ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Seall air na ròin!

Gaelic Gàidhlig

[Ramsay] Abair gun robh srann agamsa a-raoir agus air cuideigin eile san dorm agam, ach latha mòr eile romhainn agus chan eil ùine really airson bracaist ceart. Mar sin, my body is a temple, banana is chocolate bar.

[Ramsay] Tha mi a’ gabhail cuairt ann am bàta airson barrachd eòlais a chur air an sgìre.

[Ramsay] Tha sinn dol gu muir.

[Ramsay] Tha sinn a’ faicinn sia deug ròin, sia ròin deug an sin, feadhainn bhàn, feadhainn ruadh, feadhainn dhubha, rudeigin airson a h-uile duine ’s dòcha.

[Ramsay] Nach th’ ann aca am beatha, nan sìneadh fad an latha.

[Ramsay] ’S e shags a chanas iad riutha sin.

[Ramsay] Nach robh mi a’ coimhead airson shag fhad ’s a bha mi an seo.

[Ramsay] Right, gu leòr dhen a sin, tha an sgiobair air ag innse dhomh mu dheidhinn Corrag, bana-bhuidseach a bha a fuireach san sgìre mun àm muirt Ghlinne Comhainn. Thuirt ise nam biodh gu siorraidh ceangal tarsainn a' chaolais eadar Loch Lìobhann agus an Linne Dubh, gum biodh i fo mhallachd agus nuair a dh’fhosgail an drochaid, cha mhòr trì cheud bliadhna as dèidh sin bha cuimhne aig daoine fhathast air a briathran.

[Ramsay] Tha iad ag innse dhòmhsa gu bheil nach deach an drochaid seo a chrìochnachadh idir agus nach iomadach turas a chaidh mise seachad air ann an càr.

[Ramsay] So tha iad ag ràdh gu bheil screw no bolt a dhìth an sin, agus cha do chuir iad dad … rinn iad sin air sgàth ‘s nach robh iad airson crìoch a chur air an drochaid no thigeadh manadh am bana-bhuidseach Corrag, thigeadh sin gu bith agus mar sin thigeadh mollachd ’s sgrios air Baile a' Chaolais.

[Ramsay] Ach mus tèid sinn dhachaigh tha iad a’ dol a dhèanamh ’s dòcha dearbhadh carson a tha am bàta seo cho luath agus carson a tha na special forces ga chleachdadh.

[Ramsay] Cùm greim teann!

[Ramsay] Siud an G-force.

[Ramsay] Tha e mar roller coaster!

[Ramsay] Chan fhaic sibh ach tha greim bàis agam air a’ chamaraman air eagal ’s gun chail mi e.

[Ramsay] Tha sinn builleach air a chliathaich.

[Ramsay] Abair thusa gun do dh’fhàg siud m’ anail nam uchd.

[Ramsay] Chuir an adhar fionnar sin an t-acras orm agus mar sin rinn mi mo rathad sìos taobh Loch Lìobhainn gu àite far am faigh mi greim bìdh.

[Ramsay] Nist, shabhail mise beagan airgid a-raoir air sgàth ‘s gun do ghabh mi beans on toast, ach tha mi a’ dol ga chosg a-nist air truinnsear mòr àlainn de mhaorach bhon sgìre. Tha mi aig an café a tha seo, chì sibh sin nist.

[Ramsay] Tha mi creidsinn gu bheil creachan agam, langoustines, giomach, crùbag, dè tha sin eisirean, srùbain.

[Ramsay] I’ve just spied, tha fiù ’s muirsgianan, siud an rud as fheàrr leam.

[Ramsay] Chan eil an criutha a’ dol a dh’fhaighinn, chan eil iadsan dol a dh’fhaighinn sgròbag uam.

Look at the seals!

English Beurla

[Ramsay] You bet I was snoring last night, and someone else was too in my dorm, but another big day is ahead of us and there’s not really time for a proper breakfast. So, my body is a temple, banana and a chocolate bar.

[Ramsay] I’m taking a trip on the boat to get to know more about the area.

[Ramsay] We’re going to sea.

[Ramsay] We’re seeing 16 seals, 16 seals there, some white, some red, some black, something for everyone maybe.

[Ramsay] Don’t they have the life, lying down all day.

[Ramsay] They call those shags.

[Ramsay] Wasn’t I looking for a shag while I was here?

[Ramsay] Right, enough of that, the skipper is telling me about Corrag, a witch who lived in the area around the time of the Glencoe massacre. She said that if there was a permanent connection across the strait between Loch Leven and Loch Linnhe, that it would be under a curse and when the bridge opened. Almost 300 years after that, people still remembered the saying.

[Ramsay] They’re telling me that, that this bridge didn’t get finished at all but it’s many a time that I went over it in the car.

[Ramsay] So they say that there’s a screw or bolt missing there and they did that because they didn’t want to finish the bridge or the omen of the witch, Corrag, would come to be and so the curse and destruction would befall Ballachulish.

[Ramsay] But before we go home they’re going to do show just how fast this boat is so fast and why the special forces use it.

[Ramsay] Keep a tight grip!

[Ramsay] That’s the G-force.

[Ramsay] It’s like a roller coaster.

[Ramsay] You can’t see but I have a death grip on the cameraman for fear that I’ll lose him.

[Ramsay] We’re almost on the side.

[Ramsay] Boy did that left me breathless.

[Ramsay] That fresh air made me hungry, so I made my way down to the side of Loch Leven to a place where I can get a bite to eat.

[Ramsay] Now, I saved a wee bit of money last night because I had beans on toast, but I’m going to spend it now on a big, beautiful plate of local shellfish. I’m at this café, you’ll see now.

[Ramsay] I believe that I have scallops, langoustines, lobster, crab, what’s that oysters, cockles.

[Ramsay] I’ve just spied there’s even razor clams, that’s my favourite thing.

[Ramsay] The crew aren’t going to get, they’re not going to get a scrap from me.

srann

a snore

ròn

a seal

bana-bhuidseach

a witch

corrag

a finger

drochaid

a bridge

teann

tight