ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

History Eachdraidh

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Gàidheil a’ sabaid a chèile

[Dòmhnall] Winnipeg, fear de na bailtean as motha ann an Canada far a bheil còrr air millean duine a’ gabhail còmhnaidh.

[Dòmhnall] ’S e prìomh bhaile a’ phrèiridh mhòr, fharsaing mun cuairt tro bheil gach còmhdhail ’s goireas a’ dol.

[Dòmhnall] Tha meadhan Winnipeg dìreach air mo chùlaibh an seo. Cò shaoileadh e ach bho chionn dà cheud bliadhna ’s e àite coimheach, fiadhaich a bha seo. Mìle mile bhon bhaile a b’ fhaisge agus bhon lagh a b’ fhaisge. Anns an Ògmhios ochd deug ’s a sia deug thòisich cogadh fuilteach eadar Gàidheil thruagh, acrach agus sealgairean a’ bhuffalo. A’ chiad strì mhòr eadar na h-eilthirich a bha airson an talamh àiteach agus na daoine a bha an seo bho thùs. ’S e a bha annasach gun robh Gàidheil air gach taobh, a’ sabaid a chèile. Tha gun robh iad a’ sabaid agus a’ bàsachadh an seo ag innse tòrr mu cho toinnte, meallta ’s searbh ’s a tha eachdraidh nan eilthireach.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

English Beurla

Gaels fighting one another

[Donald] Winnipeg, one of the biggest cities in Canada where more than a million people reside.

[Donald] It is the capital city of the surrounding large, widespread prairie and all transport and facilities runs through it.

[Donald] The centre of Winnipeg is just behind me here. Who would think it but 200 years ago this was a strange and wild place. A 1,000 miles from the closest town and the closest law. In June 1817 a bloody war started between the poor, hungry Gaels and the buffalo hunters. The first large conflict between the emigrants who wanted to cultivate the land and the people who were here from the beginning. What was unusual was that there were Gaels on both sides, fighting one another. That they fought and died here speaks volumes of how complicated, misleading and bitter the history of the emigrants is.

This programme, Na h-Eilthirich, was first broadcast in 1999.

Show English

còmhdhail - transport

coimheach - foreign, strange

sealgair - a hunter

toinnte - complicated

meallta - deceitful, misleading