ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Entertainment Dibhearsan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

A’ tilleadh bho Shìona

Gaelic Gàidhlig

[Mairead] Hi, it’s Mairead again and today I’m going to tell you how I returned from China during the time of coronavirus. [Mairead] I had been travelling and therefore I was in a city with the name Kunming, miles away from my home in Tianjin. We put masks on and me and my friend went to the airport. They took our temperature at the door and, luckily, I was cold enough. Everyone in the airport had a mask on and there were two on all the staff members. They took my temperature four times in total before I left the airport in Tianjin. I returned to the campus and I started my quarantine for 14 days because I was in Wuhan. I didn’t have permission to leave my room apart from to get hot water. I wasn’t there long though when our co-ordinating team in Scotland agreed that it wasn’t safe for us any more to be there. I’m so grateful that they organised everything because that would have been too much for me.

[Mairead] We went to the airport for the second time and the situation was the same as in Kunming: everyone with a mask on and instruments to take your temperature all over the place. The airport was kind of empty though because it wasn’t recommended to travel if it wasn’t essential.

[Mairead] We were all very tired and a bit upset with the situation. The thing, the whole thing was just truly strange. On the plane itself all the staff had two masks on, and they had gloves and extra protective clothes on. But I was so tired that I didn’t notice much else.

[Mairead] I was a bit worried about returning to Britain because I had been in Wuhan 20 days earlier. But not even one question was asked of me and we were told that we didn’t have anything to do if we weren’t feeling sick.

[Mairead] Now I am enjoying being back in the house with my family. I’m now doing classes online and I’m just trying to work out how I will return to China when it’s safe for me.

Returning from China

English Beurla

[Mairead] Haidh, ’s e Mairead a th’ ann a-rithist agus an-diugh tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a thill mi bho Shìona aig àm a’ choròna-bhìoras. Bha mi air a bhith a’ siubhal agus mar sin bha mi ann am baile leis an ainm Kunming, mìltean air falbh bho mo dhachaigh ann an Tianjin. Chuir sinn ar masgaichean oirnn agus chaidh mi fhìn ’s mo charaid dhan port-adhair. Ghabh iad ar teothachd aig an doras agus, gu fortanach, bha mise fuar gu leòr. Bha a h-uile duine am broinn am port-adhair le masg orra agus bha dithis air uile an luchd-obrach. Ghabh iad an teothachd agam ceithir tursan gu lèir mus an do dh’fhàg mi am port-adhair ann an Tianjin. Thill mi dhan champus agus thòisich mi an quarantine airson ceithir-deug latha agam air sgàth ’s gu robh mi ann an Wuhan. Cha robh cead agam mo sheòmar fhàgail ach airson uisge teth fhaighinn. Cha robh mi ann fada ge-tà nuair a dh’aontaich ar buidheann co-òrdachaidh ann an Alba nach robh e fhathast sàbhailte dhuinn a bhith ann an sin. Tha mi cho taingeil gun do chuir iad a h-uile càil air dòigh oir bhiodh sin air a bhidh cus air mo shon.

[Mairead] Chaidh sinn dhan port-adhair airson an dàrna turas agus bha an suidheachadh an aon rud ri ann an Kunming: a h-uile duine le masg orra agus innealan airson gabhail do theothachd air feadh an àite. Bha am port-adhair caran falamh ge-tà air sgàth ‘s nach robh e air a mholadh a bhith a' siubhal mar nach robh e riatanach.

[Mairead] Bha sinn uile gu math sgìth agus beagan tro chèile leis an t-suidheachadh. ’S e rud, bha an rud gu lèir dìreach fìor neònach. Air am plèana fhèin bha uile luchd-obrach le dà mhasg orra agus bha miotagan agus aodach dìon a bharrachd orra. Ach bha mise cho sgìth nach do mhothaich mi mòran eile.

[Mairead] Bha mise beagan iomagaineach mu dheidhinn tilleadh gu Breatann air sgàth ’s gu robh mise air a bhidh ann an Wuhan fichead latha na bu tràithe. Ach cha deach fiù ’s aon ceist fhaighneachd orm agus chaidh innse dhuinn nach robh càil againn ri dhèanamh mar nach robh sinn a’ faireachdainn tinn.

[Mairead] A-nis tha e a’ còrdadh rium a bhith air ais ’s an taigh le mo theaghlach. Tha mi a-nis ann an clasaichean air-loidhne agus tha mi dìreach a’ feuchainn ri obrachadh a-mach mar a thilleas mi gu Sìona nuair a tha e sàbhailte dhomh.

Show English

port-adhair

airport

teothachd

temperature

sgìth

tired

tinn

sick

sàbhailte

safe