FaclairDictionary EnglishGàidhlig

756: Famhairean an Dùin Deirg

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Famhairean an Dùin Deirg

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air an Taobh Sear ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich? Gu deas air Stafainn, faisg air Bhaltos, tha seann dùn ann air a bheil an Dùn Dearg mar ainm. Bhiodh na Gàidheil gu math tric a’ dèanamh ceangal eadar na seann làraich a tha seo agus caractaran à beul-aithris, leithid na Fèinne no famhairean no gaisgich eile.

Tha stòiridh ann a tha a’ buntainn ris an Dùn Dearg. Dè cho fìor ’s a tha e … uill … fàgaidh mi sin agaibh fhèin. Ach seo e co-dhiù – stòiridh ris an canar ‘Famhairean an Dùin Deirg’.

Uair a bh’ ann bha famhairean a’ fuireach anns an Dùn Dearg. Gu math tric, bhiodh iad a’ sabaid le chèile. Bhiodh iad a’ tarraing chraobhan a-mach agus a’ briseadh chlachan agus a’ dèanamh sgrios air an dùthaich nuair a bhiodh iad a’ sabaid. Bhiodh iad ag ithe tòrr bìdh cuideachd – mairt is fiadh is caora airson aon diathaid. No barrachd na sin.

Cha robh aca eatarra, ge-tà, ach aon bhò-bhainne. Bha Glas Ghoillean oirre mar ainm. ’S dòcha gu bheil sin a’ ciallachadh ‘a’ bhò ghlas air an robh aghaidh mhòr ghrànda’, no rudeigin mar sin. Co-dhiù, b’ ise an tè mu dheireadh dhen chrodh iongantach mòr a bha uaireigin a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Nuair a bha i na laighe, chanadh na daoine, bha a h-adhaircean a’ ruigsinn nan speuran. Agus, nuair a bha i na seasamh, uill…

Bhiodh Glas Ghoillean a’ feurachadh a-mhàin ann an ceithir glinn anns an eilean – Gleann Hionasdail is Gleann Romasdail ann an Tròndairnis, Gleann Scaladail ann am Minginis agus Gleann Dail ann an Diùranais. Às na h-àiteachan sin, far an robh feur math a’ fàs agus far an robh uisge fìor-ghlan ri òl, chluinneadh a’ bhò gairm famhair às an Dùn Dearg.

Nuair a thigeadh na famhairean cruinn còmhla, cha robh rùm gu leòr dhaibh uile anns an Dùn. Agus cha robh taighean eile anns an Eilean Sgitheanach a bha mòr gu leòr dhaibh. Mar sin, bhiodh iad gu tric a’ fuireach air a’ bhlàr a-muigh.

Bha dithis fhamhairean òga anns an Dùn Dearg air an robh Eachain agus Achan. Latha a bha seo, dh’fhalbh Eachain agus Achan a-mach air chuairt. Cha robh taigh anns an eilean a bha mòr gu leòr dhaibh agus, mar sin, dh’fhuirich iad air a’ bhlàr a-muigh. Bha iad a’ còcaireachd a-muigh cuideachd. Agus tha colbhan cloiche ann an Sniothasort far an do chuir iad an coire, le teine fodha, nuair a bha iad a’ còcaireachd. Tha na colbhan seo aithnichte mar ‘Sorchain Coire Fhinn’. Tha sin a’ ciallachadh nan colbhan a bha a’ cumail a’ choire aig Fionn os cionn an teine.

Bha muinntir an àite mì-thoilichte leis na famhairean. Bha iad a’ glacadh cus èisg agus a’ sealg cus fhiadh. Chuir an sluagh romhpa na famhairean a mharbhadh le bhith a’ sadail chlachan orra. Air sgàth sin, theich Eachain agus Achan.

Chaidh iad gu caolas eadar an t-eilean agus tìr-mòr. Bha a’ mhuir na bu doimhne na bha dùil. Agus bha iad air am bàthadh. Thug iad na h-ainmean aca don chaolas sin – Caol Acain – an t-ainm a th’ air fhathast.

Faclan na Litreach: Stafainn: Staffin; Bhaltos: Valtos; famhair: giant; a’ feurachadh: grazing; fìor-ghlan: pure; a’ còcaireachd: cooking; Sorchain Coire Fhinn: the support pillars of Fionn’s cauldron.

Abairtean na Litreach: A bheil sibh eòlach air an Taobh Sear?: do you know the eastern side of Trotternish?; a’ dèanamh ceangal eadar na seann làraich a tha seo agus caractaran à beul-aithris: making links between these old sites and characters from oral tradition; leithid na Fèinne:such as the Fenians/Fingalians; bhiodh iad a’ sabaid le chèile: they would be fighting with each other; a’ tarraing chraobhan a-mach:pulling trees out; ag ithe tòrr bìdh cuideachd – mairt is fiadh is caora airson aon diathaid:eating a lot of food as well – a cow, a deer and a sheep for one meal; cha robh aca eatarra, ge-tà, ach aon bhò-bhainne:they only had between them, however, one milking cow; b’ ise an tè mu dheireadh dhen chrodh iongantach mòr: she was the last of the gigantic cattle; bha a h-adhaircean a’ ruigsinn nan speuran: her horns were reaching the skies; chluinneadh a’ bhò gairm famhair: the cow would hear a giant’s call; a-mach air chuairt: out on a walk; far an do chuir iad an coire, le teine fodha:where they put a cauldron, with a fire under it; a’ glacadh cus èisg agus a’ sealg cus fhiadh:catching too many fish and hunting too many deer; chuir an sluagh romhpa na famhairean a mharbhadh le bhith a’ sadail chlachan orra:the people decided to kill the giants by throwing stones at them; chaidh iad gu caolas eadar an t-eilean agus tìr-mòr: they went to narrows between the island and the mainland; bha a’ mhuir na bu doimhne na bha dùil: the sea was deeper than expected; bha iad air am bàthadh: they were drowned; thug iad na h-ainmean aca don chaolas sin: they gave their names to that kyle.

Puing-chànain na Litreach: air a’ bhlàr a-muigh: in the outdoors. This is the phrase used to mean ‘out of doors’ or ‘the great outdoors’. Bidh e ag obair air a’ bhlàr a-muigh as t-samhradh ‘he works outdoors in the summer’. At first glance it might seem a strange choice as blàr generally refers to a flat area (plain, field) and much of Scotland is not in that category – but that’s the idiom!

Gnàthas-cainnt na Litreach: fàgaidh mi sin agaibh fhèin: I’ll let you decide (lit. I’ll leave that to you).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 452

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean