FaclairDictionary EnglishGàidhlig

703: Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha e inntinneach a bhith a’ coimhead air mapaichean airson fianais de dh’ainmhidhean a th’ air a dhol à bith. Bhathar a’ coimhead o chionn ghoirid airson fianais mun lugh no lioncs. Bha an cat mòr sin uairegin beò ann am Breatainn – air a’ Ghàidhealtachd, gu dearbh. Lorgadh cnàmhan dheth ann an uamh ann an Innis nan Damh ann an Asainte. Fhad ’s as aithne dhomh, ge-tà, chan eil an lioncs a’ nochdadh ann an ainmean-àite ann an Alba.

’S iad na creutairean eile a dh’fhàg cnàmhan anns na h-uamhan ann an Asainte, agus nach eil beò ann an Alba an-diugh – fèidh-shneachda, madaidhean-allaidh, madaidhean-beaga (no madaidhean Artach) agus mathain. Uill, chan eil sin buileach fìor. Tha fèidh-shneachda, no reindeer, beò anns a’ Mhonadh Ruadh. Ach thugadh a-steach iad às an t-Suain a dh’aona-ghnothach anns na caogadan dhen linn a dh’fhalbh. Bha iad air a dhol à bith fada roimhe sin ann an Alba.

Nuair a chithear madadh ann an ainm-àite ann an Alba, a bheil e a’ riochdachadh madadh-ruadh, madadh-allaidh no madadh-beag? Shaoilinn gur e am madadh-ruadh a thathar ag ainmeachadh anns a’ chuid mhòir dhiubh. Ach, ma tha an t-ainm sean gu leòr, chan urrainn a bhith cinnteach dè am madadh a th’ ann – ruadh no allaidh. Cha bhiodh e ro choltach gum biodh am madadh-beag air ainmeachadh againne.

Corra uair, tha ruadh anns an ainm – mar eisimpleir ann an Allt a’ Mhadaidh-ruaidh faisg air an Luirg, Càrn a’ Mhadaidh-ruaidh ann an Srath Chonain agus Sgùrr a’ Mhadaidh-ruaidh ann an Cnòideart. Anns na h-eisimpleirean sin, faodar a bhith cinnteach gur e an sionnach a th’ air ainmeachadh.

Agus am madadh-allaidh? Uill, chan eil allaidh a’ nochdadh air na mapaichean, fhad ’s as aithne dhomh. Ach dè mu na faclan eile airson madadh-allaidh – faclan mar alla-mhadadh, faol, faol-chù, gladaman, glaoidheaman, coille-chù, cliabhach, ulmhach no mac-tìre? Uill, cha do lorg mi gin de na h-ainmean sin air ar mapaichean nas motha.

Tha sin a’ fàgail creutair eile, agus cnàmhan dheth air an lorg anns na h-uamhan ann an Asainte – am mathan no math-ghamhainn. Lorg mi dà ainm-àite anns a bheil am mathan air ainmeachadh ann an Gàidhlig, a rèir choltais.

’S e fear dhiubh Eilean Math-ghamhna air cladach a deas Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal. Nise, chan eil mi cinnteach carson a tha an t-ainm sin air an eilean bheag sin. A chumadh, ’s dòcha? No a bheil sgeulachd ann mu dheidhinn? Ma tha sibh eòlach air an eilean, agus ainm, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.

’S e an t-àite eile a lorg mi anns a bheil am mathan air ainmeachadh – Allt Mhathain. Tha an t-allt sin a’ sruthadh eadar loch beag, air a bheil Loch na Bà Brice, agus abhainn air a bheil Abhainn Gleann Leireag. Agus ’s e an rud a tha inntinneach – an sgìre sa bheil e. Tha e ann an Asainte, faisg air an Nead. Tha sin dìreach beagan mhìltean air falbh bho uamh anns an d’ fhuair mathan bàs o chionn fhada.

A bheil ceangal ann eadar na dhà? ’S iongantach gu bheil. Tha tomhas-aoise rèidio-charboin ag innse dhuinn gun do bhàsaich am mathan sin còrr is trì air fhichead mìle bliadhna air ais. Ach an robh a leithid beò fada gu leòr ann an Alba airson a bhith air an ainmeachadh mar fhiadh-chreutairean ann an ainmean-àite? Chan eil fhios a’m.

Faclan na Litreach: lugh, lioncs: lynx; Innis nan Damh: Inchnadamph; Asainte: Assynt; madadh-ruadh, sionnach: fox; Cnòideart: Knoydart; An Nead: Nedd.

Abairtean na Litreach: airson fianais de dh’ainmhidhean a th’ air a dhol à bith: for evidence of animals that have become extinct; uairegin beò:alive at one time; lorgadh cnàmhan dheth ann an uamh: bones belonging to it were found in a cave; fhad ’s as aithne dhomh:as far as I know; fèidh-shneachda, madaidhean-allaidh, madaidhean-beaga (no madaidhean Artach) agus mathain: reindeer, wolves, Arctic foxes and bears; anns a’ Mhonadh Ruadh: in the Cairngorms; thugadh a-steach iad às an t-Suain a dh’aona-ghnothach: they were deliberately introduced from Sweden; na caogadan dhen linn a dh’fhalbh: the 1950s; cha bhiodh e ro choltach: it wouldn’t be very likely; faisg air an Luirg: near Lairg; faodar a bhith cinnteach: one can be certain; cladach a deas Loch Fìne: the southern shore of Loch Fyne; a chumadh, ’s dòcha?: its shape, perhaps?; bu mhath leam cluinntinn bhuaibh:I’d like to hear from you; tha an t-allt sin a’ sruthadh: that burn flows; dìreach beagan mhìltean air falbh: just a few miles away; anns an d’ fhuair mathan bàs o chionn fhada: in which a bear died a long time ago; tha tomhas-aoise rèidio-charboin ag innse dhuinn: radiocarbon dating tells us; gun do bhàsaich am mathan sin còrr is trì air fhichead mìle bliadhna air ais: that that bear died more than 23,000 years ago; an robh a leithid beò fada gu leòr?: were such things alive long enough?; mar fhiadh-chreutairean: as wild creatures.

Puing-chànain na Litreach: In the Litir I puzzle over two place-names that appear to name the bear (presumably Eurasian brown bear) – Eilean Math-ghamhna in Argyll and Allt Mhathain in Assynt. But do they really mark the presence of the species?

If you have any thoughts on the names I’d be pleased to hear from you. In addition to mathan and math-ghamhainn, Dwelly gives the following words for ‘bear’ – art, beithir, brach, muc-abhainn, rustag, ùraisg agus ursa. Ursag is a female or young bear and ursan is a male bear. Sid means a bear’s lair. I have found no reference to any of these on our maps, with the possible exception of Coire nam Brach near Glengarry. Bears are named in a few places in Wales, such as Afon Arth and Dyffryn Arth in Ceredigion; as in Scotland, the species is long extinct there.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S iongantach gu bheil: it’s unlikely (to be).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 399

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean