FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1280: Call an William H Welch (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Call an William H Welch (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mun t-soitheach-shaorsa, an William H Welch, a chaidh air na creagan faisg air beul Loch Iubh ann an stoirm. Ràinig triùir dhen chriutha An Uamhghaidh. Chaidh buidheann de chroitearan às a’ bhaile sin ann airson cobhair a dhèanamh air duine sam bith a ràinig an tìr beò.

Bha feadhainn fhathast air bòrd an t-soithich. Chunnaic na croitearan feadhainn air an sguabadh a-mach don mhuir. Chunnaic iad feadhainn air an sguabadh gu Eilean Furadh Mòr. Cha mhaireadh iad fada an sin anns an stoirm.

Gu fortanach, thàinig cuid seachad air rubha agus a-steach a bhàgh ris an canar An Camas Dubh. Chaidh cuid de na croitearan a-mach gu doimhneachd an guailnean sa mhuir airson feadhainn de na maraichean a tharraing a-steach. Nuair a ràinig na boireannaich an t-àite chuir iad teine thuige air a’ chladach. Ciamar a rinn iad sin, agus a h-uile càil còmhdaichte le sneachd, chan eil fhios a’m.

Thàinig dithis mhaor-cladaich à Geàrrloch. Bha loidhnichean losgaidh aca agus dh’fheuch iad ri an cur a-null don t-soitheach. Ach bha a’ ghaoth ro làidir agus an t-astar ro mhòr. Bha aon duine na laighe aig bonn bearraidh. Chunnaic na croitearan gun robh e fhathast beò. Chaidh fear dhiubh air ais dhachaigh airson àradh fhaighinn. Agus ’s iad dithis bhoireannach a shàbhail e.

Bha na daoine a thàinig air tìr ann am fìor dhroch staid. Bha iad rùisgte oir chaill iad an aodach anns na stuaghan. Thòisich duine no dithis a bha comasach air coiseachd leis a’ ghaoith. Ge-tà, chan eil baile sam bith an taobh sin. Bha iad gun teagamh a’ coiseachd a dh’ionnsaigh am bàis.

Gu fortanach dhaibh, bha an dithis a bha a’ ruith an taigh-sholais aig an Rubha Rèidh air cluinntinn mun tubaist. Choisich iad gu luath don Chamas Dhubh agus lorg iad feadhainn air an rathad. Thug iad na maraichean don chamas far an robh an teine. Shàbhail sin am beatha.

Bha na croitearan a rinn cobhair air na seòladairean Ameireaganach nan gaisgich an latha sin. Thug iad plaideachan far an leapannan fhèin airson na seòladairean a chumail blàth air a’ chladach. Ach bha feadhainn de na maraichean a thàinig beò tron tubaist air an cur ceàrr nuair a chuala iad na croitearan a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile. Dh’èigh fear aca, ‘A bheil mi anns an Ruis?!’

Chuala buidheann ann an Glaschu a bha a’ toirt taic do mharaichean Ameireaganach mun tubaist. Chaidh tè-stiùiridh na buidhne air an trèana le còig màileidean làn aodaich. Ràinig i Inbhir Nis agus ghabh i trèana eile a dh’Ach na Sìne. Chaidh i air làraidh a Gheàrrloch an uair sin oir bha na beò a-nise anns an ospadal an sin.

A-mach à còrr is seachdad duine air bòrd, cha do mhair beò ach dusan. ’S e gnothach air leth bàsmhor a bh’ ann. Tha pìosan dhen long – an William H Welch – na laighe fhathast air grunnd na mara ann an Caolas an Fhuraidh faisg air Eilean Furadh Mòr. Anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000) chaidh carragh-cuimhne a thogail airson nan daoine a chaill am beatha air cladach Caolas an Fhuraidh far an do rinn croitearan na h-Uamhghaidh an obair ionmholta air an latha uabhasach sin.

Faclan na Litreach: Loch Iubh: Loch Ewe; rubha: point, cape; maraichean: mariners, seafarers; loidhnichean losgaidh: firing lines; àradh: ladder; taigh-solais: lighthouse; An Ruis: Russia; Ach na Sìne: Achnasheen; ionmholta: laudable.

Abairtean na Litreach: mun t-soitheach-shaorsa: about the liberty ship; ràinig triùir dhen chriutha An Uamhghaidh: three of the crew reached Cove; airson cobhair a dhèanamh air duine sam bith a ràinig an tìr beò: to assist any person that reached the land alive; cha mhaireadh iad fada an sin anns an stoirm: they wouldn’t last long there in the storm; a-mach gu doimhneachd an guailnean: out to the depth of their shoulders; chuir iad teine thuige air a’ chladach: they kindled a fire on the shore; a h-uile càil còmhdaichte le sneachd: everything covered with snow; thàinig dithis mhaor-cladaich à Geàrrloch: two coastguards came from Gairloch; bha aon duine na laighe aig bonn bearraidh: one man was lying at the base of a cliff; bha iad rùisgte oir chaill iad an aodach anns na stuaghan: they were naked because they [had] lost their clothes in the waves; thòisich duine no dithis a bha comasach air coiseachd leis a’ ghaoith: one or two people who were capable started to walk with the wind; a’ coiseachd a dh’ionnsaigh am bàis: walking to their deaths; bha na croitearan a rinn cobhair air na seòladairean Ameireaganach nan gaisgich: the crofters who aided the American sailors were heroes; bha feadhainn a thàinig beò tron tubaist air an cur ceàrr: some who survived the accident were put wrong; nuair a chuala iad na croitearan a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile: when they heard the crofters speaking Gaelic to each other; le còig màileidean làn aodaich: with five cases full of clothing; cha do mhair beò ach dusan: only a dozen remained alive; chaidh carragh-cuimhne a thogail airson nan daoine a chaill am beatha: a memorial was built for the people who lost their lives.

Puing-chànain na Litreach: bha na beò a-nise anns an ospadal: the living were now in [the] hospital. You will be familiar with beò as an adjective meaning ‘living, alive’. But it can also exist as a noun with several meanings, including ‘living person’ or ‘living people’. Idiomatically, both am beò and na beò can mean ‘the living’ (as opposed to na mairbh ‘the dead’). Note the presence of the article.

Gnàthas-cainnt na Litreach: feadhainn air an sguabadh a-mach don mhuir: some [of them] swept out to sea.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 976

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean