ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha an Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

A bheil thusa a’ cumail trang? Tha is Hamish

Gaelic Gàidhlig

[Hamish] Halò is mise Hamish, agus tha mi air ais an seo anns a’ bhaile agam fhèin sa Ghàidhealtachd fhad ’s a tha seo uile a’ dol. ’S e baile beag a th’ ann an Drochaid Chàrr le mu chòig ceud daoine a’ fuireach an seo an-dràsta.

[Hamish] Agus mar as trice ’s an àm seo bhiodh e trang le luchd-turais. Ach, leis a’ choròna-bhìoras a’ dol mun cuairt, tha e uabhasach sàmhach.

[Hamish] Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig sa cholaiste anns an Eilean Sgitheanach. Ach, leis a’ choròna-bhìoras an seo, chaidh a h-uile càil a dhùnadh mar sin tha mi air ais an seo ag obair. Chanainn gu bheil mi fhathast nam oileanach, ach tha mi dìreach ag obair ann an dòigh eadar-dhealaichte.

[Hamish] Mura h-eil mi ag obair air a’ chùrsa, ’s fhèarr leam a bhith an seo a-muigh agus a’ cuideachadh mo phàrantan sa ghàrradh agus tha iomadach obraichean againn fhathast ri dhèanamh. Mar sin, tha mi a’ cumail trang gu leòr!

[Hamish] Ag obair cruaidh mar as àbhaist.

[Hamish] Chan eil mi an-còmhnaidh cinnteach dè tha mi a’ dèanamh ge-tà.

[Hamish] Mar a chì thu, tha an gàrradh fhathast ann am bùrach ach tha ùine gu leòr againn gus crìoch a chur air agus cha robh mi anns an hamag airson fada. Tha obraichean eile agam ri dhèanamh airson mo phàrantan.

Are you keeping busy? Hamish is

English Beurla

[Hamish] Hello, I’m Hamish, and I back here in my own town in the Highlands while this is all going on. Carrbridge is a small town with about 500 people living here now.

[Hamish] And usually at this time of year it would be busy with tourists. But, with the coronavirus going around, it’s very quiet.

[Hamish] I’ve been learning Gaelic at college in the Isle of Skye. But, with this coronavirus, everything was closed and so I’m back here working. I’d say I’m still a student, but I’m just working in a different way.

[Hamish] If I’m not working on my course, I like to be out here and helping my parents in the garden and we have many jobs still to do. Therefore, I’m keeping busy enough!

[Hamish] Working hard as usual.

[Hamish] I’m not always sure what I’m doing though.

[Hamish] As you can see, the garden is still a mess, but we have enough time to finish it and I wasn’t on the hammock for long. I have other jobs to do for my parents.

Show English

a’ Ghàidhealtachd

the Highlands

luchd-turais

tourists

uabhasach

very

sàmhach

quiet

oileanach

student

eadar-dhealaichte

different

iomadach

many

an-còmhnaidh

always

bùrach

mess