menushow menuhide
ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Fèis Ghàidhlig ann an Colaiste Abaid Newbattle

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain - Presentair] Aig Colaiste Abaid Newbattle ann an Lodainn, bha fèis Ghàidhlig ga cumail airson a’ chiad uair a-riamh. Bha clasaichean Gàidhlig ann, ceòl agus còmhlain òga à Dùn nan Gall. Chaidh Pàdraig MacAoidh a dh’ fhaicinn a bheil ath-nuadhachadh a’ tighinn air a’ Ghàidhlig ann an Lodainn?

[Pàdraig MacAoidh – neach-aithris] Tha an t-àite seo, Colaiste Abaid Newbattle ainmeil airson Foghlam airson inbhich a fhuair foghlam fad bheatha. Bha Edwin Muir a’ teagaisg ann agus bha George MacKay Brown na oileanach ann agus tha iad a-nis a’ brosnachadh na Gàidhlig cuideachd. Agus ‘s iad a’ cumail a’ chiad fhèis Ghàidhlig aca thairis air an deireadh-sheachdain. Tha seo a’ cur ri clasaichean anns a’ Ghàidhlig a tha a’ cholaiste a’ tabhann mu thràth.

[Beth Frieden – neach-teagaisg] Tha e dìreach… tha mi a’ smaointinn gu bheil an t-àite seo gu sònraichte, tha an eachdraidh caran radaigeach agus ceangailte ris an luchd-obrach aig Newbattle agus ‘s toigh leam sin gu mòr, ‘s toigh leam a bhith ceangailte ri sin. ‘S toigh leam na prògraman a tha iad a’ tabhann an seo agus tha mi gu math toilichte gu bheil ùidh aig a’ cholaiste ann an Gàidhlig gu sònraichte agus gu bheil iad ag iarraidh sin a leasachadh mar phàirt den phrògram aca.

[Pàdraig MacAoidh – neach-aithris] Tha dòchas ann gum bheir seo taic ris a’ Ghàidhlig anns an sgìre.

[Alastair Scouller – Còisir Dhùn Èideann] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e air leth cudromach ceart gu leòr daoine a bhith a’ tighinn còmhla agus cothrom aca faicinn tha a’ dol ann an saoghal na Gàidhlig ann an Dùn Èideann eadar còisirean is cùrsaichean ‘s rudan eile. Agus tha sinne mar chòisir glè thoilichte a' gabhail pàirt ann an sin.

[Ruairidh Iain MacLèoid – Sabhal Mòr Ostaig] Tha mi dòchas gur e rud a th’ ann a tha a’ dol a dh’ fhàs, agus tha e gu h-àraidh cudromach far a bheil e a’ tachairt, faisg air Dùn Èideann, far an robh Gàidhlig aig aon àm, ach anns an a th’ ann an-diugh, nuair a tha ceistean gam faighneachd a thaobh am buntanas a th’ aig Gàidhlig ri Alba anns an fharsaingeachd. Tha rudan mar seo mar phàirt dhen fhreagairt air cheistean den t-seòrsa sin.

[Pàdraig MacAoidh – neach-aithris] Tron là, bha cothroman ann òrain Ghàidhlig agus Ghaelige a chluinntinn is ionnsachadh.

[Graham Neilson – Seinneadair] Tha e math – tha e uabhasach math - a’ dèanamh òrain còmhla ri daoine Èireannach ann an seo agus tha iad gu math deiseil airson a bhith an seo agus tha e gu math, a’ còrdadh rium a bhith a’ teagaisg daoine mar seo.

[Pàdraig MacAoidh – neach-aithris] Ach gu ìre mhòr, ‘s e an togalach fhèin a bha an rud as tarraingiche.

[Èireannach] It’s brilliant. The place is amazing. All the pieces of artwork and just history in the place is amazing. It’s very good.

[Beth Frieden – neach-teagaisg] Abair togalach a th’ ann, eh? ‘S e deagh àite a th’ ann. nach eil ag iarraidh teagaisg ann an àite mar seo?

[Pàdraig MacAoidh – neach-aithris] Agus tha iad an dòchas gum bi tuilleadh dhaoine a’ tadhal air a’ cholaiste anns na bliadhnaichean a tha ri tighinn gu fèisean Gàidhlig eile. Pàdraig MacAoidh. BBC An Là. Newbattle.

Gaelic festival in Newbattle Gaelic college

English Beurla

[Iain MacLean - Presenter] At Newbattle Abbey College in Lothian, there was a Gaelic Festival held for the very first time. There were Gaelic classes, music and young bands from Donegal. Peter MacKay went to see if there was a Gaelic revival in Lothian

[Peter MacKay – Reporter] This place, Newbattle Abbey College, is famous for education for adults through life-long learning. Edwin Muir taught here and George MacKay Brown was a student here and they are now encouraging Gaelic too. And, they are holding their first Gaelic festival across the weekend. This is in addition to the Gaelic classes tha the college holds already.

[Beth Frieden – Teacher] It’s just … I think that the place here is so special, the history is kind of radical and linked with the workers of Newbattle and I like that a lot, I like to be connected with that. I like the programmes that they hold and I am very happy that the college has an interest in Gaelic, in particular and that they want to widen this as part of their programme.

[Peter MacKay – Reporter] There is hope that this will give help to Gaelic in the area.

[Alastair Scouller – Edinburgh choir] I think it is very important, right enough, that people come together and have an opportunity to see what is happening in the world of Gaelic in Edinburgh, between choirs, courses and other things. And we, as a choir, are very happy to take part in that.

[Roddy John MacLeod – Sabhal Mòr Ostaig] I hope that this is a thing that will grow, and it is especially important where it is happening, near Edinburgh, where there was Gaelic, at one time, but today in our time, when there are questions being asked about the connection Gaelic has with Scotland in general. Things like that are part of the answer to questions of that type.

[Peter MacKay – Reporter] Through the day, there were opportunities to hear, and learn, Gaelic and Gaelige songs.

[Graham Neilson – Singer] It is good. It is awfully good to sing songs with Irish people here and they are very ready to be here and I really enjoy teaching people like this

[Peter MacKay – Reporter] But, to a large extent, it was the building itself that was the biggest attraction

[Irish man] It’s brilliant. The place is amazing. All the pieces of artwork and just history in the place is amazing. It’s very good.

[Beth Frieden – Teacher] It’s a great building, eh? It's a great place. Who would not want to teach in a place like this?

[Peter MacKay – Reporter] And they hope is that there will be more people visiting the college in the years to come to other Gaelic festivals. Peter MacKay. BBC An Là. Newbattle.

Show English

abaid - abbey

Lodainn - Lothian

ath-nuadhachadh - renewal, revival

anns an fharsaingeachd - in general

Èireannach - Irish

This refers to an Irish person here