FaclairDictionary EnglishGàidhlig

390: Siorrachd Rois

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Siorrachd Rois

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach, ’s dòcha, air an òran à Siorrachd Rois a tha a’ dol – Tha lighe an-diugh san Alltan Dubh, ’s chan urrainn mi dhol thairis air, tha eagal orm aig meud an t-sruth, nach fhaigh mi an-diugh a-null air... ’S e òran seilg a th’ ann, air a sgrìobhadh le fear Dòmhnall Friseal a bha na gheamair ann am Fainich. Tha a’ chiad rann a’ dol mar seo: tha an t-Alltan Dubh cho bagarrach, ’s e ’n dùil gun till e dhachaigh mi, le thuraraich ’s le thartaraich, le bhagartaich ’s le bhùraich.

Tuigidh sibh, bhon a h-uile càil a tha sin, gu robh tuil anns an Alltan Dubh. ’S dòcha gu bheil sibh eòlach air an allt sin. Tha an rathad mòr eadar Inbhir Nis is Ulapul a’ dol thairis air faisg air Gairbh. Tha am facal lighe a’ ciallachadh àite far a bheil allt no abhainn air a chur thairis air talamh còmhnard, agus nàdar de loch ann.

’S iomadh turas gach bliadhna a bhios uisge mòr anns an Alltan Dubh oir tha beanntan faisg air. Ach chan eil mi cinnteach am bi lighe ann ro thric. ’S dòcha gum bu chòir dhomh dhol a’ choimhead an Alltain Duibh an-dràsta fhèin oir tha an t-uabhas uisge air a bhith againn o chionn ghoirid. Ach, eadhon an-dràsta, chan eil e faisg air cho dona ’s a bha e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829).

Fhad ’s as aithne dhomh bha Dòmhnall Friseal beò tràth san naoidheamh linn deug. Ach chan urrainn dhomh a ràdh an robh e timcheall as t-samhradh ochd ceud deug, fichead ’s a naoi. Bha lighe ann an uair sin, gun teagamh.

’S e samhradh uabhasach teth a bh’ ann. Bha teas anabarrach ann sa Chèitean, san Ògmhios agus san Lùnastal. Ach thachair rudan annasach. Aig toiseach an Iuchair, nochd na Fir-chlis anns an iarmailt – agus bha iad uabhasach soilleir. Bha gaoth làidir ann nuair a nochd iad. Agus corra latha, ann an corra àite, bha uisge mòr ann – chan e fras, ach dìle.

Thachair a leithid air an dàrna latha deug (12mh) dhen Iuchar ann an Ceann Loch Lùicheirt, baile beag eadar Gairbh is Ach na Sìne. ’S e Latha na Sàbaid a bh’ ann agus bha a’ chuid a bu mhotha de mhuinntir a’ bhaile san eaglais. Ach chunnaic aon duine na thachair le a shùilean fhèin. B’ esan an t-òstair à Ach nan Allt, baile beag eile faisg air làimh. Chunnaic e maoim-slèibhe a chaidh adhbharachadh leis an dìle.

Bha a’ mhaoim-slèibhe mar bhalla de dh’ùir is de dh’uisge. Thàinig i gu luath a-nuas air a’ bhaile. Rinn i sgrios air a h-uile nì a bha na rathad – taighean, bàrr is stoc. Chaidh na drochaidean thairis air na h-uillt a sgrios. Bha na daoine glaiste eadar dà allt. Cha d’ fhuair iad a-mach gus an robh an t-uisge air lughdachadh annta.

Sìos an rathad ann an Gairbh anns an t-samhradh sin, bha tuil anns ann taigh-òsta. Ach cha b’ ann air an aon latha a bha sin, mar a chì sinn an ath-sheachdain, oir bha an samhradh sin air leth dona airson tuiltean. Dh’èirich an t-uisge am broinn Taigh-òsta Ghairbh gu doimhneachd de cheithir troighean. B’ fheudar do bhuidheann de shealgairean a bha a’ fuireach ann ròpan a chleachdadh airson faighinn a-mach gu sàbhailteachd. Agus – seadh – ’s e an t-Alltan Dubh a bu choireach. Bha lighe ann an uair sin, is cha b’ urrainn duine dhol thairis air, ach air èiginn.

Faclan na Litreach: Siorrachd Rois: Ross-shire; lighe: flooded area of low ground caused by a burn or river breaking its banks; bagarrach:threatening; [a] thuraraich: its (masc.) rattling; [a] thartaraich: its noisy bustling; [a] bhagartaich:its threatening; [a] bhùraich: its roaring; tuil: flood; Ceann Loch Lùicheirt: Kinlochluichart; Ach na Sìne: Achnasheen; sàbhailteachd: safety.

Abairtean na Litreach: chan urrainn mi dhol thairis air: I can’t go over it; tha eagal orm aig meud an t-sruth: the current’s strength frightens me; nach fhaigh mi an-diugh a-null air: that I won’t get over it today; òran seilg: a hunting song; Dòmhnall Friseal a bha na gheamair ann am Fainich:Donald Fraser who was a gamekeeper in Fannich; ’s iomadh turas gach bliadhna: many times each year; gum bu chòir dhomh dhol a’ choimhead:that I should go and see; fhad ’s as aithne dhomh: as far as I know; sa Chèitean, san Ògmhios agus san Lùnastal:in May, June and August; aig toiseach an Iuchair, nochd na Fir-chlis anns an iarmailt: at the start of July, the Aurora Borealis appeared in the heavens; an t-òstair à Ach nan Allt: the innkeeper from Achanalt; maoim-slèibhe a chaidh adhbharachadh leis an dìle: a landslide that was caused by the excessively heavy rain; mar bhalla de dh’ùir is de dh’uisge:like a wall of soil and water; a-nuas air a’ bhaile: down on the village; rinn i sgrios air a h-uile nì a bha na rathad: it [fem] destroyed everything in its path; glaiste eadar dà allt: stranded between two burns; gus an robh an t-uisge air lughdachadh annta: until the water had receded in them; am broinn: inside; b’ fheudar do bhuidheann de shealgairean a bha a’ fuireach ann ròpan a chleachdadh: a group of hunters who were living there had to use ropes; ’s e X a bu choireach: it was X that was responsible; ach air èiginn: except with great difficulty.

Puing-chànain na Litreach: corra latha, ann an corra àite : [on] the occasional day, in an occasional place. Note that corra is an adjective which precedes the noun. The noun is in the singular and is lenited (if lenitable) eg corra dhuine (an occasional person, a few people); chan eil agam ach corra fhacal Eadailtis (I only have a few words of Italian).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha teas anabarrach ann: it was incredibly hot [lit. there was excessive heat].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 86

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean