ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

News Naidheachdan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Video is playing in pop-over.

Moladh do dh’Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Gaelic Gàidhlig

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Neach-aithris] Thathas a’ cumail tachartas aig Feis Celtic Connections a-nochd a’ comharrachadh gu bheil dà cheud gu leth bliadhna ann o chaochail fear de shàr-bhàird na Gàidhlig, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Tha a’ chuirm, Aiseirigh, stèidhichte air a’ chruinneachadh de dhàin den aon ainm a dh’fhoillsich am bàrd ann an seachd ceud deug leth cheud ’s a h-aon, a’ chiad leabhar bàrdachd clò-bhuailte a chaidh fhoillseachadh ann an cànan Ceilteach aig àm sam bith. Tha Niall Bartlett an làthair aig an tachartas aig Talla a’ Chonsairt Rìoghail Ghlaschu dhuinne a-nochd, a Nèill.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] Uill, chan e builleach Birlinn Chlann Raghnaill anns a bheil mi an-dràsta ach meadhan bhaile Ghlaschu is daoine a’ cruinneachadh aig Talla Consairt Rìoghail a’ bhaile son an tachartas, Aiseirigh. Chaidh seo ullachadh leis a’ bhuidheann ealain An Lochran fo bhratach Celtic Connections, ’s tha iad air grunnan luchd-ciùil a thoirt ri chèile son Aiseirigh de sheòrs’ a dhèanamh air saothair Mhic Mhaighstir Alasdair agus nas tràithe an-diugh bhruidhinn mi ri cuid den fheadhainn a tha an sàs anns an tachartas.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] Dà cheud ’s leth-cheud bliadhna on a’ bhàs, tha cuide de shàr-cheòladairean na Gàidhealtachd san latha an-diugh a’ cruinneachadh gus moladh a dhèanamh air cuid obrach Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair.

[Fiona NicChoinnich] ’S e cothrom a th’ ann a bhith sealltainn na diofar seòrsa de na h-òrain aig Alasdair. Tha mise gu math fortanach air sgath ’s gu bheil mise ag obair anns na tasglann Taigh Chanaidh far a bheil na manuscripts is a h-uile càil againn agus na fuaimean a rinn Iain Latharna Caimbeul air na h-òrain aig Alasdair agus ’s ann à Canaidh a sgrìobh e Birlinn Chlann Raghnaill, pìos bàrdachd as motha aige.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] Chaidh an tachartas ullachadh leis An Lochran ann an co-bhann le Celtic Connections ’s tha iad a’ faireachdainn gun robh e iomchaidh cuimhne a dhèanamh air Mac Mhaighstir Alasdair fo bhratach na fèise.

[Padruig Moireasdan] Tha An Lochran ceann fhèin toilichte an tachartas a tha seo ullachadh airson a-nochd air sàillibh ’s gu bheil da cheud is leth-cheud bliadhna on a bhàsaich Mac Maighstir Alasdair fhèin ’s mar sin, ’s e cothrom a th’ ann a bhith taisbeanadh a chuid bhàrdachd agus an sgil agus an cliù a bh’aige ann an Glaschu dhan ghinealach an latha an-diugh ’s tha e gu math cudromach gum bi sin againn san latha an-diugh.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] ’S tha Birlinn Chlann Raghnaill am measg nam pìos air a bheilear a’ cur nan dreach fhèin.

[Fiona NicChoinnich] So chuir sinn fonn ris an òran, uill chan e òran a th’ ann ach pìos bàrdachd agus tha pìos beag againne anns na tasglainn air na sheirm, pàirt de na pìos bhàrdachd, bha Aonghas Iain Caimbeul ga sheinnann an Loch Baghasdail. Agus so tha mise a’ cur an t-òran seo air adhart agus cuideachd chan e seist ann, so sgrìobh mise seist bheag airson a bhith a’ cur a-steach agus bidh a h-uile duine a’ tighinn ann.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] Oidhirp a dh’fhaodadh a bhith airidh air aon de mholaidhean Mhac Mhaighstir Alasdair fhèin. Niall Bartlett, BBC An Là, Glaschu.

In praise of Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

English Beurla

[Donald Angaidh Morrison - Anchor] An event is being held at the Celtic Connections Festival tonight celebrating two hundred and fifty years since one of the great Gaelic bards died, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. The concert, Revival, is based on the collection of poems of the same name which the poet published in 1751, the first printed poetry book which was published in any Celtic language. Niall Bartlett is present at the event at the Glasgow Royal Concert Hall for us tonight, Niall.

[Niall Bartlett – Journalist] Well, it’s not quite Birlinn Chlann Raghnaill (The Galley of Clanranald) where I am just now but the middle of Glasgow city centre and people are gathering at the Royal Concert Hall of the city for the event, Revival. This was arranged by the arts’ group, An Lochran, under the Celtic Connections banner, and they have brought together lots of musicians for a revival of sorts to make on Mac Mhaighstir Alasdair’s work and earlier today, I spoke with some of the people involved in the event.

[Niall Bartlett – Journalist] 250 years since his death, many of the best musicians of the Highlands of today are gathering to praise Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair’s work.

[Fiona MacKenzie] It’s an opportunity to show the different types of Alasdair’s songs. I am really fortunate as I work in the Canna House Archives where the manuscripts and everything we have is and the audio created by John Lorne Campbell on Alasdair’s songs and it was on Canna which he wrote Birlinn Chlann Raghnaill, his biggest piece of poetry.

[Niall Bartlett – Journalist] The event was arranged by An Lochran (The Lantern) in connection with Celtic Connections and they feel it is vital to remember Mac Mhaighstir Alasdair under the festival’s banner.

[Padruig Morrison] An Lochan is awfully pleased to arrange this event for tonight as 250 years have passed since Mac Maighstir Alasdair passed away and as such, it’s an opportunity to showcase his poetry and the skill and praise he had in Glasgow to today’s generation and it is very important that we have that today.

[Niall Bartlett – Journalist] Birlinn Chlann Raghnaill is amongst some of the pieces which have been added to in their own style.

[Fiona MacKenzie] So we put a tune to the song, well, it’s not a song but a piece of poetry and we have a small piece in the archive of the melody, a part of the piece of poetry, Angus John Campbell was singing it himself in Loch Boisdale. So I have brought this song forward and also, there is no chorus, so I wrote a wee chorus to put in and every one comes in.

[Niall Bartlett – Journalist] An undertaking that would be worthy of one of the praises of Mac Mhaighstir Alasdair himself. Niall Bartlett, BBC An Là, Glasgow.

Show English

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair - lit. Alasdair, son of the Reverend Alasdair

Aiseirigh - revival, resurrection

clò-bhuailte - printed

Birlinn Chlann Raghnaill - lit. The galley of Clanranald

saothair - work, labour

fo bhratach na fèise - under the banner of the festival