ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

News Naidheachdan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Stèisean rèile a' Phluic

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise, chuala sinn rud beag nas tràithe… mu shuidheachadh aig stèisean rèile a’ Phluic. Gheibh sinn a-mach barrachd an-dràsta oir bha cuid às a’ bhaile ag iarraidh clann-sgoile a’ bhaile a chasg buileach glan bhon stèisean-rèile agus dragh ann gun robh iad a’ fàgail sgudal ann, ach tha na sgoilearan air fuasgladh àraid a lorg dhan chùis agus iad fhèin a-nis air an uallach a ghabhail airson na làraich a chumail ann an òrdugh. Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha bòidhchead a’ Phluic a’ tàladh tòrr luchd-turais. Ach, bha e a’ dèanamh dragh do chuid às a’ choimhearsnachd a tha seo gun robh na seallaidhean a bha iad a’ faighinn, nuair a bha iad a’ tighinn far na trèana… nach robh iad buileach cho àlainn ‘s a bhitear an dùil.

[Sgoilear] Bha aon no dhà a’ tighinn sìos aig àm a’ bhreak agus a’ smocadh, agus rud mar sin so cha robh e cho math airson na sgoile agus airson an stèisein.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Seach casg a chur air a’ chloinn, airson dol a-mach beagan dhiubh, tha na sgoilearan a-nis an urra ris an làraich, le taic bhon chuid First Scotrail agus Poileas Chòmhdhail Bhreatainn.

[Sgoilear] Thàinig fear à Inbhir Nis agus thuirt e gun robh e airson comataidh a chur air dòigh agus chaidh buidheann sgoilearan ri chèile agus thòisich iad air planaichean a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gu bheil an stèisean a’ coimhead snog agus cuideachd gus ceangal teann a dhèanamh eadar an sgoil agus muinntir na coimhearsnachd.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Gheibh a’ chlann airgead bhon chompanaidh rèile airson planntraisean ùra. Tha e mar phàirt de sgeama bhom faigh coimhearsnachdan taic stèiseanan falamh a chur gu feum. Anns a’ Phloc, tha an togalach mar-thà air a dhol na thaigh-aoigheachd, agus bhiodh a’ chlann a’ coimhead as dèidh an àrd-chabhsair a-mhàin. Tha còrr is fichead dhiubh an-sàs ann.

[Sgoilear] Basically it’s run by the pupils, so I have to organise all the pupils to know what they are doing. We’ve split it up into a committee. Obviously, it’s got all the jobs, secretary, deputy chair, all those jobs. We’ve made various different jobs for other pupils, such as picking up litter and organising sub-teams to do that and making sure the maintenance of the train station is always kept to a high standard.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e toradh an cuid-saothrach nach eil but sgudail ri fhaicinn. Dearbhadh dhan t-sluagh nach eil iad uile mì-chùramach.

[Sgoilear ] Bidh cuid de dhaoine ann nach eil cinnteach ach tha mi an dòchas gum bi sin ag atharrachadh nuair a chì iad an obair a tha sinn a’ dèanamh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e fear de na bailtean as bòidhche air a’ chost an iar a tha anns a’ Phloc. ‘S e miann a h-uile duine a th’ anns a’ choimhearsnachd gum bi a’ chiad shealladh aig an fheadhainn a thig air trèana a cheart cho brèagha ‘s a tha am fear mu dheireadh aca. Eilidh NicLeoid. BBC An Là, Am Ploc.

Plockton railway station

English Beurla

[Iain MacLean – Presenter] Now, we heard a wee bit earlier about the situation at Plockton Railway station. We will find out more now because many in the town wanted the schoolchildren completely banned from the train station and there were concerns that they were leaving rubbish there, but the pupils have found an peculiar solution to the problem and they are themselves taking responsibility to keep the place in order. Eilidh MacLeod reports.

[Eilidh MacLeod – Reporter] The beauty of Plockton attracts many tourists. However, it is a worry to many in the area that the views they get, when they step off the train, are not as beautiful as they were expecting.

[Pupil] One or two were coming down at breaktime and smoking and things like that, so it was not so good for the school or for the station.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Instead of banning the children, for the actions of a few of them, the pupils are now taking responsibility for the are, with help from First Scotrail and the British Transport Police.

[Pupil] A man came from Inverness and said that he wanted to set a committee up and a group of pupils came together and started to make plans to make sure that the station looks good and to create a tight link between the school and community.

[Eilidh MacLeod – Reporter] The children will get money from the rail company for new plants. It is part of a new scheme where communities will get money for putting abandoned stations to use. In Plockton, the building is used already as a guest house, and the children will be looking after the platform. More than twenty of them are involved.

[Pupil] Basically it’s run by the pupils, so I have to organise all the pupils to know what they are doing. We’ve split it up into a committee. Obviously, it’s got all the jobs, secretary, deputy chair, all those jobs. We’ve made various different jobs for other pupils, such as picking up litter and organising sub-teams to do that and making sure the maintenance of the train station is always kept to a high standard.

[Eilidh MacLeod – Reporter] As a consequence of their work there is not a bit of rubbish to be seen. Proof to the masses that they are not all irresponsible

[Pupil ] There will be lots of people who are not sure but I hope that this will change when they see the work that we are doing.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Plockton is one of the most beautiful towns on the west coast. It is the aim of everyone in the community that the first view they see on the train is just as pretty as the one they leave with. Eilidh MacLeod, BBC An Là, Plockton.

Show English

Poileas Chòmhdhail Bhreatainn - British Transport Police

companaidh rèile - rail company

planntraisean plants

àrd-chabhsair - platform

but sgudail - piece of rubbish

'But' is a colloquialism and means a tiny piece.