menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

History Eachdraidh

  • Archive: Tasglann:

Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Seallaidhean annasach

[Preseantair] A dh’aindeoin an toileachais, bha faireachdainn aig cuid nach robh a h-uile càil mar a bu chòir. A rèir na sgeòil chunnacas seallaidhean annasach air feadh nan eilean. Comharran a rèir cuid gun robh droch rud an dàn.

[Preseantair] Bha aon sgeulachd ceangailte ri fear a bha air bòrd.

[Seonaidh Dòmhnallach] Uill bha e iongantach. ’S e mo mhàthair a-nis a bha ag ràdh rium sin, gun do dhùisg a h-athair, Dòmhnall Pàpach, tron oidhche. Oidhche na Bliadhna Ùire a bha sin. Agus thuirt e “A Mhàiri, tha rudeigin air tachairt do Choinneach.” Bha sin mu thrì uairean sa mhadainn. Agus thuirt Màiri ris “Och ist, amadain. Chan eil thu ach ag aisling.” “Ò chan e, arsa esan. Tha rudeigin air tachairt.” ’S fhuair iad a-mach anns a’ mhadainn, madainn an latha sin fhèin a chaidh i às an rathad, gun deach an Iolaire air na creagan ’s gun robh an t-uabhas air am bàthadh innte. Agus gur e glè bheag a fhuair air tìr.

Chaidh am prògram seo, Iolaire, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Strange premonitions

[Presenter] Despite the happiness, some had a feeling that not everything was as it should be. According to the story strange premonitions were seen throughout the islands. Signs, according to some, that something bad was destined.

[Presenter] There was one story linked to a man who was on board.

[John MacDonald] Well it was extraordinary. Now it’s my mother who told me that her father, Dòmhnall Pàpach, woke through the night. That was the night of the New Year. And he said “Mairi, something has happened to Coinneach.” That was about three o’ clock in the morning. And Mairi said to him “Oh be quiet, fool. You are just dreaming.” “Oh no, he said. Something has happened.” And they found out in the morning that very day that it was wrecked, that the Iolaire had crashed on the rocks and many drowned. And that it was very few who made it onto land.

This programme, Iolaire, was first broadcast in 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

Oidhche na Bliadhna Ùire - New Year's Eve

aisling - dream