FaclairDictionary EnglishGàidhlig

549: Bodach Dubh na Mòr-bheinne

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bodach Dubh na Mòr-bheinne

Gaelic Gàidhlig

’S e am Bràigh Mòr am baile as fhaisge air a’ bheinn as àirde ann an Gallaibh – a’ Mhòr-bheinn. Aig 706 meatair os cionn na mara, chan eil a’ bheinn cho àrd sin. Ach tha cumadh brèagha oirre. Co-dhiù, ’s e baile croitearachd a bh’ anns a’ Bhràigh Mhòr, anns an robh sluagh rudeigin mòr a’ fuireach anns an t-seann aimsir. Agus bhiodh na daoine ag innse sgeulachdan do chèile, mar a bhitheadh air feadh na Gàidhealtachd. Tha mi airson tè dhiubh innse dhuibh an-dràsta – Bodach Dubh na Mòr-bheinne.

O chionn fhada nochd coigreach, le falt dubh, anns an sgìre. Bha droch bhliadhna air a bhith ann. Cha do dh’fhàs am bàrr gu math. Cha robh mòran bìdh aig na daoine. Agus chaidh an coigreach bho dhoras gu doras, a’ sireadh biadh. Ge-tà, cha do rinn e obair sam bith airson a chuid bìdh. Chùm muinntir a’ Bhràigh Mhòir coinneamh agus cho-dhùin iad nach robh iad a’ dol a thoirt biadh don choigreach tuilleadh.

An ath latha, chaidh an srainnsear gu taigh agus dh’iarr e biadh. Chaidh a dhiùltadh. Dh’fhalbh e don ath thaigh agus dh’iarr e biadh. Chaidh a dhiùltadh a-rithist. Thachair sin anns a h-uile taigh. Dh’fhàs an coigreach feargach. Bha aon mhuileann anns an sgìre. Chaidh an coigreach – a bha gu math làidir – don mhuileann. Thog e a’ chlach uachdarach, chuir e air a ghualainn i, agus choisich e air falbh a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Às aonais na cloiche, chan obraicheadh am muileann. Agus chan fhaigheadh muinntir an àite min-choirce.

Chan fhacas an coigreach a-rithist ach thòisich crodh is caoraich a bhith a’ dol à fianais. Chùm muinntir an àite faire. Airson beagan làithean chan fhaca iad dad. An uair sin chunnaic iad an coigreach. Bha e air fàs mòr mòr. ’S e famhair a bh’ ann. Bha bogha is saighdean aige. Loisg e an damh as fheàrr sa mhonadh le saighead. Chuir e an damh air a ghualainn agus chaidh e dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’fhalbh na fir às a dhèidh ach thàinig ceò tiugh a-nuas orra agus chaidh am Bodach Dubh à sealladh.

Mar a chaidh an ùine seachad, bha muinntir an àite a’ call rudan prìseil bho na taighean aca. Chan fhaca duine am mèirleach. Ach bha iad deimhinne gur e am Bodach Dubh a bu choireach. Chunnaic iad grunn tursan e ach, gach turas a rachadh iad an tòir air, bhiodh e a’ ruith a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne agus thigeadh an ceò a-nuas orra.

Chuala na daoine mu bhoireannach ann an Cataibh aig an robh bràthair a bha a’ fuireach air a’ Mhòr-bheinn. Lorg iad am boireannach. Dh’aidich i gum b’ i piuthar a’ Bhodaich Dhuibh. Dh’inns i dhaibh mar a bhriseadh iad cumhachd a’ Bhodaich air a’ cheò air a’ Mhòr-bheinn. Bha aon latha sa bhliadhna nuair nach robh an cumhachd sin aige. B’ e sin an seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos.

Air an t-siathamh latha dhen Iuchar, chruinnich na fir faisg air a’ Mhòr-bheinn. An ath mhadainn, air an t-seachdamh latha, nochd am Bodach Dubh. Bha e ag iomain crodh. Leum na fir a-mach. Dh’fhalbh am Bodach aig peilear a bheatha a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’èigh e faclan neònach ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas air a’ bheinn. Ach cha tàinig an ceò an turas seo. Agus chunnaic na daoine am Bodach, agus e a’ dol à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Agus dè thachair an uair sin? A uill, gheibh sibh sin a-mach an ath-sheachdain!

Faclan na Litreach: Am Bràigh Mòr: Braemore; croitearachd: crofting; coigreach,srainnsear: stranger; bàrr: crops; feargach: angry; muileann: mill; min-choirce: oatmeal; chan fhacas: wasn’t seen; famhair: giant; Cataibh: Sutherland; seachdamh: seventh; ag iomain: driving (cattle); chruinnich: gathered.

Abairtean na Litreach: tha cumadh brèagha oirre: it has a beautiful shape; sluagh rudeigin mòr: a fairly large population; mòran bìdh: much food; a’ sireadh biadh: looking for food; airson a chuid bìdh: for his food; chaidh a dhiùltadh: he was refused; a’ chlach uachdarach: the upper stone [of the mill]; às aonais na cloiche: without the stone; chan obraicheadh am muileann: the mill would not work; bogha is saighdean: a bow and arrows; an damh as fheàrr sa mhonadh: the best bullock on the hill; thàinig ceò tiugh a-nuas orra: a thick mist descended upon them; a’ call rudan prìseil: losing valuable things; gach turas a rachadh iad an tòir air: every time they would go in pursuit of him; dh’aidich i gum b’ i piuthar a’ Bhodaich Dhuibh: she admitted she was the Bodach Dubh’s sister; an siathamh latha dhen Iuchar: 6 th of July; aig peilear a bheatha: at great speed; a’ dol à sealladh: going out of sight; tro fhosgladh air cliathaich na beinne: through an opening in the side of the mountain.

Puing-chànain na Litreach: Bodach Dubh na Mòr-bheinne: The Black Bodach of Morven (also called The Giant of Morven). In some old place names, and some which were modifications/translations from Old Norse, the adjective precedes the noun. A’ Mhòr-bheinn is an example (and remember we tend to use the article in Gaelic even if it’s not on the maps). You can deal with it just as you would with any compound noun. The basic noun of the compound is beinn so that is the word which will inflect with case. We’d say mullach na beinne so we say mullach na mòr-bheinne . We wouldn’t lenite beinn in the genitive singular so we don’t lenite mòr. But we do lenite beinn in the compound because of the influence of the preceding adjective. Similarly we’d say therefore takes the genitive).

Gnàthas-cainnt na Litreach: dh’èigh e faclan neònach ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas: he shouted strange words in Gaelic, in an attempt to bring down the mist.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 245

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean