FaclairDictionary EnglishGàidhlig

472: Na Trì Coin Uaine (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Trì Coin Uaine (3)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-seann stòiridh “Na Trì Coin Uaine”. An t-seachdain sa chaidh thug piuthar a’ phrionnsa puinnsean do a bràthair. Thuit e marbh. Chaidh na trì coin, Fios, Luaths agus Trom, don tobar leigheis. Fhuair iad uisge ann. Dhòirt iad an t-uisge air a’ phrionnsa. Dh’èirich am prionnsa gu slàn, fallain. Ach, an aghaidh a thoil, theich na coin.

Latha de na làithean, bha am prionnsa a-muigh a’ coiseachd. Bha e gu math tùrsach. Thachair e ri gille òg. B’ esan an gille a b’ àillidhe a chunnaic am prionnsa riamh.

“Am faca tu trì coin uaine?” ars am prionnsa.

“Chunnaic,” ars an gille òg, “ach an aithnicheadh tu fhèin iad rim faicinn?” “Dh’aithnicheadh,” thuirt am prionnsa.

“Ma-tà, is mise Fios.”

“O, gu dearbh, cha tu,” ars am prionnsa.

“Buail thusa an t-slat seo orm trì uairean,” ars an gille òg, “agus bidh mi nam chù.” Rinn am prionnsa sin agus, dìreach mar a thuirt an gille òg, dh’fhàs e na chù. Bhuail am prionnsa an t-slat air a-rithist agus dh’fhàs an cù na ghille òg a-rithist. Cò thàinig an uair sin ach Luaths agus Trom. Bha iad fhèin cuideachd ann an riochd ghillean òga.

“Dè as fheàrr leat?” ars an triùir ris a’ phrionnsa. “Sinn fhèin mar a tha sinn an-dràsta nar gillean òga no mar a bha sinn roimhe nar coin?”

“Is fheàrr leam sibh mar a tha sibh an-dràsta,” ars am prionnsa. “Fanaidh sibh a-nise còmhla rium gu bràth.”

“Tha eagal orm nach urrainn dhuinn,” arsa Fios. “Is e clann righ mòr a th’ annainn. Chaochail ar màthair o chionn fhada. Chuir ar muime geasa oirnn gum biomaid nar coin gus an dèanamaid na nithean sin a rinn sinn fhèin agus thu fhèin. Tha sinn a-nis a’ dol dhachaigh. Thig còmhla rinn. Tha piuthar bhrèagha againn.”

Dh’fhalbh iad dhachaigh. Chaidh am prionnsa còmhla riutha. Chòrd am prionnsa agus piuthar nan gillean gu math ri chèile. Cha b’ fhada gus an robh iad pòst’ aig a chèile.

Dh’fhalbh piuthar a’ phrionnsa agus chan fhaca iad tuilleadh i. Mar sin bha an taigh aig a’ phrionnsa ’s a’ bhean ùr aige dhaibh fhèin. Cho fada ’s a dhèanadh beartas agus gaol eatarra toilichte iad, thèid mise an urras gun robh iad sin. Agus dh’fhàg mi an sin iad.

Anns a’ chòrr dhen Litir an-diugh bu mhath leam sùil a thoirt air ainm-àite. Bha mi ann an sgìre Loch Laomainn o chionn ghoirid. Tha baile beag ri taobh an locha ris an canar Lus – Luss ann am Beurla. Bidh fios agaibh dè tha lus a’ ciallachadh. Ciamar a fhuair am baile ainm annasach mar sin?

Uill, tha beul-aithris anns an sgìre a’ ceangal an ainm ri Ceasag. B’ esan naomh ainmeil a tha ceangailte gu mòr ri Loch Laomainn agus an sgìre timcheall an locha. Tha e cuideachd ceangailte ri baile beag làimh ri Inbhir Nis, air a bheil Ceasag – no Kessock ann am Beurla.

Bha Ceasag ainmeil airson a bhith ri mìorbhailean thall ’s a-bhos. Taobh Loch Laomainn bha e ainmeil airson a bhith a’ cleachdadh lusan ann a bhith a’ dèanamh leigheis air daoine a bha tinn. Fhuair mòran an cuid slàinte air ais às dèidh dhaibh lus fhaighinn bho Cheasag. Agus ’s e sin as coireach ri ainm a’ bhaile air bruach Loch Laomainn. Uill, ’s e sin a tha beul-aithris ag innse dhuinn co-dhiù. Ach chan eil mi buileach cinnteach a bheil e fìor.

Faclan na Litreach: tobar leigheis: a healing well; tùrsach: sad; Loch Laomainn: Loch Lomond; Lus: Luss; lus: plant; Ceasag: Kessock; mìorbhailean: miracles.

Abairtean na Litreach: thug piuthar a’ phrionnsa puinnsean do a bràthair: the prince’s sister gave poison to her brother; dhòirt iad an t-uisge: they poured the water; an aghaidh a thoil, theich na coin: against his wishes, the dogs left/fled; b’ esan an gille a b’ àillidhe a chunnaic X riamh: he was the best looking lad X ever saw; an aithnicheadh tu fhèin iad rim faicinn?: would you recognise them by sight [to see them]?; buail thusa an t-slat seo orm trì uairean: hit me three times with this wand; bidh mi nam chù: I will be a [in my] dog; dh’fhàs e na chù: he became a dog; ann an riochd ghillean òga: in the guise of young lads; dè as fheàrr leat?: what do you prefer?; mar a bha sinn roimhe nar coin: as we were previously as [in our] dogs; fanaidh sibh a-nise còmhla rium gu bràth: you will now stay with me forever; tha eagal orm nach urrainn dhuinn: I’m afraid we cannot; chuir ar muime geasa oirnn gum biomaid nar coin: our stepmother put a spell on us so that we would be dogs; gus an dèanamaid na nithean sin: until we would do those things; chòrd am prionnsa agus piuthar nan gillean gu math ri chèile: the prince and the lads’ sister got on very well with each other; pòst’ aig a chèile: married to each other; chan fhaca iad tuilleadh i: they never saw her again; cho fada ’s a dhèanadh beartas agus gaol eatarra toilichte iad: as long as wealth and love between them would make them happy; fhuair mòran an cuid slàinte air ais: many people got their health back; às dèidh dhaibh lus fhaighinn: after [them] getting a plant; ’s e sin as coireach ri ainm a’ bhaile: that is responsible for the village’s name.

Puing-chànain na Litreach: cha tu: you are not. This is the way we might answer the statement “is mise”. The affirmative response would be “is tu”. You might come across such structures (using the assertive verb “is”) in a question like “an tusa Seumas Mac a’ Ghobhainn?” (are you James Smith?) You would answer this with “is mi” (yes) or “cha mhi” (no). Here’s another example: “Is sinne na peathraichean Dòmhnallach” (We are the MacDonald sisters) – “Cha sibh. Chan eil sibh math gu leòr air seinn” (No you’re not. You’re not good enough at singing) or “An sibh? Uill, cò chreideadh e?” (Are you? Well, who would believe it?)

Gnàthas-cainnt na Litreach: thall ’s a-bhos: here and there.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 168

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean