ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Ciall an fhacail

[Ùisdean] Dà sgioba ma-thà a tha eòlach gu leòr air a’ ghnothaich, bha iad ag innse dhomh, ach saoil dè mar a tha iad le fìrinn no breug. Chun a’ chiad chuairt ma-thà. Tha a h-uile duine a’ faighinn facal, a h-uile taobh a’ faighinn facal an seo agus tha agaibh ri mìneachadh no ciall an fhacail a lìbhrigeadh. Tha aonan dhe na faclan air gach taobh fuadain ge-tà. Feumaidh gach sgioba breithneachadh orra agus tuairmse a dhèanamh càite a bheil an fhìrinn. Tha cothrom aig gach sgioba an taobh eile a cheasnachadh. Sin ma leigeas mise leotha. A rèir mar a thèid leotha an uair sin sgaoilidh mise na puingean mar a thogras mi fhèin. Dà phuing gu cinnteach ma nì sgioba a-mach fìrinn no breug. Agus dearbhaidh mise an uair sin ceart no ceàrr iad, le ceart no ma tha iad ceàrr mar siud ma-thà. ’S i a’ cheist ge-tà cò aig a tha an fhìrinn agus tha sinn a’ tòiseachadh ma-thà a’ tighinn an toiseach gu Màiri Anna. Dè am facal a th’ agad fhèin a Mhàiri Anna?

[Màiri Anna] Facal a th’ agams’ ann an seo “pallan”

[Ùisdean] Pallan.

[Màiri Anna] ’S e “pallan”, chan e “pàilean” idir ach “pallan” agus ’s e facal a tha cha mhòr air a dhol à bith. Tha mi an amharas gum bi fhios aig Ailig air chionn ’s tha e fhathast ann an corra cheàrnaidh aig na seann daoine, na seann dhaoine.

[Ailig] Saoil an robh thu a’ feuchainn ri cantail rium gur e dinosaur a th’ annam, a Mhàiri Anna?

[Màiri Anna] … san Eilean Sgitheanach.

[Iain] Chaidh e à bith mus do chruthaich thu e ma-thà.

[Ùisdean] Uill a bheil ceist, a bheil ceist agad?

[Iain] Pallan.

[Màiri Anna] Pallan. Nise, nan innisinn-s’ dhut beagan den eachdraidh bhiodh tu na bu chiallaiche.

[Iain] Glè mhath. Siuthad ma-thà.

[Ùisdean] Buail ort.

[Màiri Anna] Na Peutanaich às an Eilean Sgitheanach bha iad nan dotairean, nan ollamhan aig Clann MhicLeòid agus aig na Dòmhnallaich agus nuair a bha iad nan dotairean bha ainm aca airson pàirtean den bhothaig nach eilear ag ainmeachadh gu tric.

[Ùisdean] Uh oh. Siuthad.

[Iain] Agus an e sin a th’ ann am “pallan”?

[Màiri Anna] ’S e sin pàirt den bhothaig air nach bi thu a’ toirt tarraing ro thric.

[Iain] Cha chanadh tu ciamar a tha do “phallan”?

[Màiri Anna] Dh’fhaodadh tu sin a ràdh a chionn ’s bha e cudromach anns an ochdamh Linn deug. ’S e th’ anns a’ phallan ach an …

[Ùisdean] Am mìnich thu dhuinn dè th’ ann ma-thà?

[Màiri Anna] An dòc ann an seo eadar do shròn agus do liopa àrd. An dòc beag a tha ann an seo.

[Iain] Seadh, seadh, seadh. Tha e glè choltach ris an fhacal ballain a bhiodh aig bò, mar gum biodh.

[Màiri Anna] Ballain?

[Iain] Ballain na bà.

[Marie] ’S cha chanadh tu a bheil am pallan agad fallain? ged is e pìos den chorp agad…

[Màiri Anna] Cha chanadh tu sin idir. Fhios agad tha sibhse fanaid air rud a tha cudromach agus rud a bha san ochdamh linn deug na chomharra bòidhcheid.

[Ùisdean] Ann an aithghearrachd ma-thà a Mhàiri Anna, “pallan” dìreach geàrr-chunntas air a’ chiall aige agus gluaisidh sinn an uair sin gu Ailig.

[Màiri Anna] An dòc beag ann an seo os cionn do liopa.

[Iain] Seadh.

[Ùisdean] Dòc os cionn do liopa.

[Ailig] Tha pallan gu math mòr aig Màiri Anna.

[Ùisdean] Uill fàgaidh sinn sin an sin an-dràsta agus gluaisidh sinn gu Ailig ach am faigh sinn cothrom air an ath fhacal. Am facal a th’ aig Ailig ma-thà.

[Ailig] Uill ’s e facal a th’ ann an seo agus sin “gangaid” agus tha ciall no dhà aig an fhacal.

[Ùisdean] “Gangaid”.

[Ailig] “Gangaid”. Agus tha e, chanainn anns a’ chiad àite gu bheil e a’ ciallachadh duine a tha a’ dol na bhoil, a Mhàiri agus Iain, gu tric. Duine a tha uabhasach riaslach agus a’ dol na bhoil ann an aithghearrachd.

[Iain] Ciamar a chleachdadh tu e ma-thà? An e “gangaid” a chanadh sinne? ’S e fuaim Sgitheanach a tha sin.

[Ailig] ’S e. Fuaim an taobh sear.

[Iain] Ciamar a tha thu ga litreachadh? G A I

[Ailig] Gangaid. Tha e .. G A N G …

[Iain] À seadh.

[Ailig] … A I D. Gangaid a chanamaide agus tha thu cuideachd ga chleachdadh airson boireannach, gu h-àraidh boireannach a tha nas òige, agus a tha beagan faoin no baoin i fhèin.

[Iain] Seadh, seadh.

[Ailig] Ach cha chanainns’ gu brath gun robh a’ Bhànrigh a tha ri mo thaobh ann an seo gun robh i na gangaid.

[Iain] Ò uill.

[Ùisdean] Puing do dh’Ailig. Tha mi a’ smaointinn gum b’ fhiach do dh’Ailig comharra fhaighinn airson a bhith gu tur modhail ri Mhàiri Anna.

[Ailig] Tha aon rud eile ann agus tha seo gu math cudromach. Agus a-rithist tha mi ag ràdh, duilich, a chanadh ach ’s ann air na boireannaich a tha e a’ bualadh, a Mhàiri, agus boireannaich a tha gu math buaireasach. Nise chan e facal, mar a thuigeas sibh, chan e facal Sgitheanach a th’ ann idir.

[Ùisdean] An robh e na chleachdadh?

[Ailig] Cha robh e na chleachdadh, chan eil an leithid de rud againn san Eilean Sgitheanach – boireannaich a tha buaireasach.

[Marie] Mar boireannaich Leòdhasach a shaoileadh tu, ’s dòcha?

[Ailig] Sin agad e. ’S tha mi a’ smaoineachadh gur ann à Leòdhas a thàinig am facal bho thùs.

[Ùisdean] Uill fàgaidh sinn aig an sin e ma-thà. ’S ann à Leòdhas a thàinig an dà fhacal a th’ againn ma-thà – ’s e pallan agus gangaid. Agus tha a’ cheist a’ dol oirbhse – càite a bheil an fhìrinn?

[Iain] Dè do bheachd, a Mhàiri?

[Ùisdean] A bheil an còrr cheistean agaibh?

[Màiri ] Chanainns’ gu bheil am facal a thuirt Ailig, gur e facal cruaidh làidir a th’ ann agus ge b’ ann, ’s ann a’ bruidhinn air boireannach ’s dòcha cruaidh làidir a tha e. Saoilinn mi gur e facal a chleachdadh tu airson fireannach…

[Iain] A’ cur sìos air.

[Màiri ] A’ cur sìos air agus gu bheil e rud beag ro chùrs agus so chanainn gur e breug a th’ aig Ailig.

[Ùisdean] Tha sibh ag ràdh gur e a’ bhreug a th’ aig Ailig.

[Iain] Tha.

[Ùisdean] Uill dearbhadh, cò tha ag innse na fìrinn air an taobh seo?

[Iain] Nis.

[Ùisdean] Ma thèid agaibh air rian a dhèanamh dhe na cairtean. Fìrinn aig Ailig!

[Iain] Chan eil mi a’ dol a dh’èisteachd ri facal a chanas Màiri Anna às dèidh seo.

[Ùisdean] Mar sin tha sibh ceàrr.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

English Beurla

The word's meaning

[Hugh Dan] Two teams then that are fairly familiar with the business, they tell me, but I wonder how they are with fact and fiction. To the first round then. Everyone gets a word, each side gets a word here and you have to explain the word’s meaning or significance. One of the words on each side is false though. Each team must consider them and guess where the truth is. Each team has an opportunity to question the other side. That’s if I let them. Depending on how they get on I then will distribute the points as I please. Certainly, two points if a team works out true or false. And I will confirm then if they are right or wrong, with right and if they are wrong. Like that, then. But the question is though who is telling the truth and we are starting then coming firstly to Màiri Anna. What’s your word Màiri Anna?

[Mary Anne] My word here “pallan”.

[Hugh Dan] Pallan.

[Mary Anne] It’s “pallan”, not “pàilean” at all but “pallan” and it’s a word that has nearly become extinct. I suspect that Alec will know it because the old people in a few areas still have it.

[Alec] So were you trying to call me a dinosaur, Màiri Anna?

[Mary Anne] ... in the Isle of Skye.

[John] It was extinct before you created it then.

[Hugh Dan] Well is there a question, do you have a question?

[John] Pallan.

[Mary Anne] Pallan. Now, if I were to tell you a little about the history you would be more sensible.

[John] Very good. Go on then.

[Hugh Dan] Fìre on.

[Mary Anne] The Beatons in the Isle of Skye they were doctors, the Macleods’ and Macdonalds’ doctors and when they were doctors they had a name for parts of the body that are not often mentioned.

[Hugh Dan] Uh oh. Go on.

[John] And is that what “pallan” is?

[Mary Anne] That is ... A part of the body that you don’t refer to too often.

[John] You wouldn’t say how’s your “pallan”?

[Mary Anne] You could say that because it was important in the Eighteenth Century. The pallan is the ...

[Hugh Dan] Will you explain to us what it is then?

[Mary Anne] The area here between your nose and your upper lip. The small area that is here.

[John] Aye, aye, aye. It is very similar to the word ballan (teat) that the cow would have, as it were.

[Mary Anne] Ballan (teat)?

[John] Teat of the cow.

[Marie] And you wouldn’t say is your pallan healthy? although it is a part of your body...

[Mary Anne] You wouldn’t say that at all. You know you are mocking something important and something that was in the Eighteenth Century a mark of beauty.

[Hugh Dan] In brief then Màiri Anna, “pallan” just a summary of its meaning and we will then move to Alec.

[Màiri Anna] The little area here above your lip.

[John] Aye.

[Hugh Dan] Area above your lip.

[Alec] Màiri Anna has a very big pallan.

[Hugh Dan] Well we’ll leave that there just now and we’ll move to Alec so that we get a chance of both words. Alec’s word then.

[Alec] Well this word is “gangaid” and the word has a couple of meanings.

[Hugh Dan] “Gangaid”.

[Alec] “Gangaid”. And it is, I would say firstly that it means a man that gets into a frenzy, Màiri and John, often. A man that is terribly difficult and gets into a frenzy quickly.

[John] How would you use it then? Is it “gangaid” that we would say? That’s a Skye pronouciation.

[Alec] Yes. East coast pronounciation.

[John] How do you spell it? G A I

[Alec] Gangaid. It is .. G A N G ...

[John] Oh aye.

[Alec] ... A I D. We would say gangaid and you also use it for a woman, especially a younger woman, who is a little daft.

[John] Aye, aye.

[Alec] But I would never say that the Queen that is beside me here that she was a gangaid.

[John] Oh well.

[Hugh Dan] A point for Alec. I think that Alec deserves to get a mark for being completely courteous to Màiri Anna.

[Alec] There is one other thing and this is very important. And again I am sorry to say it impacts women, Màiri, women who are very annoying. Now it isn’t, as you will understand, a Skye word at all.

[Hugh Dan] Was it a custom?

[Alec] It wasn’t used, we don’t have such a thing in the Isle of Skye – women who are annoying.

[Marie] Like Lewis women you think, perhaps?

[Alec] That’s it. And I think that the word came from Lewis originally.

[Hugh Dan] Well we’ll leave it there then. Our two words came from Lewis then – that’s pallan and gangaid. And the question for you – where is the truth?

[John] What do you think, Màiri?

[Hugh Dan] Do you have anymore question?

[Marie] I would say that the word Alec said, that it’s a very strong word and if it was, he is talking about a woman who is perhaps very strong. I think that it’s a word that you would use for a man...

[John] Belittling him.

[Marie] Belittling him and that it is a little too harsh and so I would say that Alec is lying.

[Hugh Dan] You are saying that Alec is lying.

[John] Yes.

[Hugh Dan] Well confirmation, who is telling the truth on this side?

[John] Now.

[Hugh Dan] If you can manage to arrange the cards. Alec has the truth!

[John] I am not going to listen to a word that Màiri Anna says after this.

[Hugh Dan] Therefore you are wrong.

This programme, Aibisidh, was first broadcast in 2012.

Show English

fuadain - artificial, fake

rach à bith - to go / become extinct

gangaid - falsehood, deceit, bustle, light-headed female, deceiver