menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

People Daoine

Search Lorg

Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich (2) (Litir 909)

Nuair a dh’fhàgas sinn ʼn t-àit’ seo, Cha chuir iad mòr-mhàl oirnn, ʼS cha bhi an Fhèill Màrtainn, A’ cur nàire nar gruaidh, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Bidh sibh ag aithneachadh bhon t-seachdain sa chaidh gur e sin rann à Guma Slàn do na Fearaibh, le Dòmhnall Phàil, Dòmhnall Caimbeul, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich. Aig Fèill Màrtainn – an t-aonamh latha deug dhen t-Samhain – bha daoine a’ pàigheadh màl. Bha iad an dòchas nach biodh uiread aca ri pàigheadh nuair a bha beatha ùr aca ann an Astràilia.

Rugadh Dòmhnall ann an Dail na Spideil ann an seachd ceud deug naochad ʼs a h-ochd (1798). B’ e Pàl – no Paul – ainm athar. Fhuair Dòmhnall Caimbeul eile – fear à Raineach a bha càirdeach do Dhòmhnall Phàil – tac faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chaidh Dòmhnall a dh’obair dha mar chìobair. Bha e a’ fuireach ann an Gleann Gòineig, dìreach gu tuath air Ceann a’ Ghiùthsaich, airson còrr is ceathrad bliadhna. A rèir beul-aithris bhiodh an Diabhal fhèin a’ cur seachad beagan mhìosan a h-uile bliadhna ann an Loch Gòineig. Ach co-dhiù bha Dòmhnall eòlach air gus nach robh, chan urrainn dhomh a ràdh!

Bha Dòmhnall ainmeil ri a linn airson òrain a ghabhail ach tha e coltach nach deach mòran de na chruthaich e a sgrìobhadh. ʼS e òran eile a rinn e, agus a th’ againn fhathast, Duanag a’ Chìobair. Tha e a’ comharrachadh mar a dh’fhàg e an dachaigh aige ann an Athall airson fuireach ann am Bàideanach. Bha a leannan ann an ‘Raineach nam bò’. Seo agaibh ceithir rannan dheth:

Gu bheil mulad air m’ inntinn, On thàinig mi ʼn tìr seo, ʼS nach fhaic mi mo nìghneag dhonn òg, ʼS nach fhaic mi mo nìghneag dhonn òg...

ʼS ann a dh’fhàg mise gruagach, An fhuilt cham-lùbaich, chuachaich, An taobh thall do Dhruim Uachdair an fheòir, An taobh thall do Dhruim Uachdair an fheòir...

ʼS ged a chruinn’cheadh an dùthaich, Gu fèill Chinn a’ Ghiùthsaich, Cha bhiodh tè ann don dùraiginn pòg, Cha bhiodh tè ann don dùraiginn pòg.

Chan e siud ʼrinn mo chiùrradh, On thàinig mi ʼn dùthaich, Ach nach fhaod mi dhol null air do thòir, Ach nach fhaod mi dhol null air do thòir.

Bu mhath leam ur fàgail le criomagan às òran eile aig Dòmhnall Phàil. Bha searbhant air an tac far an robh e ag obair. ʼS e Peigi Stiùbhart an t-ainm a bh’ oirre. Bhuineadh i do Bheannchar faisg air Baile Ùr an t-Slèibh. ʼS iomadh fear òg a bha measail air Peigi. Bha iad ag amas air a pòsadh mar a tha Dòmhnall ag ràdh anns an òran:

A Pheigi Bhàn, on tha thu laghach, ʼPheigi Bhàn, on tha thu grinn, ʼPheigi Bhàn on tha thu brèagha, Bidh tu ʼm-bliadhna ann ad mhnaoi.

Am feasgar Sàbaid bha sinn còmhladh, Chuir iad ʼn òrdugh dhòmhs’ na suinn, Gun robh ochdnar dhiubh gad iarraidh, ʼS ar leam fhìn gur brèagh’ an t-sùim.

Tha Dòmhnall ag ràdh gun robh seachd duine deug ag iarraidh Peigi a phòsadh. Agus aig deireadh an òrain, tha e a’ meòrachadh – saoil am biodh cothrom aige fhèin?! Fàgaidh mi am facal mu dheireadh aig Dòmhnall còir.

Ach nam bithinn-sa cho buadhmhor, ʼS a buannachadh dhomh fhìn, Bhiodh i agam air mo chluasaig, ʼS bheirinn suas do Ghòineig i.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Ceann a’ Ghiùthsaich: Kingussie; màl: rent; uiread: as much, Dail na Spideil: Dalnaspidal; Gleann Gòineig: Glen Gynack.

Abairtean na Litreach: Cha chuir iad mòr-mhàl oirnn: they won’t charge us exorbitant rent; cha bhi an Fhèill Màrtainn a’ cur nàire nar gruaidh: Martinmas won’t put shame on our cheeks; fear à Raineach a bha càirdeach do: a man from Rannoch who was related to; a dh’obair dha mar chìobair: to work for him as a shepherd; co-dhiù bha Dòmhnall eòlach air gus nach robh, chan urrainn dhomh a ràdh:whether or not Donald knew him, I cannot say; tha e coltach nach deach mòran de na chruthaich e a sgrìobhadh:it appears that not much of what he created was written down; gu bheil mulad air m’ inntinn on thàinig mi ʼn tìr seo: my mind is sad since I came to this country; nach fhaic mi mo nìghneag dhonn òg: I won’t see my young brown-haired maiden; an fhuilt cham-lùbaich, chuachaich: of the curled and plaited hair; taobh thall do Dhruim Uachdair an fheòir: the other side of grassy Drumochter; cha bhiodh tè ann don dùraiginn pòg: there would be no woman I’d want to kiss; chan e siud ʼrinn mo chiùrradh:it’s not that that’s tortured me; nach fhaod mi dhol null air do thòir: that I can’t go [over] after you; air an tac: on the [rented] farm; bhuineadh i do Bheannchar faisg air Baile Ùr an t-Slèibh: she belonged to Banchor near Newtonmore; bidh tu ʼm-bliadhna ann ad mhnaoi: you will be a wife this year; chuir iad ʼn òrdugh dhòmhs’ na suinn: they put the champions in order for me; ar leam fhìn gur brèagh’ an t-sùim: I think the number is terrific; bheirinn suas do Ghòineig i: I’d take her up to Gynack.

Puing-chànain na Litreach: bhiodh an Diabhal fhèin a’ cur seachad beagan mhìosan a h-uile bliadhna ann an Loch Gòineig: the devil himself would spend several months every year in Loch Gynack. According to local tradition he enjoyed causing distress to the stuirteagan , black-headed gulls that nested there. This is because these gulls were said to be messengers of the angels and to bear the spirits of people who did good deeds on earth. Have any of you heard similar traditions regarding the black-headed gull or do you have your own local name for the species? Please let me know.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha iad ag amas air a pòsadh : they were aiming to marry her.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 605

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word