ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Caisteal Leòdhais a' fosgladh

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Uill tha baile Steòrnabhaigh na bhoil an-dràsta. Tha Fèis Cheilteach Innse Gall air tòiseachadh agus na mìltean gu bhith a cruinneachadh ann sna beagan làithean a tha ri thighinn. Tha sinn dol a-null dhan bhaile an-dràsta, far a bheil am fear-naidheachd againn Ruaraidh Rothach a’ feitheamh. Fios mun sin agus cuideachd mu latha eachdraidheil ann an eachdraidh nan eilean, Ruaraidh.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tapadh leatsa Iain agus fàilte oirbh uile chun a’ Ghearraidh Chruaidh ann an seo air an dàrna latha de Fèis Chiùil Innse Gall, a’ chiad oidhche a bhios na còmhlain a’ gabhail an àrd-ùrlar ann an seo fhèin. Na bu thràithe an-diugh, bha tachartas eachdraidheil ann, dh’ fhosgail Caisteal Leòdhais dhan mhòr-shluagh agus chaidh Dòmhnall MacLaomainn ann dhuinn.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Còmhlan-pìoba bho 7 Scots a’ togail fonn aig cuirm fhosgaidh Caisteal Leòdhais. ‘S e ceannard na comhairle, Aonghas Caimbeul, a dh’ fhosgail an togalach, a’ cur fàilte air an t-sluagh a nochd airson sealltainn air na goireasan ùr. Bhuail e an t-seann chlag seo, a’ gairm daoine a-steach dhan togalach.

[Aonghas Caimbeul] Absolutely, I mean, the castle overhangs the town in Stornoway and had been slowly deteriorating over many years. And it’s been a huge effort by a lot of partners to bring this day together and I’m absolutely delighted we have and I hope that people looking round the building today will be just as happy as we are with the out turn. But more importantly it’s now playing a pivotal part in the economics of the tourism industry and the comunn eachdraidh, giving our culture out right across the islands and signposting what’s happened right across the Western Isles.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha na fir-tàileisg a’ faighinn prìomh àite san taigh-tasgaidh, ‘s iad air iasad fhada bho taigh-tasgaidh Bhreatainn. Ach tha gu leòr eile gheibh luchd-tadhail inntinneach nuair a ghabhas iad cuairt timcheall. Dh’inns an comhairliche Alasdair MacLeòid mu na tha air an taisbeanadh anns an taigh-tasgaidh ùr.

[Alasdair MacLeòid] Uill chì iad rudan mìorbhaileach. Chì iad blas dhen eachdraidh againn fhìn thairis air na bliadhnaichean. Bha mi sealltainn ri pìos a bha staigh anns an taigh-tasgaidh mu dheidhinn bàta a chaidh fodha faisg air a’ bhaile agam fhìn, The Lively. Bha Lively a’ dol timcheall leis an Napier Commission agus tha modail dhan bhàta agus pìos dhan eachdraidh ann. Agus gheibh a h-uile duine anns a h-uile sgìre anns a h-uile eilean blas dhen eachdraidh aca fhèin anns an taigh-tasgaidh a tha seo.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Chosg an leasachadh aig a’ chaisteal £19 millean. Thàinig earrann dhen sin bhon Roinn Eòrpa. Càite bheil Brexit a’ fàgail pròiseactan mar seo san àm ri teachd?

[Alasdair MacLeòid] ‘S e ceist mhath a tha sin, ‘s ceist dhuilich afhreagairt ach tha fios agam gu cinnteach gun tàinig thairis air £3 millean às an Roinn Eòrpa airson a’ phròiseict seo agus nuair a smaoinicheas tu cho duilich ‘s a bha e cruinneachadh an ionmhais son cur seo ri chèile, mura biodh airgead na Roinn Eòrpa chan eil mi smaoineachadh gum biodh seo air a dhol air adhart.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Caisteal Leòdhais.

Lews Castle opens

English Beurla

[Iain MacLean – Presenter] Well the town of Stornoway is a hive of activity just now. The Hebridean Celtic Festival has begun and thousands will gather there in the next few days. We’ll now cross over to the town, where our reporter Roddy Munro is waiting. Information about that, and also about an historic day in the island’s history, Roddy.

[Roddy Munro – Reporter] Thank you Iain and a welcome to you all to the Castle grounds here on the second day of the Hebridean Celtic Festival, the first night the bands will take to the stage here. Earlier today, there was an historic event, Lews Castle opened its doors to the public and Donald Lamont was there for us.

[Donald Lamont – Reporter] A pipe band from 7 Scots playing a tune at the opening ceremony of Lews Castle. It was the council leader, Angus Campbell, who opened the building, welcoming the public who came to have a look at the new facilities. He chimed this old bell, welcoming people into the building.

[Angus Campbell] Absolutely, I mean, the castle overhangs the town in Stornoway and had been slowly deteriorating over many years. And it’s been a huge effort by a lot of partners to bring this day together and I’m absolutely delighted we have and I hope that people looking round the building today will be just as happy as we are with the out turn. But more importantly it’s now playing a pivotal part in the economics of the tourism industry and the comuinn eachdraidh, giving our culture out right across the islands and signposting what’s happened right across the Western Isles.

[Donald Lamont – Reporter] The chessmen have a the key place in the museum, on long term loan from the British Museum. But there are plenty of other things visitors will find interesting when they take a walk around. Councillor Alasdair MacLeod told us what’s on display in the new museum.

[Alasdair MacLeod] Well they’ll see wonderful things. They’ll get a taste of our history over the years. I was looking at a piece that was in the museum about a boat that sank near my own village, The Lively. The Lively sailed with the Napier Commission and there’s a model of the boat and some of its history there. And everyone from every area, from every island, will get a taste of their own history in this museum.

[Donald Lamont – Reporter] The redevelopment of the castle cost £19 million. A portion of that came from the EU. Where does Brexit leave projects like this in the future?

[Alasdair MacLeod] That’s a good question, and a difficult question to answer, but I know for sure that over £3 million came from the EU for this project and when you think of how difficult it was to get funding to set this up, if it wasn’t for EU money I don’t think that this would have gone ahead.

[Donald Lamont – Reporter] Donald Lamont, BBC An Là, Lews Castle.

Show English

Fèis Cheilteach Innse Gall - Hebridean Celtic Festival

eachdraidheil - historic

A’ Ghearraidh Chruaidh - Castle Grounds

Caisteal Leòdhais - Lews Castle

clag - bell

fir-tàileisg - chessmen

taigh-tasgaidh - museum

comhairliche - councillor