnich Fionn dheth.

‘’S e sgalag a th’ annam,’ fhreagair am fear eile, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir math.’

‘Agus dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘Cha d’ fhuair mi norrag cadail riamh,’ ars am fear eile. ‘Chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir chì mi e.’

‘Tha sin math,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath.’

Goirid an dèidh sin, nochd fear eile.

‘Cò th’ agam an seo agus cà ʼl thu a’ dol?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘’S e sgalag a th’ annam,’ fhreagair am fear ùr, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir.’

‘Dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘Nuair a dh’èisteas mi, cluinnidh mi am feur a’ fàs,’ ars am fear ùr. ‘Chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir cluinnidh mi e.’

‘Tha sin math,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath bhuam.’

Goirid an dèidh sin, nochd treas fear. ‘’S e sgalag a th’ annam,’ thuirt e. ‘Tha mi a’ lorg maighstir.’

‘Dè na sgilean a th’ agad?’ dh’fhaighnich Fionn.

‘Nuair a gheibh mi grèim air rudeigin, chan fhaigh e air falbh,’ ars am fear eile. ‘ʼS e greimiche a th’ annam.’

‘Math fhèin,’ thuirt Fionn. ‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath.’

Thàinig ceathramh fear agus bha an aon chòmhradh aca.

‘Dè na sgilean a th’ agad?’ thuirt Fionn.

‘Tha mi math air goid,’ ars am fear eile. ‘Goididh mi an t-ugh bhon chorra-ghrithich fhad ʼs a tha i a’ coimhead orm le a dà shùil.

‘Thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath,’ thuirt Fionn.

Cha b’ fhada gus an do nochd còigeamh fear. Bha am fear seo math, thuirt e fhèin, air sreap. ‘Sreapaidh mi balla a tha còmhdaichte le craiceannan easgannan,’ thuirt e.

‘Ma thig thu cuide rium,’ thuirt Fionn, ‘gheibh thu tuarastal math.’

Abair an latha a bh’ aig Fionn sa mhonadh, oir thàinig siathamh fear dha ionnsaigh. ‘Tha mi nam sgalaig,’ thuirt e, ‘agus tha mi a’ lorg maighstir. Tha mi nam bhoghadair agus bidh mi a’ losgadh saighead a bhios a’ sgàineadh ball fuilt.’

‘Bidh thu feumail dhomh,’ arsa Fionn, ‘agus gheibh thu tuarastal math bhuam.’

Bha an sgioba aige a-nise làn. Dh’fhalbh Fionn agus an t-sianar eile còmhla thairis air naoi cnuic is naoi glinn is naoi aibhnichean gus an do ràinig iad lùchairt aig Rìgh. Agus innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain, mar a fhuair Fionn grèim air Bran.

Faclan na Litreach: treun: brave; uasal: noble; brù: belly; goid: stealing; boghadair: archer.

Abairtean na Litreach: An aithne dhuibh ainm cù Fhinn MhicCumhail?: do you know the name of Fionn MacCumhail’s dog?; a h-uile leanabh Gàidhealach eadar Corcaigh is Gallaibh: every Gaelic child between Cork and Caithness; ainm a’ choin: the dog’s name; gum b’ urrainn dha stad a chur air trì batalianean de nàimhdean: that he could stop three batallions of enemies; bha measgachadh de dhathan air: he carried a mixture of colours; bha sliasaidean dubha aige, druim uaine agus cluasan a bha dearg agus biorach: he had black thighs, a green back and ears that were red and pointed; thàinig fear thuige: a man came to him; cò th’ agam an seo agus cà ’l thu a’ dol?: who are you and where are you going; tha mi a’ lorg maighstir math: I’m seeking a good master; cha d’ fhuair mi norrag cadail riamh: I’ve never slept; chan fhaigh rud sam bith seachad orm gun fhiosta oir chì mi e: nothing will get past me unknown to me because I’ll see it; thig cuide rium agus gheibh thu duais mhath: come with me and you’ll be well rewarded; cluinnidh mi am feur a’ fàs: I can hear the grass growing; ʼs e greimiche a th’ annam:I’m a gripper; cha b’ fhada gus an do nochd còigeamh fear: it wasn’t long until a fifth man appeared; sreapaidh mi balla a tha còmhdaichte le craiceannan easgannan: I can climb a wall covered with eel skins; a’ losgadh saighead a bhios a’ sgàineadh ball fuilt: firing an arrow that will split a hair; thairis air naoi cnuic is naoi glinn is naoi aibhnichean : over nine hills and nine glens and nine rivers.

Puing-chànain na Litreach: Tha mi nam sgalaig : I am a servant . Sgalag is a feminine noun here in the definite dative singular following a preposition and the possessive article ( na + mo = nam ). It is thus traditionally slenderized. Here are other examples of the same structure: tha i na caillich ‘she is an old woman’; tha an tè sin na circ-fhraoich ‘that one is a female red grouse’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Goididh mi an t-ugh bhon chorra-ghrithich fhad ʼs a tha i a’ coimhead orm le a dà shùil: I can [will] steal the egg from the heron while she is looking at me with her two eyes. To be able to steal an egg from a heron without the bird knowing is considered to be almost impossible.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 614

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean