ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Video is playing in pop-over.

Eilean nan Dìneasair

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise do mhòran ‘s e Eilean a’ Cheò a th’ann agus dhan a' mhòr-chuid An t-Eilean Sgitheanach. Tha iad ann ge-tà tha ga aithneachadh mar Eilean nan Dìneasair - co-dhiù Palaeontologists. Tha an t-Eilean ainmeil airson fosailean dinosaur ach tha rabhadh ann gu bheil na làraichean ann an cunnart do dhaoine a tha tighinn an tòir orra. Tha iomairt a’ dol a-nise ge-tà airson an dìon. Seo Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] A’ coiseachd far an robh uair dìneasairean. Thàinig na mìltean a Stafainn bhon a fhuaireadh a' chiad lorgan dhe na creutairean ro-eachdraidheil anns na h-ochdadan.

[Dùghall Ros] ‘S e sin lorg dìneasair mòr agus b’ e am beathach a dh’fhàg e, ‘s e Megalosaurus. Bhiodh e coiseachd air a’ pholl. Tha mi creidsinn gu robh e coimhead airson càil sam bith a bha air fhàgail air an tràigh, èisg no càil sam bith a bha air fhàgail an uair a chaidh an tràigh a-mach.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Le creagan trì billean bliadhna a dh’aois tha an t-eilean na tharraing mòr do luchd-cruinneachaidh fosail. ‘S e an aon àite ann an Alba far an do lorgadh dìneasairean.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Cha mhòr cheud millean bliadhna on a dh’fhàg na dìneasairean an làrach tha seo. Tha cunnart ann gun cuir creachadair de sheòrsa eile às dhen fhianais gu robh iad riamh ann.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha cuid ag obair gu cùramach a’ toirt seachad na gheibh iad dha na h-eòlaichean. Ach tha feadhainn ann a rinn cron air grunn làraichean le ùird agus uaireannan le innealan leithid “pneumatic drills.”

[Dùghall Ros] Mar as trice tha iad a’ dèanamh sin airson na fosailean a reic, ach uaireannan, tha feadhainn a cruinneachadh nam fosailean, tha fios aca gu bheil e uaireannan an aghaidh an lagha a bhith gan cruinneachadh anns an dòigh sin ach aig an aon àm tha feadhainn a tha ris an obair coma co aca agus bhiodh e math nam b’ urrainn dhuinn sùil a chumail air a’ ghnothach.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thathar ag iarraidh air muinntir an àite a dhol nan luchd-gleidhidh airson nan làraichean agus cliù eadar-nàiseanta na sgìre a dhìon.

[An Dtr Niall Mac a’ Chlèirich] It contains over ten per cent of the total number of types of dinosaurs worldwide and certainly over ten per cent as well of the number of sights from which dinosaurs have been found.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] A dh’aindeoin nan draghan ge-tà tha fianais nan dìneasair fhathast ga lorg, mar a’ chnàimh-droma seo a fhuair neach-cruinneachaidh am-bliadhna.

[An Dtr Niall Mac a’ Chlèirich] He did the right thing, he notified the authorities and asked “what is this that I’ve found?” and he later donated it to the museum.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thathar an dòchas gum faighear barrachd dhe leithid fhathast air Eilean nan Dìneasair, mar a chanas iad ris agus le taic muinntir an àite gun gabh a ghleidheadh son muinntir na h-Alba air fad. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Stafainn.

The Isle of Dinosaurs

English Beurla

[Iain MacLean – Presenter] Now to some it’s the Misty Isle and for most, the Isle of Skye. But there are also some, Palaeontologists in particular, who refer to it as the Dinosaur Isle. The island is renowned for dinosaur fossils but there’s a warning to those who visit these sites that they may be causing harm. There is a scheme now though to protect them. Here’s Eilidh MacLeod.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Walking where there were once dinosaurs. Thousands have come to Staffin since remains of the pre-historic creatures were discovered in the eighties.

[Dougie Ross] That’s a large dinosaur print and it was a Megalosaurus who left it. He would have been walking on the mud. I believe he’d have been looking for anything left on the shore, fish or whatever the tide left.

[Eilidh MacLeod – Reporter] With rocks three billion years old the island is a huge attraction to fossil collectors. It’s the one place in Scotland where dinosaurs have been found.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Almost two hundred million years have passed since dinosaurs left these prints. But there is a danger that a creature of another sort will destroy the evidence that they were ever here.

[Eilidh MacLeod – Reporter] There are some who are careful and give what they find to the experts. But others have done damage to many sites by using hammers and sometimes even pneumatic drills.

[Dougie Ros] Their intention often is to sell the fossils, but other times the people who collect the fossils in that way often know what they are doing is against the law, the people who do it don’t care and it would be help if we could monitor the situation.

[Eilidh MacLeod – Reporter] They want people in the area to look after the sites and protect the international reputation of the area.

[Dr Neil Clark] It contains over ten per cent of the total number of types of dinosaurs worldwide and certainly over ten per cent as well or the number of sights from which dinosaurs have been found.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Despite the fears though evidence of dinosaurs can still be found, like this backbone a collector found this year.

[Dr Neil Clark] He did the right thing, he notified the authorities and asked “what is this I’ve found?” and he later donated it to the museum.

[Eilidh MacLeod – Reporter] They hope more will be found on the Dinosaur Isle, as they call it and with the help of local people that the area can be preserved for Scotland as a whole. Eilidh Macleod, BBC An Là, Staffin.

Show English

Eilean a’ Cheò - The Misty Isle

Another name for the Isle Of Skye

lorgan - footprints

ro-eachdraidheil - pre-historic

luchd-cruinneachaidh - collectors

creachadair - vandal