FaclairDictionary EnglishGàidhlig

618: Seòras Gunnach (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Seòras Gunnach (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Sheòras Gunnach – no am Bràisteach Mòr mar a chanadh daoine ris. Bha e na cheann-cinnidh aig na Gunnaich anns a’ chòigeamh linn deug. Agus bha caisteal aige ann an Ceann a’ Bhràist no Kinbrace ann an Dìthreabh Chat. Thàinig coigreach agus fhuair e cuid na h-oidhche. Thàinig dusan fear òg, àrd, eireachdail.

“An iad seo do mhic?” dh’fhaighnich an coigreach.

“’S iad,” fhreagair am Bràisteach Mòr, “agus is beag an nàire a th’ orm gur ann leamsa a tha iad.”

“Faodaidh tu a bhith moiteil asta,” ars an coigreach. “Chan eil mi eòlach air aon duine ann an Gallaibh nach biodh farmadach dhiubh – ach a-mhàin aonan.”

“Agus cò e?” dh’fhaighnich am Bràisteach Mòr.

“Mi fhìn,” fhreagair an srainnsear. Agus leig e a-mach cò e. “Faodaidh tu eòlas a chur orm a-nise,” thuirt e. “Chan eil eagal orm romhad, ged a tha sinn air a bhith nar dubh-nàimhdean do chèile, oir tha do chuid aoigheachd gam dhìon an aghaidh cron. Is mise Cèith Ackergill. Chuirinn mo dhusan mac an aghaidh do chuid fhèin, a Ghunnaich, air latha sam bith a thogradh tu fhèin, air blàr cothromach.”

Cho luath ’s a chuireadh an dùbhlan, ghabhadh ris. Bhiodh trì duine deug an aghaidh trì duine deug, a h-uile duine dhiubh le làn armachd agus air muin eich. Bhiodh iad a’ coinneachadh ann an Gallaibh, ann an àite a bha cho iomallach ’s nach b’ urrainn daoine eile gnothach a ghabhail ris a’ chòmhraig.

Chaidh aontachadh gum biodh na Gunnaich a’ dol a-steach don t-Srath Mhòr ann an Gallaibh. Dh’fhaodadh iad stad aig allt sam bith a bha a’ ruith a-steach do dh’Uisge Gluta, far am faiceadh iad laoigh ag ionaltradh air a bhruaichean. Chaidh am Bràisteach Mòr agus a dhusan mac air adhart agus ràinig iad allt faisg air an àite ris an canar An Gluta. A rèir an Urramaich Dòmhnall Saigeach, a sgrìobh an cunntas, ’s e Allt nan Gamhna no “the brook of the stirks” a bh’ air an allt bho sin a-mach, ged nach eil an t-ainm air na mapaichean an-diugh.

Nuair a thàinig an dà bhuidhinn faisg air a chèile, thug na Gunnaich an aire gun robh Clann Chèith air a bhith ri foill. Bha dusan each aca, ach bha dithis ridire air gach each. Bu choma leis na Gunnaich, ge-tà – cha robh iad a’ dol a theicheadh à blàr a’ bhatail. Thàinig iad far an each agus thòisich an t-sabaid gharg. Bha na Gunnaich treun is gaisgeil ach bha cus nàimhdean ann dhaibh. Chaidh an latha le Clann Chèith. Chaidh am Bràisteach Mòr agus seachdnar mhac a mharbhadh. Ghoid na Cèithich a’ bhràiste ainmeil bho chorp a’ Bhràistich Mhòir. Agus ghoid iad claidheamh bhuaithe cuideachd.

Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhràisteach Mhòr agus chuir iad seachad an oidhche aig Allt Thorcuill, allt eile a’ tha sruthadh a-steach do dh’Uisge Gluta aig ceann shuas an t-sratha. Thathar ag ràdh gun d’ fhuair an t-allt ainm leis gun do chuir fear de na bràithrean, Torcuill, bannan air na lotan aig càch. Bha na mic claoidhte is leònte ach cha robh iad uile-gu-lèir ceannsaichte. Bha fear dhiubh, Eanraig, air leth feargach mu fhoill nan Cèitheach agus gheall e gum faigheadh e dìoghaltas. Chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Seòras Gunnach: George Gunn; Ceann a’ Bhràist: Kinbrace; còigreach: stranger; cuid na h-oidhche:a night’s accommodation; dubh-nàimhdean: deadly enemies; Cèith Ackergill: Keith of Ackergill (sometimes Keith is rendered Kàigh in pseudo-Gaelic spelling); Uisge Gluta: The Water of Glutt; An t-Urramach Dòmhnall Saigeach: Rev Donald Sage; garg: fierce; Eanraig: Henry.

Abairtean na Litreach: mar a chanadh daoine ris: as people would call him; dusan fear òg, àrd, eireachdail: a dozen young, tall, handsome men; is beag an nàire a th’ orm gur ann leamsa a tha iad: I’m not ashamed [to say] they’re mine; moiteil asta: proud of them; chan eil mi eòlach air aon duine ann an Gallaibh nach biodh farmadach dhiubh – ach a-mhàin aonan: I don’t know one man in Caithness who would not be envious of them – except one; chan eil eagal orm romhad: I’m not afraid of you; tha do chuid aoigheachd gam dhìon an aghaidh cron:your hospitality protects me from harm; latha sam bith a thogradh tu fhèin, air blàr cothromach:on any day of your choosing, on a fair field; cho luath ’s a chuireadh an dùbhlan, ghabhadh ris: as soon as the challenge was given, it was accepted; le làn armachd agus air muin eich: fully armed and on horseback; cho iomallach ’s nach b’ urrainn daoine eile gnothach a ghabhail ris a’ chòmhraig: so remote that no others could interfere with the combat; gun robh Clann Chèith air a bhith ri foill: that the Keiths had been deceitful; dithis ridire: two mounted soldiers; à blàr a’ bhatail: from the battlefield; treun is gaisgeil ach bha cus nàimhdean ann dhaibh: brave and valorous but they had too many enemies; a ghoid iad claidheamh bhuaithe cuideachd: they stole a sword from him also; bannan air na lotan aig càch: bandages on the others’ wounds; claoidhte is leònte ach cha robh iad uile-gu-lèir ceannsaichte: exhausted and wounded but they were not completely defeated; gheall e gum faigheadh e dìoghaltas: he promised to get revenge.

Puing-chànain na Litreach: Thàinig iad far an each: they came off their horses. In Litir 66 (25.08.00) I explained far an eich (“off/from the horse”) – far takes the genitive case, in that case the genitive singular. In the current Litir, we have a plural situation. The genitive plural of each is each (the same as the nominative singular) as in Meall nan Each (the hill of the horses) and rèis-each (a horse race, race of horses). “Off the horses” would be far nan each. But in the Litir, the possessive pronoun (third person plural) takes the place of the article so that “from their horses” is far an each. “Off our horses” would be far ar n-each.

Gnàthas-cainnt na Litreach: thug na Gunnaich an aire: The Gunns noticed.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 314

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean