menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

History Eachdraidh

  • Archive: Tasglann:

Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

‘S iomadh facal a th’ann airson caoraich

[Duine] Cha tig an latha a thèid mi dhachaigh gu faigh mi na caoraich, suidhidh mi ri sgath na creige is teannaidh mi ri caoineadh, a’ chaora dhubh ‘s a’ chaora gheal, a’ chaora dhubh ‘s a’ chaora, a’ chaora dhubh ‘s a’ chaora gheal is caigeann an dà chaorach.

[Eilidh NicLeòid] Tha iomadh facal ann airson diofar aoisean chaoraich, leithid dò-bhliadnaich, trì-bhliadhnaich, còig-ràitheach agus tha grunn fhacail eile againne a tha a’ toirt dealbh air an coltas.

[Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach] ‘S e an t-uan, ‘s e am beathaich as òige anns na caoraich. Can an ron- òthaisg ris gun robh e mu chòig mìosan. Tha an uair sin, tha e a’ tighinn nas aosta can an òthaisg ris an uair sin. Bidh sin gu bheil i bliadhna no beagan a bharrachd air. Às-dèidh sin suas mu dhà bhliadhna dìonag a chanadh sinn ris an sin agus tha i a’ dol a-staigh ris an stoc airson togail uain.

[Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach] Molt, ‘s e beathaich fireann a tha sin, beathach fireann air an spoth. ‘S ann airson feòil a tha am fear sin. ‘S ann aig dà bhliadhna, mar as trice, a bhithear a’ reic a’ mhuilt. ‘S ann dhan bhùth, tillidh am molt an-còmhnaidh.

[Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach] Caora liabhach – tha sin na h-adhaircean aice nas farsaing a-mach bhon cheann aice, bhon na ciobhalan is bhon na busan aice, sin rud ris an can thu liabhach. Caora a’ bhròig agus caora mhonachnach, chan eil teans an robh mòran diofar annta. Ma tha thu a’ dol gu shows gu leòr, feumaidh a’ chlòimh a bhith aca geal glan, ma tha iad monachnach no brògach tha iad dubh no donn air feadh na clòimh aca a bu chòir a bhith geal. Sin rud ris an can sinn monachnach no brògach.

[Boireannach] Lùthag? Chan eil fhios a’m dè tha sin idir.

[Duine] Feumar gur e Gàidhlig Leòdhasach a tha sin, chan eil fios agam idir!

[Duine] Lùthag, cha chuala. Cha chuala mi riamh e!

[Duine] Lùthag, ‘s e facal gu math doirbh a th’ agad, cà’ d’ fhuair thu a’ Ghàidhlig ud?

[Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach] Lùthag, sin rud ris an canainn lùb. Nuair bhios againne ri ceangal casan chaorach. Nuair a tha thu a’ ceangal caora gu an lomadh no dad mar sin, tha thu a’ ceangal trì chasan, na dhà toisich agus aon chas deiridh a-staigh eatorra. Agus lùb, ‘s e ròp car bog nach bi a’ goirteachadh nan casan aca, ‘s e a bhiodh daoine a’ taghadh airson sin.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

There are many words for sheep

[Man] The day will not come when I will go home to get the sheep, I’ll sit on a piece of the rock and I’ll be moved to tears, the black sheep and the white sheep, the black sheep and the sheep, the black sheep and the white sheep and a tether of the two sheep.

[Eilidh MacLeod] There are many words for different ages of sheep, like dò-bhliadnaich (two-year-old sheep), trì-bhliadhnaich (three year-old sheep), còig-ràitheach (five quarter old tup) and we have plenty other words which describe their appearance.

[Donald Archie MacDonald] The lamb, that’s the youngest creature of the sheep. You call it a ron-òthaisg (five-month-old sheep) until it is five months old. Then, it gets older, you call it a òthaisg (lamb) then. That’s until she’s about a year or a little older. After that up to two years we call it a dìonag (two-year-old sheep) and she goes in with the sheep to raise lambs.

[Donald Archie MacDonald] Molt (wether), that’s a male sheep, a male sheep that’s been castrated. That one is for meat. It’s at two years old, most often, the wether is sold. It’s to the shop, the wether will always return.

[Donald Archie MacDonald] Caora liabhach - (a sheep with horns going forward then sweeping back) - that’s when her horns are out wider from her head, from her jowls and from her cheeks, that’s what you call horns going forward then sweeping back. Caora a’ bhròig (a spotted sheep) and a caora mhonachnach (speckled sheep), there is not chance that there is a difference between them. If you go to plenty of shows their wool has to clean white, if they are spotted they are black or brown all over their wool which should be white. That’s what you called caora a’ bhròig (spotted) or (caora mhonachnach)speckled.

[Woman] Lùthag (A hobble)? I don’t know what that is at all.

[Man] That must be Gaelic from Lewis, I don’t know at all!

[Man] Lùthag (A hobble), not heard it. I have never heard it!

[Man] Lùthag (A hobble), that’s a really difficult word you have, where did you get that Gaelic?

[Donald Archie MacDonald] Lùthag (A hobble), that’s what we call a noose. When we have to bind sheep’s legs. When you have to bind sheep for shaving or something like that, you tie three legs, the two forelegs and one hind leg between them. And the noose, it’s a soft rope that does not hurt their legs, that’s what people choose for that.

This programme, Beul Chainnt, was first broadcast in 2002.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

còig-ràitheach - five quarter old tup

òthaisg - lamb

uan-òthaisg - five month old sheep

ron-òthaisg - five month old sheep

dìonag - two-year-old sheep

molt - wether

spoth - castrated

caora liabhach - sheep with horns going forward then sweeping back

ciobhal - jowl

caora a’ bhròig - spotted sheep

caora mhonachnach - spotted sheep

a’ lomadh - shaving