ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Video is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Fiosrachadh mu iomain

[Eilidh NicLeòid] Agus le Nic an Tradaidh agus m’ òrdagan eile a-mach leam a dh’ iomain.

[Eilidh NicLeòid] Nise, an e bata a th’ agam an seo?

[Somhairle MacDhòmhnaill] Chan e bata a tha sin idir. ‘S e a th’ agad nad làimh ach caman. Sin a bhios sinn a’ cleachdadh son a’ cluich iomain.

[Eilidh NicLeòid] Agus dè seòrsa fiodha a tha air cleachdadh airson a dhèanamh?

[Somhairle MacDhòmhnaill] Uill, thar na linntean, tha iad air iomadh diofar sheòrsa fiodh a chleachdadh o dharach gu iubhar agus iomadh seòrsa eile cuideachd.

[Eilidh NicLeòid] A-nis, tha diofar seòrsa seòrsaichean camain ann, nach eil?

[Somhairle MacDhòmhnaill] Tha, tha dà sheòrsa eadar-dhealaichte againne ann an sheo. Tha caman a th’ agad fhèin nad làimh, ’s e caman aig fear-dìon a th’ ann agus an caman a tha seo a th’ agams’, ‘s e fear a bhiodh thu a’ cluich nas fhaide shuas a’ phàirc a bhiodh ga chleachdadh.

[Donnchadh MacMhathain] Theirear duine camagach ri duine nach eil a’ siubhal uabhasach còmhnard agus chan eil mòran aig sluagh mu dheidhinn. Chan eil ann gu math tric ach droch isean agus chan urrainn dhut feart a chur air guth a th’ air e. ‘S e duine camagach a theirear iad ris an sin.

[Dòmhnall Iain MacGill’innein] An car a nitear a dh’ aindeoin bidh e cam no carach. Uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin a’ ciallachadh rud sam bith a tha thu a’ dèanamh, ‘s nach eil dùileach chridhe ann agus d’ inntinn air a’ chùlaibh agus d’ uile neart ann nach eil thu cho cinnteach no faiceallach mu dheidhinn sa bhios tu ma tha thu a dhèanamh le do thoil fhèin.

[Eilidh NicLeòid] Nuair a tha thu fhèin a’ cluich air a’ phàirc, dè bhios tu a’ dèanamh? Dè an obair a th’ agad air a’ phàirc?

[Somhairle MacDhòmhnaill] Uill, bidh mise a’ feuchainn cho chruaidh ‘s a ‘s urrainn dhomh ri tadhal a chur. Tha sinn nar seasamh anns an tadhal ann an sheo agus tha facal eile air a shon, ‘s e a bhith a’ cur bàir air. Bidh mise dìreach a’ feuchainn ri na ‘s urrainn dhomh sin a dhèanamh.

[Eilidh NicLeòid] Tha sibh a’ cur tadhail no feuchainn ri bàir fhaighinn.

[Somhairle MacDhòmhnaill] Àidh, tha sin ceart, àidh.

[Eilidh NicLeòid] Agus cia mheud cluicheadair a tha a’ cluich air gach taobh?

[Somhairle MacDhòmhnaill] Uill, ‘s a ghèam a th’ againne air an latha an-diugh, tha dusan a’ cluich air gach sgioba, ach anns na làithean a chaidh seachad, cha robh àireamh sònraichte mar sin ann. Gu math tric, cha bhiodh fiù ‘s àireamhan cothromach aca airson dà sgioba agus glè thric nuair a thachradh sin nam biodh duine air fhàgail, a bheil fhios agad, nam biodh dà sgioba is fear air fhàgail, ‘s e bodach eadar dà chaitheanaich a tha e coltach a bhiodh aca air agus bhiodh an duine ud b’ urrainn dha a bhith a’ cluich son sgioba sam bith agus cuideachd nam biodh aon sgioba a’ dol air dheireadh anns a’ ghèam, dh’ fhaodadh esan cluich dhaibhsan, fhios agad, son an cuideachadh. Cuideachd ‘s e ceann-stoc a bh’ aca air mar a chanadh iad air ceannard an sgioba, ‘s esan a bhiodh a’ taghadh an sgioba.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

English Beurla

Information about shinty

[Eilidh MacLeod] And my ring finger and my other fingers are coming out with me to the shinty.

[Eilidh MacLeod] Now, is this a bat that I have here?

[Sorley MacDonald] That’s not a bat at all. What you have in your hand is a shinty stick. That’s what you use to play shinty.

[Eilidh MacLeod] And what sort of wood would they use to make it?

[Sorley MacDonald] Well, over the centuries, they have used many different types of wood from oak to yew and many other types too.

[Eilidh MacLeod] Now, there are different types of shinty stick, isn’t there?

[Sorley MacDonald] Yes, there are two different types sere. The shinty stick that you have in your hand, that’s shinty stick which a defender has and what I have here, it’s one that you would play with further up the park.

[Duncan Matheson] They would say duine camagach (crooked man) about a man who cas not very smooth and doesn’t have many people about him . Very often he was just a bad egg and you can’t take much notice in what he says. They would call him a crooked man.

[Donald John MacLennan] What is done unwillingly will be done with a twist or roughly. Well I think that means something that you do and you don’t have any heart in it and your mind is not behind it and your strength and you are not too sure or careful about it as you would be if you wanted to do it.

[Eilidh MacLeod] When you are on the park yourself, what do you do? What is your job on the park?

[Sorley MacDonald] Well, I try as hard as I can to score a goal. We stand in the goal here and there is another word for it, that’s to score a goal. I just try to do that.

[Eilidh MacLeod] You try to score a goal, or score a goal.

[Sorley MacDonald] Aye, that’s correct, yes.

[Eilidh MacLeod] And how many players play on each side?

[Sorley MacDonald] Well, the game that we play today, a dozen play on each team, but in the days gone by, there wasn’t a specific number like that. Very often, they wouldn’t even have comparable numbers for two teams and very often when that happened if there was a person left over, you know, if there were two teams and a person left over, it would be bodach eadar dà chaitheanaich (an old man between two wastes) that they would have and that man could play for any side and also if one team falls behind in a game, he could play for them, you know, to help them. Also, they would call the head of the team the ceann-stoc (head of the scarf), he would choose the team.

This programme, Beul Chainnt, was first broadcast in 2002.

Show English

darach - oak

iubhar - yew

camagach - crooked, curly

bàir - goal

droch isean - bad bird, comparable to the English phrase bad egg