FaclairDictionary EnglishGàidhlig

615: Ainmean-àite ann an Alba (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite ann an Alba (1)

Gaelic Gàidhlig

Bidh daoine a’ gabhail iongnadh uaireannan mu ainmean-àite ann an Alba, far a bheil an dreach Gàidhlig agus an dreach Beurla gu tur eadar-dhealaichte bho chèile. ’S e eisimpleir Dingwall, a tha a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais, agus Inbhir Pheofharain bhon Ghàidhlig, ged a tha ainm an uillt ’s dòcha a’ tighinn bho chànan nan Cruithneach. ’S e eisimpleir eile Helmsdale (bho Lochlannais), air a bheil ainm Gàidhlig a tha uabhasach sean – Bun Ilidh.

Am measg ainmean dhen t-seòrsa sin, tha fear ann am Fìobh – Cill Rìmhinn. Chan e baile mòr a th’ ann, ach bha e cudromach ann an eachdraidh na h-Alba, gu h-àraidh ann an eachdraidh na h-eaglaise – agus ann an eachdraidh goilf. Bha e cudromach ri linn nan Cruithneach, a rèir choltais, agus gu deimhinne ri linn nan Gàidheal ann am Fìobh.

Agus tha e fhathast cudromach an-diugh, oir tha ceangal aige do naomh-taice nàiseanta na h-Alba – an Naomh Anndra. ’S e a’ Bheurla air Cill Rìmhinn – St Andrews. Bidh sinn a’ bruidhinn anns an dà chànan air St Andrews University agus Oilthigh Chill Rìmhinn. Ach ciamar a fhuair am baile an dà ainm sin, a tha cho eadar-dhealaichte bho chèile?

’S e an t-ainm Gàidhlig as sine. Chan e Cill Rìmhinn a bh’ ann bho shean, ge-tà, ach Cinn Rìmhinn, no rudeigin coltach ri sin. Tha e a’ nochdadh an toiseach ann an seachd ceud, ceathrad ’s a seachd (747) AC ann an Annala Uladh. Thathar ag aithris mors Tuathalain abbatis Cinrigh Monai (bàs Tuathalain, aba Cinrigh Monai). Tha sin a’ sealltainn dhuinn dà rud. Anns a’ chiad dol a-mach, bha an t-àite cudromach gu leòr airson a bhith air a chlàradh ann an làmh-sgrìobhainn à ceann a tuath na h-Èireann. Agus bha e co-cheangailte ri monadh a chaidh ainmeachadh airson rìgh.

Tha an sgoilear, Sìm Mac an Tàilleir, a thug sùil gheur air ainmean-àite Fìobha, dhen bheachd gun robh an t-ainm Gàidhlig na eadar-theangachadh air an ainm Chruithneach a bh’ ann roimhe – Penrimonid no rudeigin coltach ri sin. B’ e a’ Ghàidhlig Ceann Rìghmonadh. ’S e an t-eadar-theangachadh air “royal or king’s muir, upland, rough grazing”. Tha an talamh àrd anns an sgìre fhathast a’ giùlain an ainm Kingsmuir. Tro thìde, ann an Gàidhlig, dh’atharraich rìghmonadh gu rìghmhonadh gu rìmhinn.

B’ e ainm a’ bhaile ann am Beurla airson ùine mhòr Kilrymont. Bha sin stèidhichte air an ainm Ghàidhlig. Bha Kilrymont a’ buntainn ris an rubhafar an do thogadh a’ chathair-eaglais anns an dàrna linn deug, ach far an robh an t-seann eaglais no cill roimhe. Bha Kin- air atharrachadh gu Kil-. Thachair sin timcheall air an dàrna linn deug. Tha e coltach gun deach atharrachadh leis gun robh an t-àite cudromach mar làrach eaglaise. B’ iad Gàidheil a bha a’ smachdachadh na h-Eaglaise ann an Alba aig an àm sin.

Tha Mac an Tàilleir ag innse dhuinn gur iad na Gàidheil a-mhàin a ghlèidh an seann ainm Cill Rìmhinn. Chaidh Kilrymont à bith ann am Beurla. Ach anns na beagan deicheadan a dh’fhalbh, chaidh a thoirt beò às ùr. A-nise, ann an Cill Rìmhinn, tha Kilrymont Road, Crescent, Place – agus School. Agus an t-ainm St Andrews? Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Fìobh: Fife; Cill Rìmhinn: St Andrews, Kilrymont; Annala Uladh: The Annals of Ulster; Sìm Mac an Tàilleir: Simon Taylor; rubha: point, promontory; làrach: site; a’ smachdachadh: controlling.

Abairtean na Litreach: Bidh daoine a’ gabhail iongnadh uaireannan: people are sometimes surprised; an dreach Gàidhlig: the Gaelic form; gu tur eadar-dhealaichte bho chèile: completely different from each other; bhon t-Seann Lochlannais: from Old Norse; ged a tha ainm an uillt ’s dòcha a’ tighinn bho chànan nan Cruithneach: although the name of the burn perhaps comes from the language of the Picts; a rèir choltais: apparently; gu deimhinne ri linn nan Gàidheal ann am Fìobh: certainly during the time of the Gaels in Fife; tha ceangal aige do naomh-taice nàiseanta na h-Alba – an Naomh Anndra: it is connected to the patron saint of Scotland – St Andrew; cho eadar-dhealaichte bho chèile: so different from each other; airson a bhith air a chlàradh ann an làmh-sgrìobhainn: to be recorded in a manuscript; à ceann a tuath na h-Èireann: from the north of Ireland; a thug sùil gheur air ainmean-àite Fìobha: who closely examined the place names of Fife; rudeigin coltach ri sin: something like that; tha an talamh àrd fhathast a’ giùlain an ainm: the high land still carries the name; ag innse dhuinn gur iad na Gàidheil a-mhàin a ghlèidh an seann ainm: tells us that it was only the Gaels who preserved the old name; chaidh X à bith:X became extinct; na beagan deicheadan a dh’fhalbh: the past few decades; chaidh a thoirt beò às ùr: it’s been brought back to life.

Puing-chànain na Litreach: far an robh an t-seann eaglais no cill roimhe: where the old church or cell was previously. The reason we put the t- in front of seann in the nominative singular case is because eaglais is a feminine noun, so it takes a feminine form (cf an t-seirbheis [fem] but an seachnadh [masc]). This is the general rule for an adjective preceding a noun that starts with a lenitable “s” (sàr works similarly). Other examples of masculine nouns (in the nominative singular case): an seann bhodach, an seann bhoireannach, an seann bhòrd. Examples of feminine nouns: an t-seann chailleach, an t-seann chathair, an t-seann bhò.

Gnàthas-cainnt na Litreach: far an do thogadh a’ chathair-eaglais: where the cathedral was built.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 311

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean