FaclairDictionary EnglishGàidhlig

25: An Sgàthan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Sgàthan

Gaelic Gàidhlig

An robh sibh a’ coimhead anns an sgàthan an-diugh? Tha fhios gu robh – a’ chiad char anns a’ mhadainn, agus sibh a’ cur ur falt ceart airson a dhol a dh’obair, neo don sgoil, neo airson coimhead brèagha do chàch aig bòrd na bracaist. Agus dè chunnaic sibh anns an sgàthan? Nàdar de Phierce Brosnan, ’s dòcha, neo faileas brèagha mar a chìtheadh Catherine Zeta-Jones? Uill, tha fhios a’m air aon rud: chanamaid uile an aon rud mu dheidhinn – “chunnaic mi mi-fhìn.”

Tha mi ’n dòchas gu bheil sibh air obrachadh a-mach gur ann air tòimhseachan na seachdain ’s a chaidh a tha mi a’ bruidhinn. A bheil cuimhn’ agaibh air? Seo mar a chaidh e:

Is mi mi-fhìn,

Is mi gach duine

Ach sgrìob mo dhruim

’s cha mhi duin’ idir.

Agus ’s e sgàthan a bh’ ann. Tha faileas de gach duine a’ nochdadh ann nuair a sheasas gach duine mu a choinneamh. Ach ma sgrìobas tu druim an sgàthain, far a bheil am peant airgid, caillidh e a chomas faileas ceart a dhèanamh – agus, an uairsin, cha nochd d’ fhaileas ann idir nuair a sheasas tu mu a choinneamh. Bha e sìmplidh, nach robh?!

Chan aithne dhomh gu bheil am facal “sgàthan” a’ nochdadh gu tric idir ann an Gnàthasan-cainnt neo seanfhaclan Gàidhlig, ach ’s aithne dhomh aon seanfhacal anns a bheil e. Agus, nam bheachd-san, tha an seanfhacal sin gu math ciallach, agus gu math snog. Is math an sgàthan sùil caraid. Tha e a’ ciallachadh gum faod sinn deagh iomhaigh fhaicinn dhinn fhèin ann an sùilean caraid. Chì sinn tro shùilean caraid mar a chì daoine eile sinne.

Agus nach e sin an gnothach air an robh am bàrd ainmeil Gallda, Raibeart Burns, a’ meòmhrachadh nuair a sgrìobh e a dhàn, To a Louse. “O wad some Pow’r the giftie gie us,” sgrìobh e, “tae see oursels as ithers see us.”

Tha an sgàthan a’ nochdadh gu tric ann am beul-aithris na Roinn-Eòrpa agus, mar is trice, tha e gu math onorach, ’s dòcha nas onoraiche na tha daoine. Agus chan eil an sgàthan diùid. Bidh e ag innse na fìrinn, co-dhiù tha sin a’ toileachadh an duine a tha a’ coimhead ann neo nach eil.

Bidh sibh uile eòlach air an t-seann sgeulachd Ghearmailtich a chaidh a chruinneachadh leis na bràithrean Iacob agus Wilhelm Grimm. Ann an Gàidhlig ’s e “Ròs Bhàn agus na Seachd Troichean” a th’ oirre; ach ’s dòcha gum bi sibh eòlach oirre mar “Snow White and the Seven Dwarves.”

Anns an sgeulachd sin, tha sgàthan ann a tha ag innse don Bhànrigh olc gur ise am boireannach as brèagha a th’ ann. Agus tha sin ga toileachadh. Ach an ceann greis, tha an tè òg, Ròs Bhàn, a’ tighinn gu ìre agus tha ise, a-rèir choltais, cho brèagha ris an tè ainmeil anns na sgeulachdan againn fhèin – Deirdre. Chanadh iad mu dheidhinn Deirdre gur ise am boinne-fala a bu mhaisiche a bh’ ann eadar grian agus talamh agus nach do rugadh tè a-riamh a bha cho maiseach rithe.

