FaclairDictionary EnglishGàidhlig

619: Seòras Gunnach (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Seòras Gunnach (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Bhràisteach Mhòr, Seòras Gunnach, ceann-cinnidh nan Gunnach is mar a thug e ainm do Cheann a’ Bhràist no Kinbrace. Dh’inns mi mar a chaidh e fhèin agus seachdnar mhac aige a mharbhadh ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill. Nochd a dhà uiread de cheatharnaich aig na Cèithich ’s a chaidh aontachadh ro làimh. Ghoid na Cèithich a’ bhràiste ainmeil agus claidheamh bho chorp a’ Bhràistich Mhòir.

Thèich an còignear mhac eile aig a’ Bhràisteach Mhòr. Bha fear dhiubh, Eanraig, feargach mu fhoill nan Cèitheach. Gheall e gum faigheadh e dìoghaltas orra. Agus chuir e roimhe a’ bhràist agus an claidheamh fhaighinn air ais. Cha robh na bràithrean aontaichte, ge-tà. Dhiùlt am fear a bu shine, Seumas, agus fear eile dhiubh an gnothach a thoirt na b’ fhaide. Thuirt Seumas gum faigheadh iad uile bàs. Ach dh’fhalbh Eanraig agus dithis eile de a bhràithrean an tòir air na Cèithich.

Lorg iad iad aig Caisteal Dhirlot ann am meadhan Ghallaibh (chan eil ann a-nise dhen chaisteal ach tobhta). Bha an caisteal air mullach creige làimh ri Abhainn Theòrsa. Shreap na bràithrean a’ chreag gu socair, sàmhach gun fhiosta don fheadhainn a bha am broinn a’ chaisteil. Dh’fhàg Eanraig a dhithis bhràithrean aig an doras agus chaidh e fhèin gu uinneag. Gu fortanach dha, bha an uinneag fosgailte. Chunnaic Eanraig na Cèithich ag òl leann agus a’ còmhradh ri chèile. Bha an ceann-cinnidh na shuidhe ri taobh an fhir leis an robh an caisteal. Bha clogaid air fhathast, ach bha a’ chidhis – no vizor – fosgailte.

Gu h-iongantach, bha an Cèitheach a’ bruidhinn air Eanraig fhèin, oir bha e air a ghaisge a dhearbhadh air blàr a’ bhatail. Nam biodh a h-uile Gunnach air sabaid mar Eanraig, thuirt e, bha an latha air a dhol leotha. “Deoch-slàinte dha,” thuirt an Cèitheach. Ach nuair a chuir e a’ chuach do a bhilean, leig Eanraig saighead dha ionnsaigh bhon bhogha aige. Chaidh an t-saighead tron chidhis agus mharbh e an ceann-cinnidh. “Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith,” dh’èigh Eanraig – “Gunn’s compliments to Keith.”

Leum na Cèithich don casan agus ruith iad chun an dorais. Ach bha na Gunnaich a’ feitheamh riutha agus, fear an dèidh fir, chuir iad gu bàs iad. Am measg na h-ùpraid, fhuair Eanraig a-steach don chaisteal. Fhuair e grèim air a’ bhràist agus claidheamh aig athair agus theich e leotha.

Nuair a choinnich an còignear bhràithrean a-rithist, dh’iarr Seumas a’ bhràist agus an claidheamh oir b’ esan am fear a bu shine – ged nach robh e air a bhith deònach cath a chur ris na Cèithich air an son. Chaidh e fhèin is Eanraig a-mach air a chèile gu salach, agus dh’fhalbh Eanraig a dh’fhuireach ann an Gallaibh. Dhiùlt e “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd agus ’s ann bhuaithesan a thàinig na Hendersons ann an Gallaibh, a rèir beul aithris. ’S e “Cheannraigich” a bha orra ann an Gàidhlig, a rèir a’ chunntais aig an Urramach Dòmhnall Saigeach.

Dh’fhuirich Seumas ann an Ceann a’ Bhràist agus bhon uair sin ’s e Mac Sheumais Chataich a chanadh na Gàidheil ri ceann-cinnidh nan Gunnach. Ach a thaobh na bràiste, chan eil fhios agam dè thachair dhi.

Faclan na Litreach: Seòras Gunnach: George Gunn; Ceann a’ Bhràist: Kinbrace; foill: deceit; bràiste: brooch; theich: fled; Eanraig: Henry; aontaichte: united, agreed; Caisteal Dhirlot: Dirlot Castle; Gallaibh: Caithness; tobhta: ruin; clogaid: helmet; cidhis: vizor; cuach: quaich, drinking vessel.

Abairtean na Litreach: mar a chaidh seachdnar mhac aige a mharbhadh ann an còmhrag le Clann Chèith Ackergill:how seven of his sons were killed in combat with the Keiths of Ackergill; a dhà uiread de cheatharnaich’s a chaidh aontachadh ro làimh: twice the number of fighters that was agreed beforehand; gum faigheadh e dìoghaltas orra: that he would exact revenge on them; an tòir air na Cèithich: in pursuit of the Keiths; mullach creige làimh ri Abhainn Theòrsa: a rock summit next to the Thurso River; gu socair, sàmhach gun fhiosta don fheadhainn a bha am broinn a’ chaisteil: quietly without the knowledge of those inside the castle; ag òl leann agus a’ còmhradh ri chèile: drinking ale and conversing; bha e air a ghaisge a dhearbhadh: he had proved his heroism; bha an latha air a dhol leotha: they would have won the day; deoch-slàinte dha: a toast to him; leig Eanraig saighead dha ionnsaigh bhon bhogha aige:Henry let fly an arrow from his bow; fhuair e grèim air a’ bhràist agus claidheamh aig athair agus theich e leotha:he got hold of his father’s brooch and sword and fled with them; ged nach robh e air a bhith deònach cath a chur ris na Cèithich: although he had not been willing to battle the Keiths; chaidh iad a-mach air a chèile gu salach: they had a serious falling out; dhiùlt e “Gunnach” a ghabhail air fhèin no air a shliochd: he refused to use the name “Gunn” for himself or his descendants; ’s e Mac Sheumais Chataich a chanadh na Gàidheil ri X: the Gaels would call X “the son of James of Sutherland.”

Puing-chànain na Litreach: fear an dèidh fir: one after another. The compound preposition (or prepositional phrase) an dèidh commands a following noun in the genitive case eg an dèidh a’ chogaidh, an dèidh na bàinnse. In modern Gaelic we tend only to inflect the noun where the article is present ie we would say an dèidh cogadh and an dèidh banais (without the article), but phrases sometimes preserve older grammatical modes and this is an example. If we were creating the phrase today, we’d say fear an dèidh fear [as many would], although we’d also say an dèidh an fhir (after the man). But the older mode of inflecting even without the article is retained in fear an dèidh fir.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Iomacharag a’ Ghunnaich gu Cèith: The Gunn’s compliments to Keith.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 315

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean