FaclairDictionary EnglishGàidhlig

575: Seachd Cadalaichean an t-Saoghail (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Seachd Cadalaichean an t-Saoghail (1)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh mun rud ris an canar Seachd Cadalaichean an t-Saoghail? Ann am Beurla canaidh iad The Seven Sleepers of the Earth. Seachd Cadalaichean an t-Saoghail. Thàinig an gnothach gu m’ aire o chionn ghoirid ann an leabhar mun Mhonadh Ruadh anns a bheil seann sgrìobhaidhean aig an eòlaiche-nàdair, Seton Gordon. Bha bodach a bha seo na stalcaire anns a’ mhonadh. Latha a bha seo bha e cuide ri Gordon agus dh’fhaighnich e dheth gu dè bha anns na Seachd Cadalaichean.

Gu mì-fhortanach chan eil an còmhradh gu lèir air a chlàradh agus cha do rinn Gordon liosta de na Seachd Cadalaichean. ’S e an aon fhear a chaidh ainmeachadh eun beag ris an canar a’ bhrù-gheal. ’S e wheatear no stonechacker a chanas daoine ris ann am Beurla. Ach ’s dòcha gun robhar a’ ciallachadh a’ chlacharain no stonechat.

Bha am bodach Gàidhealach dhen bheachd gun robh a’ bhrù-gheal a’ cur seachad a’ gheamhraidh le bhith a’ faighinn cadal na feòraig no cadal a’ gheamhraidh. Thuirt e ri Gordon gum fac’ e an t-eun seo a’ tighinn a-mach à toll anns an talamh as t-earrach. Feumaidh gun robh an t-eun dìreach a’ dùsgadh às dèidh a’ gheamhraidh.

Uill, cha robh Gordon ag aontachadh ris idir. Bha fianais làidir ann, sgrìobh e, gum bi a’ bhrù-gheal a’ geamhrachadh ann an tìrean cèin agus a’ tilleadh a Bhreatainn as t-earrach. Chan e “cadalaiche” a th’ ann idir.

Bha mi airson faighinn a-mach dè na creutairean eile a bh’ air an tomhas anns an t-seann aimsir mar Sheachd Cadalaichean an t-Saoghail. Rinn mi beagan rannsachaidh air a’ chuspair. Ma tha sibh eòlach air fèilltean nan Eaglaisean Crìosdail, ’s dòcha gum bi fios agaibh gun robh Fèill nan Seachd Cadalaichean ann aig an àm seo dhen bhliadhna – air an t-seachdamh latha fichead (27) dhen Iuchar.

Bha an fhèill sin stèidhichte air tachartas ann an Ephesus, a tha an-diugh san Tuirc, timcheall na bliadhna 250 AC. Bha seachdnar fhear òga ann an Ephesus a bha nan Crìosdaidhean. Dhiùlt iad adhradh a dhèanamh do dh’ìomhaigh mar a dh’iarr an t-Ìmpire orra. Theich iad gu uamh anns na beanntan. Ach dh’òrdaich an t-Ìmpire beul na h-uamha a dhùnadh, agus na fir na broinn.

Bha dùil gun robh an seachdnar air bàs fhaighinn. Ach anns a’ bhliadhna ceithir cheud, seachdad ’s a naoi (479) AC, bhris tuathanach a-steach don uaimh. Fhuair e a-mach nach robh na fir marbh. Bha iad dìreach air a bhith nan cadal. Nuair a chaidh iad a dh’Ephesus chunnaic iad gun robh Crìosdachd air a bhith buadhach agus bha iad air leth toilichte. Chomharraich an Eaglais an gnothach mar mhìorbhail.

Cha d’ fhuair mi a-mach a bheil ceangal sam bith ann eadar an traidisean Crìosdail agus na bha bodach a’ Mhonaidh Ruaidh a’ ciallachadh. Bha esan a’ bruidhinn air seachd creutairean a tha a’ cur seachad a’ gheamhraidh nan cadal mus èirich iad às ùr as t-earrach. Ach carson a thathar a’ tomhas gu bheil seachd ann? Chan eil mi cinnteach.

Co-dhiù, fhuair mi fiosrachadh mun chùis co-cheangailte ri cànan a tha gu math dlùth ris an tè againn fhèin – Gàidhlig Eilean Mhanainn. Agus innsidh mi dhuibh dè th’ anns na Seachd Cadalaichean Manainneach an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: a’ dùsgadh: awakening; fianais: evidence; as t-earrach: in spring; san Tuirc: in Turkey; mìorbhail: miracle; Eilean Mhanainn: The Isle of Man.

Abairtean na Litreach: Seachd Cadalaichean an t-Saoghail: The Seven Sleepers of the Earth; leabhar mun Mhonadh Ruadh anns a bheil seann sgrìobhaidhean aig an eòlaiche-nàdair: a book about the Cairngorms in which there are old essays by the naturalist; bha bodach a bha seo na stalcaire: this particular old guy was a stalker; latha a bha seo bha e cuide ri: one day he was with; chan eil an còmhradh gu lèir air a chlàradh: the entire conversation is not recorded; ’s dòcha gun robhar a’ ciallachadh X: perhaps X was meant; gum fac’ e an t-eun seo a’ tighinn a-mach à toll: that he saw this bird coming out of a hole; a’ geamhrachadh ann an tìrean cèin: overwintering in foreign lands; fèilltean nan Eaglaisean Crìosdail: the festivals of the Christian Churches; air an t-seachdamh latha fichead dhen Iuchar: on the 27th of July; seachdnar fhear òga: seven young men; dhiùlt iad adhradh a dhèanamh do dh’ìomhaigh mar a dh’iarr an t-Ìmpire orra: they refused to worship an image as the Emperor demanded of them; dh’òrdaich an t-Ìmpire beul na h-uamha a dhùnadh, agus na fir na broinn: the Emperor ordered the mouth of the cave to be blocked, with the men inside; nach robh na fir marbh: that the men were not dead; air a bhith nan cadal: had been asleep; gun robh Crìosdachd air a bhith buadhach: that Christianity had been victorious; mus èirich iad às ùr as t-earrach: before they arise anew in spring; gu math dlùth ris an tè againn fhèin: very close to our own [language] .

Puing-chànain na Litreach: The English word hibernate appears to be a 19th Century creation based on Latin, and I’m not clear as to what word would have been used in earlier times. The Gaelic phrases cadal na feòraig and cadal a’ gheamhraidh employ the same word we use for “sleep” but cadal can also mean “slumber” or “lethargic condition”. Cadalach can mean “drowsy” or “lethargic” in addition to “sleepy” – an accurate enough description of a hibernating animal (although the squirrel is perhaps not a true hibernator). Seachd Cadalaichean an t-Saoghail might be translated as the Seven Sleepers of the Earth but perhaps it’s just as accurate to call them the Seven Hibernators of the Earth (even though the avian species on the list don’t actually hibernate but fly off to Africa!)

Gnàthas-cainnt na Litreach: Thàinig an gnothach gu m’ aire: the matter came to my attention .

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 271

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean