menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Entertainment Dibhearsain

  • Archive: Tasglann:


Search Lorg

Recommended Air a mholadh

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Dà sgioba de dh’eòlaichean

[Ùisdean] Fàilte oirbh a-rithist gu Aibisidh. Bhuamsa, Ùisdean MacIllFhinnein, agus bho dà sgioba de dh’eòlaichean, no ain-eòlaichean ’s dòcha a tha còir a bhith orra, a tha còmhla rium an turas seo agus sinn a’ meòrachadh air faclan agus abairtean na Gàidhlig. Dh’fhaodadh nach bi mi fhìn, iad fhèin no gu dearbh sibh fhèin càil nas foghlamaichte aig deireadh an t-sreath phrògraman a tha seo ach tha sinn ’n dòchas gun toir sinn gàire oirbh ’s gun glac sibh facal no abairt no fiosrachadh às ùr anns an dol seachad. Gu na sgiobaidhean ma-thà agus na sgiobairean. Air mo làimh chlì, Iain MacIlleMhìcheil à Eilean Ìle agus baile mòr Ghlaschu. Bha Iain a-nis còmhla rium anns an oilthigh, ged a dh’inns fear den luchd-teagaisg ann an shn dhomh uaireigin nach robh iad a’ cur mòran eòlais air. Bidh fios aig Iain fhèin carson. Tha Iain gu math ainmeil ann an saoghal craoladh na Gàidhlig. Tha e air a bhith ri TV ’s reidio airson faisg air dà cheud, eh, dà fhichead, tha mi duilich, bliadhna.

[Iain] Cha mhòr nach robh thu ceart a’ chiad turas.

[Ùisdean] Cha mhòr nach robh mi ceart an turas-sa. ’S e an aon duine an seo an-dràsta ge-tà a bha anns a’ chiad shreath de dh’Aibisidh a chaidh a chraoladh nuair a bha Dwelly fhèin na bhalach. Tha e math gu bheil thu ann, Iain.

[Iain] Còmhla ri Fionnlagh. Finlay J còir.

[Ùisdean] Dè seòrsa duine a bh’ ann an Dwelly?

[Iain] Dwelly? Och duine gu math pongail a bh’ ann.

[Ùisdean] Pongail?

[Iain] Agus bha taobh aige ri Gàidhlig Ìle agus ...

[Ùisdean] Chan e droch rud a tha sin. Chan e droch rud a tha sin. Uill còmhla ri Iain an turas seo, Seonag Monk. ’S ann à Gramastal ann am Beinn na Faoghla a tha Seonag Monk, nighean Sheonaidh Ailig ’ic Aonghais ’ic Iain ’ic Ghilleasbuig ’ic Gilleasbuig Mòr Saighdeir.

[Seonag] ’S e, ’s e.

[Ùisdean] Seo a-nis. Tha Seonag na craoladair agus na sgrìobhadair. Tha i air tòrr dhaoine ainmeil fhaicinn pìos bhuaipe. Nam measg Nelson Mandela, am Pàp Iain Pòl, Van Morrision, Bruce Springsteen agus chaidh i suas ’s sìos le Micheal Heseltine.

[Seonag] Chaidh!

[Ùisdean] Bha iad ann an lioft aig an àm, chuala mi.

[Seonag] Bha, nuair a bha e ann an Glaschu.

[Ùisdean] Bha i daonnan a’ bòstadh gu bheil ceangal eadar i fhèin ge-tà agus Hannibal Lecter.

[Seonag] Ò tha.

[Ùisdean] Sgrìobh i dealbh a fhuair duais airson seanail a ceithir anns an robh Brian Cox an sàs. ’S e Brian Cox a chluich pàirt Hannibal Lecter anns an fhilm Manhunter. Chan e sin ge-tà Brian Cox, a Sheonaig, a tha a’ coimhead air na speuran air an TV. Chan e an aon fhear a th’ ann.

[Seonag] Chan e. Tha e gu math nas sìne.

[Ùisdean] Tha e gu math nas sìne. ’S fheàrr le Seonag am fear as sìne, tha e coltach.

[Ùisdean] Agus air mo làimh dheis, a’ riaghladh agus air fòrladh à Eilean Bheàrnaraigh tha Màiri Anna NicDhòmhnaill. A Mhàiri Anna. Tha i air a slighe a dhèanamh an seo an dèidh a foghlaim ann an Uibhist a Deas agus Port of Menteith agus Oilthigh Ghlaschu. Tha Màiri Anna am measg nan co-aoisean agam fhìn a tha nas eòlaiche air faclan na tha cuid a chionn ’s gu bheil sinne a-nis mòran nas sìne na tha cuid eile. Tha Màiri Anna air a bhith an sàs ann am briathrachas cha mhòr fad a beatha eadar a bhith ag obair aig buidhnean ainmeil leithid Reuters agus am BBC, far an robh i airson trì bliadhna deug. Tha i bhon uair sin ag ionnsachadh cànanan agus a’ siubhal an t-saoghail. Tha eòlas aice air iomadach cànan nach bi gu feum sam bith dhi air Aibisidh. Chan eil fìrinn sam bith anns an sgeulachd gun do rugadh i agus lethbhreac de Dwelly fo h-achlais.

[Màiri Anna] Sin cho fìor ’s a ghabhas.

[Ùisdean] Chan eil telebheisean aig Màiri Anna agus tha i fhathast a’ fighe na nì i. Dè a’ phrìs a tha na stocainnean?

[Màiri Anna] Innsidh mi dhut às dèidh làimhe.

[Ùisdean] Cha chan sinn an còrr mu dheidhinn. Còmhla ri Màiri Anna, Calum MacFhionghain. ’S ann às an Lùdaig ann an Uibhist a Deas a tha Calum ged a tha e an-diugh a’ fuireach ann an Steòrnabhagh. ’S ann aig Radio nan Gàidheal a tha e ag obair ach bidh e bho àm gu àm a’ sgrìobhadh còmhla ri Seonag Monk. Bidh sinn an dòchas gum bi iad a’ bruidhinn ri chèile cuideachd bho àm gu àm. Tha Calum air nochdadh air àrd-ùrlar, telebheisean, reidio agu YouTube mar chleasaiche, na mhinistear, na phrionnsa, Rhett Butler agus cuideachd seòladair Frangach a chur am Prionnsa Teàrlach air tìr ann an Èirisgeigh.The Godfather am film as fheàrr le Calum ach chan eil sin na iongnadh air sailleibh ’s gu bheil càirdeas teaghlaich fad-às aige ris a’ ghangster John Gilles. Cò e, a Chaluim?

[Iain] A bheil gu dearbh?

[Calum] Babyface Nelson, tha mi a’ smaoineachadh.

[Ùisdean] Babyface, tha fhios aig a h-uile duine. Ach an rud a tha Calum gu h-àraidh moiteil às ...

[Iain] Sinne a tha dull, a Mhàiri Anna!

[Ùisdean]’S e gu bheil e air nochdadh anns an iris Hello! Halò, a Chaluim.

[Calum] Halò.

[Ùisdean] Halò

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Two teams of experts

[Hugh Dan] Welcome again to Aibisidh. From me, Hugh Dan MacLennan, and from the two teams of experts or ignorant folk as they should perhaps be called, that are with me this time as we ponder Gaelic words and phrases. Perhaps myself, themselves or indeed yourselves won’t be any more educated at the end of this series of programmes but we hope to make you laugh and that you catch a new word or a phrase or information in the passing. To the teams then and the captains. On my left, John Carmichael from the isle of Islay and city of Glasgow. Now John was with me in university, although one of the teachers there told me once that they didn’t really know him. John himself will know why. John is very famous in the Gaelic broadcasting world. He’s been doing TV and radio for nearly two hundred, eh, forty, I’m sorry, years.

[John] You were almost right the first time.

[Hugh Dan] I was almost right that time. He’s the only person here just now though that was in the first series of Aibisidh that was broadcast when Dwelly himself was a boy. It’s good to have you here, John.

[John] With Finlay. Dear Finlay J.

[Hugh Dan] What sort of person was Dwelly?

[John] Dwelly? Och a very articulate person.

[Hugh Dan] Articulate?

[John] And he was devoted to Islay Gaelic and ...

[Hugh Dan] That’s not a bad thing. That’s not a bad thing. Well with John this time, Seonag Monk. Seonag Monk - daughter of Johnny Alec, daughter of Angus, daughter of Iain, daughter of Archibald, daughter of Archibald the Great Solider - is from Gramsdale in Benbecula.

[Seonag] Yes, yes.

[Hugh Dan] There we go. Seonag is a broadcaster and a writer. She has seen many famous people from a distance. Amongst them Nelson Mandella, the Pope John Paul, Van Morrison, Bruce Springstein and she went up and down with Michael Heseltine.

[Seonag] Yes!

[Hugh Dan] They were in a lift at the time, I heard.

[Seonag] Yes, when he was in Glasgow.

[Hugh Dan] She was always boasting that there’s a link between herself though and Hannibal Lecter.

[Seonag] Oh yes.

[Hugh Dan] She wrote a play that received an award for Channel 4 in which Brian Cox was involved. It’s Brian Cox that played Hannibal Lecter’s part in the film Manhunter. That’s not Brian Cox, though , Seonag, that looks at the skies on the TV. It’s not the same one.

[Seonag] No. A much older one.

[Hugh Dan] A much older one. Seonag prefers the older one, it appears.

[Hugh Dan] And on my right, captaining and on leave from the isle of Berneray is Mary Anne Macdonald. Mary Anne. She has made her way here after her education in South Uist and Port of Menteith and Glasgow University. Mary Anne is amongst my own peers that are more knowledgable about words than some because we’re now much older than others. Mary Anne has been invovled in terminology nearly all her life between working at renowned organisations such as Reuters and the BBC, where she was for thirteen years. She’s since been learning languages and travelling the world. She knows many’s a language that won’t be of any use to her on Aibisidh. There’s no truth in the story that she was born with a copy of Dwelly under her arm.

[Mary Anne] That’s as true as can be.

[Hugh Dan] Mary Anne doesn’t have a television and she’s still knitting at whatever price she can make. What price are the socks?

[Mary Anne] I’ll tell you afterwards.

[Hugh Dan] We’ll say no more about it. With Mary Anne, Calum MacKinnon. Calum is from Ludag in South Uist although he today lives in Stornoway. He works at Radio nan Gàidheal but from time to time he writes with Seonag Monk. We hope that they speak to each other too from time to time. Calum has appeared on stage, television, radio and YouTube as an actor, as a minister, a prince, Rhett Butler and also a French solider who brought Prince Charlie ashore in Eriskay. The Godfather is Calum’s favourite film but that’s not a surprise because he has a distant family tie with the gangster John Gilles. Who’s he, Calum?

[John] Does he indeed?

[Calum] Babyface Nelson, I think.

[Hugh Dan] Babyface, everyone knows. But the thing that Calum is particularly proud of ...

[John] We’re dull, Mary Anne!

[Hugh Dan] Is that he appeared in the magazine Hello! Hello, Calum.

[Calum] Hello.

[Hugh Dan] Hello.

This programme, Aibisidh, was first broadcast in 2012.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

craoladh - pest, plague

co-aoisean - peers (people of the same age)

fad-às - distant