ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

A bheil thusa feumach air cliop? A-mach leis an inneal cliopaidh!

Gaelic Gàidhlig

[Daibidh] Nach tusa tha feumach air cliop, Daibhidh Eyre. Ach chan fhaigh thu sin airson greis fhathast, am faigh?

[Daibidh] A-mach leis an inneal cliopaidh.

[Daibidh] Tha mi air seo fheuchainn roimhe agus a’ mhearachd as motha a rinn mi an uair sin b’ e a bhith ga ghearradh ro ghoirid – fìor skinhead. Feuchaidh mi àireamh a dhà an turas-sa.

[Daibidh] Wow, seall cho fada ’s a bha m’ fhalt!

[Daibidh] Och tha seo rud beag nas fheàrr.

[Daibidh] Caran doirbh a bhith ag obair air cùl a’ chìnn ge-tà.

[Daibidh] Ach uill, nì sin an gnothach.

[Daibidh] Urram nas motha agamsa dha na barbers a-nist!

Do you need a clip? Out with the clippers!

English Beurla

[David] Aren’t in need of a haircut, David Eyre. But you won’t get one for a while yet, will you?

[David] Out with the clippers.

[David] I’ve tried to do this before, and the biggest mistake I made then was to cut it too short – a proper skinhead.

[David] I’ll try number two this time.

[David] Wow, look how long my hair was!

[David] Oh, this is a wee bit better.

[David] It’s a bit difficult doing the back of your head though.

[David] Ah well, that will do the job.

[David] I’ve got more respect for barbers now!

Show English

cliop - haircut

inneal cliopaidh - clippers

mearachd - mistake

urram - respect