Uill, chan eil fhios a’m, ach ’s dòcha gu robh Ròs Bhàn cho brèagha ri Deirdre. Co-dhiù b’ e sin beachd an sgàthain – gur i Ròs Bhàn an tè a bu bhoidhche air an t-saoghal gu lèir. Agus, anns an sgeulachd, nuair a dh’fhaighnicheas a’ Bhànrigh dhen sgàthan cò as maisich’ a th’ ann, tha an sgàthan a’ freagairt “Ròs Bhàn”. Chan eil a’ Bhànrigh toilichte.

Ach ’s dòcha, an àite a bhith a’ fàs feargach mu bheachd an sgàthain, gu robh còir aig a’ Bhànrigh a ràdh ris gu robh i coma. Dh’fhaodadh i seanfhacal eile a ràdh ris an sgàthan mar dhearbhadh gu robh i coma – “Cha toir a’ bhòidhchead goil air a’ phoit.”

Faclan na Litreach: sgàthan: mirror; falt: hair; càch: the others (in a group or family); faileas,d’ fhaileas: reflection, your (sing) reflection: a’ nochdadh: appearing; diùid: shy; troich: dwarf; olc: evil; maiseach: beautiful; feargach: angry.

Abairtean na Litreach: a chiad char anns a’ mhadainn: first thing in the morning; nàdar de Phierce Brosnan: a Pierce Brosnan-type (of reflection); mar a chìtheadh X: as X would see; tha fhios a’m (“a’m” is short for “agam” and is very common in speech – listen out for it): I know; chanamaid uile: we would all say; tòimhseachan na seachdain ’s a chaidh: last week’s riddle; mu a choinneamh:opposite, in front of it (masc); caillidh e a chomas: it (masc) loses its ability; co-dhiù tha sin a’ toileachadh X neo nach eil: whether that pleases X or not; a chaidh a chruinneachadh: which was collected; tha X a’ tighinn gu ìre: X reaches maturity; am boinne-fala a bu mhaisiche: lit. the most beautiful drop of blood – this is an old Gaelic expression, found in traditional stories, for a woman of exquisite beauty; an tè a bu bhoidhche: the most beautiful (woman); mar dhearbhadh gu robh i coma: as proof that she was indifferent (to the mirror’s opinion).

Puing ghràmair na Litreach: gum faod sinn deagh iomhaigh fhaicinn (dhinn fhèin): that we can see a good (ie accurate) image (of ourselves). When a clause (a bit of a sentence containing a verb) contains two verbs, the second, which is in the form of a (lenited) verbal noun, generally goes at the end. Failure to observe this “rule” is a common mistake made by learners. eg am faod mi a’ cheist a fhreagairt? (may I answer the question?) NOT am faod mi freagairt a’ cheist? Similarly, an urrainn dhut sin a dhèanamh? (can you do that?) NOT an urrainn dhut dèanamh sin? And dh’iarr e orm an copan a lìonadh (he asked me to fill the cup) NOT dh’iarr e orm lìonadh an copan . Wrong phraseology of this nature grates badly on the ears of fluent speakers even though they understand what is meant. But, like all “rules” there are exceptions. In this case, note that with rach (“go”) this inversion does not take place eg tha mi a’ dol a dhèanamh sin (I am going to do that) NOT tha mi a’ dol sin a dhèanamh. Chaidh mi a dh’fhuireach ann an Glaschu (I went to live in Glasgow) NOT chaidh mi ann an Glaschu a dh’fhuireach.

Seanfhaclan na Litreach: Is math an sgàthan sùil caraid: a friend’s eye is a good mirror. This is self-explanatory. Cha toir a’ bhòidhchead goil air a’ phoit: beauty won’t boil the pot. In other words, beauty is not everything (a good one to say, with a resigned sigh, to the mirror in the morning when “Pierce Brosnan” or “Catherine Zeta-Jones” fails to appear in your reflection!)

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean