menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Fionn, Bran agus an Cù Glas (Litir 921)

Bha Fionn MacCumhail an impis falbh a Lochlann cuide ris a’ Ghille Mhòr. Bha amadan ann. ‘Bheir mi comhairle dhuibh ma ghabhas sibh i,’ thuirt an t-amadan.

Is tric a gheibh Rìgh comhairle mhath à teanga amadain,’ thuirt Fionn.

‘Uill, ʼs i mo chomhairle,’ ars an t-amadan, ‘gun toir sibh leibh an t-slabhraidh òir aig Bran. Cha bhris sin ur cùmhnant oir cha bhi cù no caraid no ball-airm agaibh.’

‘Gle mhath,’ thuirt Fionn, agus chuir e slabhraidh òir Bhrain na phòcaid.

Ràinig Fionn lùchairt Rìgh Lochlainn, ach chan e fàilte a fhuair e. Bha an Rìgh agus uaislean a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr airson Fionn a mharbhadh. ‘Crochaidh sinn e,’ thuirt fear. ‘Bàthaidh sinn e,’ arsa fear eile. ‘Losgaidh sinn gu bàs e,’ thuirt treas fear.

Mu dheireadh, dh’èirich an Rìgh gu chasan. ‘Cuiridh sinn gu bàs e anns an dòigh as miosa,’ thuirt e. ‘Bheir sinn dhan Gleann Mhòr e, agus thèid ithe leis a’ Chù Ghlas.’

Thug iad Fionn don Gleann Mhòr. Chuala iad donnal a’ Choin Ghlais agus dh’fhalbh iad. Bha Fionn leis fhèin agus bha an Cù Glas a’ dlùthachadh ris. Bha a bheul fosgailte agus bha lasairean a’ tighinn às a chuinneanan. Bha an teas a’ dèanamh cron air craiceann Fhinn.

Thug Fionn slabhraidh Bhrain a-mach. Chrath e i. Gu h-obann, sheas am madadh air a bheulaibh mar chù-taighe, a’ crathadh earball. Dh’imlich e Fionn. Far an robh anail theth a’ choin air craiceann Fhinn a losgadh, rinn uisge-beòil slànachadh air. Chuir Fionn slabhraidh òir Bhrain timcheall amhaich a’ choin agus thug e sìos an gleann e.

Thàinig iad am fagus taigh aig ceann shìos a’ ghlinne, far an robh bodach is cailleach a’ fuireach. Bha a’ chailleach aig an doras mhòr agus chunnaic i Fionn leis a’ chù air taod. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha mi air rud iongantach fhaicinn,’ thuirt i ris a’ bhodach. ‘Am fear as àirde agus as eireachdaile a chunnaic mi riamh. Tha e a’ coiseachd sìos an gleann, agus an Cù Glas aige air taod.’

Nan toirte cruinn còmhla a h-uile duine ann an Alba is Èirinn is Lochlann,’ thuirt am bodach, ‘chan eil ann ach aon duine a dhèanadh sin – Fionn MacCumhail, agus slabhraidh òir Bhrain aige.’ Agus dh’fhalbh e a-mach a chur fàilte air Fionn.

Nuair a chuala iad an sgeulachd aig Fionn, thug iad cuireadh dha fuireach aca airson latha is bliadhna, agus ghabh Fionn ris. Aig deireadh na h-ùine sin, bha a’ chailleach a-muigh air tom faisg air an taigh. Chunnaic i sluagh air tràigh mhòr Lochlainn. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha sluagh mòr air an tràigh,’ thuirt i, ‘le fear ruadh aig an ceann.’

‘O,’ arsa Fionn, ‘ʼs e sin mo laoich, an Fhèinn, agus Osgar aig an ceann.’ Agus chaidh e sìos don tràigh leis a’ Chù Ghlas na chois. Chuir a h-uile duine fàilte mhòr air Fionn. Agus chuir Bran agus an Cù Glas fàilte mhòr mhòr air a chèile. B’ e an Cù Glas Sgeolan, bràthair Bhrain, a chaidh a thilgeil don mhuir nuair a bha Fionn a’ teicheadh bhon fhamhair. Bha iad nan cuileanan aig an àm.

ʼS iomadh gnothach anns an robh Fionn agus Bran an sàs. Tha iad air an cuimhneachadh fhathast am measg nan Gàidheal.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: amadan: fool; ball-airm: weapon; bàthaidh:will drown; losgaidh: will burn; craiceann: skin; chrath: shook; dh’imlich: licked; as eireachdaile: most handsome; taod: leash.

Abairtean na Litreach: bheir mi comhairle dhuibh ma ghabhas sibh i: I’ll give you advice if you’ll take it; gun toir sibh leibh an t-slabhraidh òir aig Bran: that you’ll take with you Bran’s golden chain; cha bhris sin ur cùmhnant: that won’t break your contract; crochaidh sinn e: we’ll hang him; bheir sinn dhan Gleann Mhòr e:we’ll take him to the Big Glen; thèid ithe leis a’ Chù Ghlas:he’ll be eaten by the Grey Dog; donnal a’ Choin Ghlais:the howling of the Grey Dog; a’ dlùthachadh ris:closing on him; bha lasairean a’ tighinn às a chuinneanan: flames were coming from its nostrils; sheas am madadh air a bheulaibh mar chù-taighe, a’ crathadh earball: the wild dog stood in front of him like a domestic dog, wagging its tail; rinn uisge-beòil slànachadh air: its saliva healed him; timcheall amhaich a’ choin: around the dog’s neck; tha mi air rud iongantach fhaicinn: I’ve seen an amazing thing; bha a’ chailleach a-muigh air tom: the old woman was outside on a hillock; chunnaic i sluagh air tràigh mhòr Lochlainn: she saw a host on the great strand of Lochlann (Scandinavia); le fear ruadh aig an ceann: with a red-haired man at their head; leis a’ Chù Ghlas na chois: with the Grey Dog accompanying him; a chaidh a thilgeil don mhuir nuair a bha Fionn a’ teicheadh bhon fhamhair : who was thrown into the sea when Fionn was fleeing from the giant; bha iad nan cuileanan aig an àm: they were puppies at the time; ʼs iomadh gnothach anns an robh Fionn agus Bran an sàs: Fionn and Bran were involved in many matters.

Puing-chànain na Litreach: Nan toirte cruinn còmhla a h-uile duine: if everybody were [would be] brought together. This is the passive conditional form of the verb thoir, a’ toirt. To create it, a terminal -te (or -ist in some dialects) is added to the verbal root. Here are some other examples: nan cuirte a h-uile rud ann ‘if everything were [would be] put in’; nan caillte an cothrom ‘if the opportunity were to be [would be] lost’.

Seanfhacal na Litreach: Is tric a gheibh Rìgh comhairle mhath à teanga amadain : a King often receives good advice from the tongue of a fool.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 617

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word