FaclairDictionary EnglishGàidhlig

18: Tibèt

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tibèt

Gaelic Gàidhlig

“Am b’ fheàrr leibh tì neo cofaidh?” Tha a’ cheist sin sìmplidh gu leòr, nach eil? Ach dè mu dheidhinn na ceist seo? “Am b’ fheàrr leibh tì àbhaisteach neo tì Thibèatanach?” Uill, mura robh sibh a-riamh anns a Hiomàileatha, neo ann an Tibèt fhèin, ’s dòcha nach bi fios agaibh dè chanas sibh. Bheir mi comhairle dhuibh, ma tha. Gabhaibh an tì àbhaisteach!

Nise, feumaidh mi ràdh gu bheil spèis mhòr mhòr agam do na Tibèatanaich agus an cultar. A h-uile turas a bha mi cuide ri Tibèatanaich neo treubhan Hiomàileathach aig a bheil cultar Tibèatanach, chòrd e rium glan. Tha na daoine laghach is modhail, ach làn spòrs is fealla-dhà cuideachd. Agus tha mòran dhen bhiadh aca glè mhath – rudan mar momos a chuireas iad ann am brot, agus rudan eile, car coltach ri sin, a tha iad a’ dèanamh le taois.

Ach chan eil mi cho cinnteach idir mu dheidhinn dà rud a tha iad ag ithe agus òl – tsampa agus tì, neo teatha. Thig mi gu tsampa aig deireadh na litreach, agus tuigidh sibh carson nuair a chluinneas sibh mo sgeul mu dheidhinn na tì.

Bha mi ann an taigh ann an dùthaich nan Sherpas, ann an Neapàl, nuair a ghabh mi tì Thibèatanach. ’S ann às Tibèt a thàinig na Sherpas bho thùs, agus tha mòran chleachdaidhean aca fhathast a tha dìreach mar a th’ aig Tibèatanaich eile. Air an latha sin bha i cho fuar ris a’ phuinnsean, le sneachd anns a h-uile h-àite, agus bha mi a’ coimhead air adhart ri rudeigin teth òl. Dh’fhaighnich fear an taighe dhiom, am bu toigh leam cupa tì agus thuirt mi ris gum bu toil.

Thug am bodach a-mach nàdar de mhuidhe neo biota, soitheach àrd fiodha le maide na bhroinn. Chuir e ann am meadhan an t-seòmair e agus dhoirt e uisge goileach ann. Chuir e rud neo dhà eile ann agus, an uairsin, thòisich e air am maistreachadh. Bha e car coltach ri seann bhean air Ghàidhealtachd o chionn fhada a’ dèanamh ìm.

Nuair a bha e deiseil, bhruidhinn am bodach rium ann an Nepali, cànan nàiseanta Neapàil. “Cup chiya, Sahib?” dh’fhaighnich e – cupa tì?

Ali ali maatra dinus,” arsa mise ris – dìreach rud beag – ged a bha lan-fhios agam gun lìonadh e an cupa mòr a bha ri mo thaobh.

Chuir mi an cupa ri mo bhilean agus dh’fheuch mi an tì. Uill, cha do dh’òl mi a leithid a-riamh roimhe, neo bhon uairsin nas mò’! Bha am blas, uill, eadar-dhealaichte! An àite bainne ùr, bidh iad a’ cur seann ìm ann. Agus tha mi a’ ciallachadh seann ìm – air a dhèanamh le bainne bho yak a chaidh a bhleoghain greis mhath roimhe sin. Mar as breun an t-ìm, ’s ann as fheàrr, a-rèir choltais.

Agus cha b’ e sin a-mhàin. Cuiridh iad ann, an àite siùcar, salann. Canaidh mi dìreach nach robh e ro mhath. Thuirt mo charaid, ri mo thaobh, agus e a’ coimhead air m’ aodann, “Na smaoinich air mar thì. Smaoinich air mar bhrot. Agus bidh modhail nuair a thilleas am bodach.”

“Deagh bhrot,” thuirt mi rium fhìn, “deagh bhrot.” (Ged nach robh mi ga chreids’). Agus nuair a thill am bodach, dh’fhaighnich e dhiom an robh e math. “Bha,” arsa mise ris gu breugach, “bha, gu dearbh.” Agus – lìon e an cupa a-rithist!

Agus tha sin gam thoirt don tsampa. ’S e a th’ ann min-fhlùir eòrna air a ròstadh. Tha fàileadh math air gun teagamh. Ach tha e ro thioram airson ithe, agus bithear ga mheasgachadh le – seadh – tì Thibèatanach. Cha chan mi an còrr.

Chun na h-ath sheachdainn, mar a chanas muinntir Neapàil, Namaste!

Faclan na Litreach: tì, teatha: tea; àbhaisteach: normal; Tibèt, Tibèatanach: Tibet, Tibetan; Hiomàileatha, Hiomàileathach:Himalaya, Himalayan; treubhan: tribes; aois: dough; sneachd: snow; muidhe, biota: churn; dhoirt:poured; goileach: boiling; deiseil: ready, finished; Neapàl, Neapàil: Nepal, of Nepal; a-riamh roimhe: ever before; thill: returned.

Abairtean na Litreach: am b’fhèarr leibh X neo Y?: would you (pl.) prefer X or Y?; bheir mi comhairle dhuibh: I will give you (pl.) advice; bho thùs: originally; bha mi a’ coimhead air adhart ri rudeigin teth òl: I was looking forward to drinking something hot; soitheach àrd fiodha le maide na bhroinn: a tall wooden vessel with a stick in it; thòisich e air am maistreachadh: he started to churn them; neo bhon uairsin nas mò’: nor since that time either; a chaidh a bhleoghain greis mhath roimhe sin: that was milked a considerable time before that; cha b’ e sin a-mhàin: that was not all; smaoinich air mar bhrot: think of it as soup; gu breugach: untruthfully; min-fhlùir eòrna air a ròstadh: roasted barley flour; tha fàileadh math air gun teagamh: it smells good without doubt; bithear ga mheasgachadh le: it is mixed with; cha chan mi an còrr: I won’t say anything else.

Puing ghràmair na Litreach: Mar as breun an t-ìm, ’s ann as fheàrr: the more rancid the butter, the better. The “mar as …, ’s ann as …” expression in Gaelic is common and exceptionally useful. Note that it may be verbless, except for the Assertive Verb (Is ann). Bidh i teth am màireach (it will be hot tomorrow) Math dha-rìreabh; mar as teotha, ’s ann as fheàrr (excellent; the hotter the better). It is often met with in proverbs. If you are male, getting a little long in the tooth and suffering uncomplimentary comments from the younger generation about your age, here is a good one to remember: Mar as sine am boc, ’s ann as cruaidh’ an adharc (the older the buck, the harder the horn). This phraseology also works with additional verbs as in the following proverb: Mar as moth’ a gheibh an cù, ’s ann as moth’ a dh’iarras e (the more the dog gets, the more he wants).

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha i cho fuar ris a’ phuinnsean: lit. it was as cold as the poison; ie. it was exceptionally frigid! Gaelic is full of similes (samhlaidhean) of this nature which add great richness to the language. You will already have come across cho reamhar ri ròn (as fat as a seal) but there are many others. Be careful not to simply translate English expressions of this nature into Gaelic; try to find a Gaelic equivalent. For example “as fit as a fiddle” could be translated as cho fallain ri breac or cho fallain ri fiadh ; on the other hand, “cho fallain ri fidheall” would sound silly! Keep a notebook and, when you hear something of this nature in conversation or on the radio, write it down so that you can later commit it to memory.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean