ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Sgrùdadh air duall-chainnt Gàidhlig Cholobhsa

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain - Preseantair] ‘S e glè bheag de mhuinntir Cholbhasa a bhruinneas sa Ghàidhlig anns an a th’ ann agus tha a’ mhòr-chuid dhiubh shuas ann am bliadhnaichean. Ach tha dual-chainnt an eilein ga sgrùdadh an-dràsta le oileanach a tha ag obair air tràchdas airson PhD. Agus tha dòchas ann cuideachd clasaichean Gàidhlig a thòiseachadh as ùr air an eilean. Tha Andreas Wolff ag aithris.

[Andreas Wolff- Neach-aithris] Tha cha mhòr ceud gu leth duine a’ fuireach air Eilean Cholbhasa. Ach is coltach nach eil a’ Ghàidhlig ach aig dusan dhiubh sin.

[Andreas Wolff- Neach-aithris] B’ àbhaist dha Gàidheil Cholbhasa cruinneachadh anns a’ chafaidh a tha an seo aig àm dìnnearachd, ach le mòran dhiubh a’ fàs aosta agus cuid aca nach eil a’ cumail ro mhath, chan ann tric a chluinnear i san a th’ ann.

[Andreas Wolff- Neach-aithris] Buineadh cuideachd Alasdair Scoular do Cholbhasa agus tha e a’ dèanamh rannsachadh a thaobh dual-chainnt an eilein a-nise. Bidh e a’ sgrìobhadh tràchdas PhD mun chuspair.

[Alasdair Scoular] Bidh sinne ag ràdh rudan mar math agus mo mhàthair is a-màireach is rudan mar sin cosail ris na h-Ìlich. ‘Cosail’ tha sinne ag ràdh an àite coltach. Agus bidh sinne ag ràdh gura math agad airson thank you agus tha na h-Ìlich ag ràdh sin cuideachd, mar a tha fios.

[Andreas Wolff- Neach-aithris] Ged a tha cuid de rudan ann a tha cumanta eadar dual-chainnt Cholbhasa agus dual-chainnt Ìle, tha eadar-dhealachaidhean ann cuideachd.

[Alasdair Scoular] Bidh na h-Ìlich ag ràdh meant, cha mheant mi tighinn, I can’t come, chan abradh sinne sin idir, theireadh duine an seo, theireadh iad, chan urrainn dhomh tighinn no cha tèid agam air tighinn agus bidh an h-uile duine ag ràdh gur e an diofar as motha eadar Colbhasa agus Ìle, bidh iadsan ag ràdh bealach agus bidh sin ag ràdh bealach.

[Andreas Wolff- Neach-aithris] Bha clasaichean Gàidhlig a’ dol anns an ionad-ionnsachaidh a tha seo air mo chùlaibh an-uiridh, leis an tidsear a’ tighinn às Ìle, agus tha e coltach gu bheil planaichean ann gus na clasaichean a tha sin a chur air dòigh a-rithist le bhith a’ cleachdadh ceangal bhidio. Ach, is coltach gu bheil trioblaidean teicnigeach rin cur ceart air a shon sin fhathast.

[Andreas Wolff- Neach-aithris] Is coltach nach eil e furasta an dual-chainnt ionnsachadh nach bi daoine a’ bruidhinn cho tric san latha a th’ ann.

[Alasdair Scoular] Aon uair ‘s gun thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig, bha mi cinnteach gur e Gàidhlig Cholbhasa a bhiodh agam a chionn ‘s e sin a bha mo sheanmhair a’ bruidhinn. Ach gu mì-fhortanach, shiubhail ise mun do thòisich mi gu ceart air ionnsachadh na Gàidhlig.

[Andreas Wolff- Neach-aithris] Tha e follaiseach gu bheil ùidh aig daoine ann an Colbhasa Gàidhlig ionnsachadh agus dòchas ann gun tòisich na clasaichean a-rithist a dh’ aithghearr. Andreas Wolff, BBC An Là, Colbhasa

Study of Colonsay Gaelic

English Beurla

[Iain MacLean - Presenter] There are very few people of Colonsay who speak Gaelic today and many of them are older. But the dialect of the island is being studies now by a student who is working on a dissertation for his PhD. And there is hope also that Gaelic classes will start as new on the island. Andreas Wolff reports.

[Andreas Wolff- Reporter] There is less than 150 people living on the Isle of Colonsay. But it would appear that only 12 of them have Gaelic.

[Andreas Wolff- Reporter] The Gaels of Colonsay used to gather in the Café here at dinner time, but as many of them are getting old and many are not keeping well, it is not often that you hear it on modern times.

[Andreas Wolff- Reporter] Alasdair Scoular is from Colonsay and he is doing research on the dialect of the island now. He is writing a PhD dissertation about the subject.

[Alasdair Scoular] We say things like good and my mother and tomorrow and things like that similar to the people of Islay. Similar that we say instead of similar. And we say thank you for thank you and the people of Islay say that too, as is well known.

[Andreas Wolff- Reporter] Although there are things that are common between the Colonsay dialect and the dialect of Islay, there are differences, too.

[Alasdair Scoular] The Islay people say ‘I can’t’. I can’t come, I can’t come, we would not say that at all, people here would say, they would say, I can’t come, or I cannot come and everyone says the biggest difference between Colonsay and Islay, they say pass and we say pass.

[Andreas Wolff- Reporter] Gaelic classes were going in the learning unit here behind me last years, with the teacher coming from Islay and it would appear that there are plans to put these classes on again by using a video link. But, it would appear that there are technical details to be corrected.

[Andreas Wolff- Reporter] It would appear that it is not easy to learn to speak the dialect that often today.

[Alasdair Scoular] When I started to learn Gaelic, I was sure it was Gaelic, I was sure that it would be Colonsay Gaelic that I had as that was what my grandmother spoke. And unfortunately, she died before I started learning Gaelic properly.

[Andreas Wolff- Reporter] It is clear that there is an interest of people to learn colonsay Gaelic and there is hope that that classes will start again soon. Andreas Wolff, BBC An Là, Colonsay.

Show English

tràchdas - dissertation

Colbhasa - Colonsay

dual-chainnt - dialect

àm dìnnearachd - dinner time

cosail - like, similar

This is used in Colonsay and Islay to mean similar, or like.