ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Cluasagan-sèithre

Gaelic Gàidhlig

[Shona] Nis tha seann chluasag agam ann a sheo is chì sibh gu bheil e caran robach. Chan eil e a’ coimhead romhath mar a tha e, agus tha cuideachd seann gheansaidh agam a fhuair mi bho bhùth charthannais. Tha taga fhathast air. Agus ’s e tha mi dol a dhèanamh ach còmhdachadh ùr a dhèanamh air a’ chluasag a’ cleachdadh an seann gheansaidh. Agus a’ chiad rud a tha mi dol a dhèanamh ‘s e dìreach gearradh shuas gach taobh airson ’s gum bi an dà thaobh dhen gheansaidh agam.

[Shona] Tha mi dìreach a’ gearradh shuas far a bheil seam ann a sheo air gach taobh. Agus nì mi an aon rud air an taobh seo. Gearraidh mi shuas. Nist, sin agad an dà thaobh dhe agus, uill chan eil fhios a’m, tha a’ gheansaidh a tha seo caran dà-thaobhach. Tha am pàtran a’ coimhead math air gach taobh.

[Shona] A’ chluasag a th’ agam a mheudachadh feuch dè cho mòr a dh’fheumas e bhith. Tha sin mu aon òirleach deug agus tha mi a’ dol a chur aon òirleach a’ bharrachd ris a sin airson dusan a bhith agam dìreach airson ‘s gum bi gu leòr aodach agam airson seams is rudan mar sin. A’ cleachdadh a’ chiad phìos, agus dìreach pìos cailc, tha mi a’ dol a mheudachadh a-mach dusan òirlich. Sin agad aon phìos agus tha mi a’ dol a dhèanamh an dearbh rud leis a’ phìos eile a-nist.

[Shona] Seo a-nist tha an dà cheàrnag agam air a ghearradh a-mach agus tha mi smaoineachadh a-nist gu bheil mi a’ faicinn an dà thaobh dheth gum feuch mi ri cluasag a dhèanamh far a bheil an glas a tha seo air aon taobh agus an geal air an taobh eile. Tha mi a’ smaoineachadh gun obraich sin glè mhath.

[Shona] Nist na tha mi dol a dhèanamh ach na taobhan ceart a chur ri chèile, na taobhan a tha gu bhith air an taobh a-muigh dhen chluasag mar gum biodh. Mar sin tha mi dìreach a’ dol a thoirt sùil feuch dè an taobh dhen gheal a tha a coimhead nas fheàrr air eagal ‘s gu bheil rud sam bith air. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an dà thaobh ceart gu leòr agus an taobh glas a tha seo. Niste, cuiridh mi iad sin ri chèile, agus na taobhan seo, sin an taobh a-muigh aig a’ cheann thall, ach an-dràsta tha mi gan iarraidh taobh a-staigh.

[Shona] Nam biodh sibh ag iarraidh aig an ìre seo, dh’fhaodadh sibh ‘s dòcha lining a chur a-staigh. Chan eil mise dol a dhèanamh sin ach dh’fhaodadh sibh ma tha sibh airson beagan a bharrachd lining a bhith air. Seo a-nist. Tha mi a-nist a’ dol a chleachdadh prìnichean airson seo a chumail ann an àite agus airson ‘s gum faic mi càit an tèid mi nuair a thèid mi dhan inneal.

[Shona] Seo a-nist, tha mi air na prìnichean a chur mun cuairt air trì thaobhan agus sin na tha mi a’ dol a dhèanamh an-dràsta air an inneal.

[Shona] Le trì taobhan air am fuaigheal, tha mi ga lìonadh leis an stuth a bha am broinn a’ chuisein orains. ’S e tha mi a’ dol a chleachdadh ach mar a chanas iad blind stitch airson ’s nach fhaic sinn. Tha diofar dhòighean fiù ’s seo a dhèanamh. Dh’fhaodadh sibh fiù’s zip a chur air ma thogras sibh agus an uair sin faodaidh sibh an lìonadh a thoirt às agus ‘s dòcha putanan ma tha sibh airson a bhith ga fhosgladh, ach tha mise dìreach a’ dol ga dhèanamh an dòigh seo. ’S tha mi dìreach a’ dèanamh an aon rud a tha seo fad an rathaid dhan taobh eile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil e air a phasgadh mar sin agus gu bheil e teann. Seo a-nist, tha mi a’ tighinn faisg air an deireadh a-nist, cha mhòr nach eil mi ann. Agus ’s e tha mi a’ dol a dhèanamh airson crìochnachadh ach dìreach a chur a-staigh turas no dhà mar sin anns an aon àite, ‘s dòcha aon fhear eile mar sin. ’S an uair sin tha mi a’ dol ga chur sìos agus a-mach an taobh sin. ‘S gearraidh mi e a-nist.

[Shona] Agus sin agad e. Bho sheann gheansaidh, seann chluasag, gu cluasag ùr comhfhurtail. Snasail chanainns’.

Chair Pillows

English Beurla

[Shona] Now I have an old pillow here and you can see that it is quite scruffy. It doesn’t look too good as it is, and I also have an old jumper that I got from a charity shop. There’s still a tag on it, and what I’m going to do is to make a new cover for the pillow using the old jumper. And the first thing I’m going to do is just cut up each side so that I have the two sides of the jumper.

[Shona] I’m just cutting up where this seam is on both sides. And I’ll do the same thing on this side. I’ll cut up. Now, that’s the two sides of it and well I don’t know, this jumper is kind of two-sided. The pattern looks good on both sides.

[Shona] I’m measuring the pillow I have to see how big it has to be. That’s about eleven inches and I’m going to add an extra inch to it there so that I have a dozen just so that I have enough clothes for seams and things like that. Using the first piece, and just a piece of chalk, I’m going to measure out a dozen inches. That’s one piece, and I’m going to do the same thing with the other piece now.

[Shona] Now, I have the two squares cut out and I think now that I see the two sides of it that I’ll try and make a pillow with this grey on one side and the white on the other side. I think that will work really well.

[Shona] Now what I’m going to do is to put the right sides together, the sides that are going to be on the outside of the pillow, as it were. So I’m just going to take a look to see what side of the white looks the best in case there’s anything on it. I think that the two sides are alright, and this grey side. Now, I’ll put those together, and these sides, that will be the outside in the end, but now I want it on the inside.

[Shona] If you wanted to at this stage, you could maybe put a lining inside. I’m not going to do that but you could if you wanted a bit extra lining on it. So, now. I’m now going to use pins to keep this in place and so that I can see where to go when I go to the machine.

[Shona] Now, I’ve put the pins around the three sides and that’s what I’m going to do now on the machine.

[Shona] With three sides sewn, I’m filling it with the stuff that was in the orange cushion. What I’m going to use is, what they call a blind stitch so that we don’t see. There are different ways even to do this. You could even put a zip on if you want and then you could take out the stuffing and maybe buttons if you want to be opening it, but I’m just going to do it this way. And I’m just doing the same thing all the way to the other side, making sure that it is folded like that and that it’s tight. Now, I’m coming close to the end now, I’m almost there. And what I’m going to do to finish is just to put a stitch in in once or twice in the same place, maybe one more like that. And then I’m going to put it down and out on that side. And I’ll cut it now.

[Shona] And there you go. From an old jumper, an old pillow, to a new comfortable pillow. Snazzy, I’d say.

geansaidh

a jumper

bùth carthannais

a charity shop

cluasag

a pillow

a’ gearradh

cutting

dà-thaobhach

two-sided

pàtran

a pattern

prìnichean

pins

inneal

a machine