menushow menuhide
ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Na taghaidhean Eòrpach – An oidhche mus do bhòt sinn

Gaelic Gàidhlig

[Karen Elder - Preseantair] Tha na Taghaidhean Eòrpach ann a-màireach – Taghaidhean leis nach robh dùil agus còir againn a bhith air an EU fhàgail. Ach gu dè tha luchd-bhòtaidh a’ dèanamh dhan t-suidheachadh a th’ ann, tha daoine chun na bogsaichean-baileit. Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoilitigeach againn, Darren Linc.

[Darren Linc – Neach-naidheachd] Fichead ’s a h-ochd dùthaich, còrr is ceithir ceud millean luchd-bhotaidh, le taghadh seachd ceud leth-cheud agus a h-aon ball-pàrlamaid Eòrpach – taghaidh Breatainn trì fichead ’s a trì-deug.

[Darren Linc – Neach-naidheachd] Nam biodh Brexit ge-tà air tachairt mar bu chòir, a’ ruith leis a’ chlàr-àma a b’ àbhaist a bhith ann, cha leigeadh leas na taghaidhean seo a bhith a’ tachairt ann am Breatainn. Bhiomaid an dèidh a bhith a-mach às an EU bho chionn cha mhòr dà mhìos.

[An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais] Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil e garbh gu bheil i a’ gabhail àite idir. A rèir an referendum a bh’ againn, thuirt an Riaghaltas, thuirt an dùthaich nach robh iad ag iarraidh gum bi taghaidhean eil’ ann agus cha robh dùil aig duine gum bi sinn fhathast san EU aig an ìre seo. Agus chan eil mise a’ faicinn gu bheil seasamh sam bith aig na taghaidhean sin.

[Fiona NicÌosaig] Tha mi gu math toilichte gu bheil iad a’ dol air adhart agus gu bheil an cothrom againn bhòtadh. Tha cothrom againn a-nis dìreach ar beachd a chur chun na riaghaltais, air sàillibh nach eil referendum eile air a bhith againn. Seo an cothrom a th’ againn – an election a tha a’ tighinn suas.

[Darren Linc – Neach-naidheachd] Tha na Taghaidhean Eòrpach seo ann am Breatainn co-dhiù air am faicinn mar seòrsa de phroxy air Brexit fhèin. Cunntasan a’ dèanamh dealbh de phàrtaidhean aig a bheil seasamh làidir airson no an aghaidh Brexit a’ dèanamh adhartas – pàrtaidhean a tha air a bhith bruidhinn mu cho-rèiteachadh air a bhith fulang. Nuair a bhios an dust air laigheadh ge-tà, dè tha luchd-bhotaidh ag iarraidh?

[An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais] Ò, tha mi a’ smaoineachadh gur e no deal, gur e sin an dòigh as fheàrr agus an uair sin, fhios a’d, ma dh’ fhàgas sinne gun deal sam bith, dh’fheumadh an uair sin an Roinn Eòrpa fhèin, chan urrainn dha na Gearmailtich ag ràdh uill, chan fhaigh thu Mercedes no BMW a reic ann am Breatainn is na Fraingich ag iarraidh a reic na Renaults aca is am fionn ac’ is a h-uile càil eile. Tha sinne nar trading partner le sluaghan tòrr dhan na dùthchannan agus tha torr de na stuth aca a’ tighinn dhan dùthaich againn. Agus mar sin, cha bhi iadsan ag iarradh agus dh’fhaodadh sinn deal air choireigin dhuinn fhèin ach chan eil sinn a’ dol a dhèanamh deal cheart nuair a tha, ma tha mi a’ faicinn mar a tha Roinn Eòrpa a’ làimhseachadh seo, chan fhaigh sinn deal cheart riamh.

[Fiona NicÌosaig] ’S e am beachd agam fhèin, nach eil mi ag iarraidh Brexit agus tha mi a’ smaointinn gur e rud dona a bhiodh ann airson an Rìoghachd air fad agus mar sin, bhithinn ag iarraidh stad a chur air ach tha mi a’ faicinn gun do bhòt daoine airson Brexit agus ’s dòcha gur e Referendum eile, tha feum againn air.

[Darren Linc – Neach-naidheachd] Bidh cuid de luchd-bhòtaidh airson gun seas buill-phàrlamaid air Westminster suas agus gun èist iad ris an teachdaireachd a thig bho na Taghaidhean Eòrpach seo. ’S e a’ cheist ge-tà ma nì pàrtaidhean air an dà thaobh dhen a’ dheasbaid air Brexit air a shon agus na aghaidh adhartas anns na taghaidhean, dè ghabhas a thogail bhon an sin, a bharrachd air gu bheil dìreach sgaradh bheachdan anns an t-sluagh, dìreach mar a thathas sa phàrlamaid. Darren Linc. BBC An Là ann an Glaschu.

The European Elections – The night before we voted

English Beurla

[Karen Elder - Presenter] The European Elections are tomorrow – elections which were not expected and we should have left the EU. But, whatever voters think of the situation, people are going to the ballot boxes. This report is with our political journalist, Darren Laing.

[Darren Laing – Journalist] 21 countries and more than 400 million voters choosing 751 MEPs – Britain will choose 73.

[Darren Laing – Journalist] If Brexit had happened as it was supposed to, running to the timetable that was set out, these elections would not be happening in Britain. We would be out of the EU for about two months.

[Rev. Donald Michael MacInnes] I think it’s awful that it is taking place at all. According to the referendum we had, the government said, the people said that they did not want more elections and nobody expected that we would still be in the EU at this stage. And I don’t think these elections have any standing.

[Fiona MacIsaac] I am very happy that they are happening and that we have the opportunity to vote. We have a chance now to put our opinion to the government because we have not had another referendum. This is our opportunity – the election which is coming up.

[Darren Laing – Journalist] These European Elections in Britain anyway are seen as a sort of proxy on Brexit itself. Reports are painting a picture that parties with a strong viewpoint, for or against Brexit, are making progress - parties who have spoken about negotiations have suffered. When the dust settles, though, what do voters want?

[Rev. Donald Michael MacInnes] Oh, I think that no deal is the best way and then, who knows, if we leave without any deal, the European Union itself, the Germans can’t say well, you can’t sell a Mercedes or a BMW in Britain or the French want to sell their Renaults and their wine and everything else. We are a trading partner with lots of countries and lots of their stuff comes to this country of ours. And as such, they won’t want it and we will be able to do a deal for ourselves but we won’t do the right deal, as I see it, if the EU develop this, we won’t ever get the right deal.

[Fiona MacIsaac] My personal opinion is that I don’t want Brexit and I think it would be bad for the whole kingdom and as such, I would want to put a stop to it but I see that other people voted for Brexit and maybe there will be another Referendum – we need it.

[Darren Laing – Journalist] Some voters will want MPs to stand up and listen to the message that comes from these European elections. The question is if the parties on the two sides of the Brexit debate, for and against, progress in the elections, what can be built from that, apart from splitting opinions of the population, just as it is in the parliament. Darren Laing, BBC An Là in Glasgow

Show English

Taghaidhean Eòrpach - European Elections

bogsaichean-baileit - ballot boxes

co-rèiteachadh - negotiation

Ball-Pàrlamaid - Member of Parliament

luchd-bhòtaidh - voters

Roinn Eòrpa - European Union