ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Tha Mara a’ cluich goilf aig an taigh

Gaelic Gàidhlig

[Mara] Halò a-rithist, Mara an seo à Loch Carrann.

[Mara] Abair gu bheil deagh shìde againn an-diugh. Mar as trice, bhiodh an raon goilf trang air latha mar seo.

[Mara] Ach, tha i dùinte le coròna.

[Mara] Chan eil e a’ dol a chur bacadh orms’ ge-tà. An-diugh tha mi gu bhith a' feuchainn geama goilf aig an taigh.

[Mara] Tha mi dìreach a’ cleachdadh rudan a th’ againn aig an taigh, crogan pònairean agus faclairean Gàidhlig. Agus mura h-eil faclair Gàidhlig agad, uill... carson nach eil?

[Mara] Ma tha gàrradh agad, carson nach feuch sibh cùrsa a chruthachadh a-muigh?

[Mara] Air raon Loch Carrann, feumaidh tu cluich tarsainn an rathaid.

[Mara] Tha mise a’ cleachdadh an t-slighe airson seo ath-chruthachadh.

[Mara] Chan eil e idir cho furasta ’s a tha e coimhead.

[Mara] Leis gu bheil an saoghal bun os cionn, tha mi a cuir crìoch air an geama le tee off.

[Mara] Uill, chan eil mi nam phroifeiseanta fhathast ach cò aige tha fios, ’s dòcha gun dèan mi a’ chùis nuair a dh’fhosglas an raon a-rithist.

Mara is playing golf at home

English Beurla

[Mara] Hello again, Mara here from Lochcarron.

[Mara] What good weather we have today. Usually, the golf course would be busy on a day like this.

[Mara] But it’s closed because of Corona.

[Mara] It’s not going to stop me though. Today I’m going to try a game of golf at home.

[Mara] I’m just using things that we have in the house, a bean can and Gàidhlig dictionaries. And if you don’t have a Gàidhlig dictionary, well… why not?

[Mara] If you have a garden, why don’t you try to make a course outside?

[Mara] On the Lochcarron course, you have to play over the road.

[Mara] I’m using the path to recreate this.

[Mara] It’s not as easy as it looks.

[Mara] As the world has turned upside down, I’m finishing the game with a tee off.

[Mara] Well, I’m not a professional yet but who knows, maybe I will be when the course opens again.

Show English

sìde - weather

raon goilf - golf course

pònairean - beans

faclair - a dictionary

ath-chruthachadh - recreate

bun os cionn - upside down

proifeiseanta - professional